Cultar ann an Coimhearsnachdan – Rannsachadh
![Picture: Gaelic-speaking community members, community officers and others gathered outside Comunnn Eachdraidh Nis in the Isle of Lewis. Text reads 'Culture in Communities - Enquiry'](https://www.gaidhlig.scot/wp-content/uploads/2023/05/Cultar-ann-an-Coimhearsnachdan.png)
Tha Pàrlamaid na h-Alba an-dràsta a’ sireadh fiosrachaidh mu na tha a’ tachairt nar coimhearsnachdan ionadail. Dè tha ag obair gu math? Agus dè na cnapan-starra a th’ ann a thaobh a bhith a’ cur air adhart no a’ gabhail pàirt ann an gnìomhan cultarail? Chur Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach ann air 29 Màrt. Am measg na thuirt sinn:
Tha cànan is cultar na Gàidhlig ann airson a h-uile duine a bhith a’ mealadh agus a’ gabhail pàirt ann. Tha Bòrd na Gàidhlig agus an luchd-pàirt againn an geall air taic a thoirt do choimhearsnachdan air feadh Alba a tha airson cothrom fhaighinn air cànan is cultar na Gàidhlig. Tha sinn ag aithneachadh, ge-tà, gu bheil mòran obrach ri dhèanamh fhathast gus dèanamh cinnteach gu bheil coimhearsnachdan is buidhnean eòlach air a’ chultar Ghàidhlig againn agus a’ faireachdainn comasach air conaltradh ri luchd-bruidhinn is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Cumaidh sinn oirnn a’ brosnachadh conaltradh coimhearsnachd ri cultar na Gàidhlig tro na sruthan maoineachaidh is com-pàirtichean lìbhrigidh againn.
Faodar am freagairt slàn a lorg an seo.