Fios-naidheachd – 04.08.2020
Thuirt neach-labhairt às leth bòrd-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig:
“Tha an leasachadh agus an tasgadh leantainneach againn anns a’ Ghàidhlig an-còmhnaidh a’ lìbhrigeadh deagh thoraidhean. Air a’ bhliadhna seo fhèin, tha Bòrd na Gàidhlig ag obair le 68 buidheann poblach air planaichean Gàidhlig, is ‘on Ghiblean tha e air maoin ùr a stèidheachadh gus taic a chumail ri buidhnean air an tug suidheachadh COVID-19 buaidh, agus tha e air còrr is £1 millean a thoirt do chòrr is 60 buidheann gus an toir iad seachad seirbheisean agus pròiseactan Gàidhlig air feadh na h-Alba. A bharrachd air seo, bidh sinn a’ cur bheachdan a-steach gu cunbhalach do cho-chomhairlean riaghaltais air buaidh COVID-19 air gach raon poileasaidh a tha cudromach dhan Ghàidhlig.
“Tha an iomairt againn le com-pàirtichean gus taic a thoirt do dhaoine òga a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig aig an taigh, air mìltean de sheiseanan de ghnìomhan a lìbhrigeadh air-loidhne rè a’ ghlasaidh-shluaigh agus cumaidh sinn oirnn a’ cruthachadh barrachd chothroman anns na mìosan a tha romhainn, agus leis na prìomh chom-pàirtichean againn, tha sinn air aontachadh air dòighean eile gus na gnìomhan a tha sinn a’ maoineachadh a lìbhrigeadh. Tha an àireamh de chloinn a tha ag ionnsachadh tro fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air àrdachadh 10% san 12 mhìos seo chaidh, agus tha an àireamh de luchd-teagaisg Gàidhlig air àrdachadh le 5% am-bliadhna, seo àrdachadh de 33% sna 10 bliadhna mu dheireadh.”