Foghlam

Foghlam

The foghlam is ionnsachadh na Gàidhlig aig cridhe nan amasan is àrd-mhiannan a tha aig Bòrd na Gàidhlig. Bho chròileagain gu cùrsaichean iar-cheumnach, tha an raon farsaing seo mar bhunait nan oidhirpean a tha sinn a’ dèanamh gus Gàidhlig a ghlèidheadh agus ath-bheòthachadh.  Mar sin, tha foghlam is ionnsachadh is leasachadh sgilean Gàidhig nan àrd-phrìomhachasan ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus tha iad riatanach don àm ri teachd agus sunnd a’ chànain.   Bidh sinn ag obair ann an com-pàirteachas le grunnan bhuidheann & dhaoine fa leth gus foghlam agus ionnsachadh na Gàidhlig adhartachadh agus a leasachadh aig a h-uile ìre – an dà chuid do dhaoine òga agus inbhich, agus do fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh.

Picture: Child in library reading a book in a school uniform.
Picture: Teacher in a secondary school classroom with 3 pupils and a human body figure that shows organs.
Picture: Child in library reading a book in a school uniform.
Picture: Teacher in a secondary school classroom with 3 pupils and a human body figure that shows organs.

Goireasan

Tha an raon de ghoireasan a thathar a’ cleachdadh ann am foghlam Gàidhlig a’ sìor-dhol am meud gach bliadhna.  Is e Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig  am prìomh bhuidheann le dleastanas airson a bhith a’ tabhann agus a’ cruthachadh goireasan agus stuthan ionnsachaidh airson Foghlam Gàidhlig ann an sgoiltean.    Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd a’ toirt taic do bhuidhnean eile leithid Comhairle nan Leabhraichean agus foillsichearan mar Acair Earranta gus raon fharsaing de stuthan sgrìobhte agus goireasan eile ann an Gàidhlig no airson na Gàidhlig ullachadh, agus tha mòran dhiubh sin air an cleachdadh airson foghlam agus ionnsachadh na Gàidhlig.   Tha mòran làraich-lìn ann cuideachd is urrainn cuideachadh le foghlam agus ionnsachadh a’ gabhail a-steach:  LearnGaelicGaelic4ParentsGàidhlig nan Òg & Go!Gaelic.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security