COVID-19: Teachdaireachd bho Cheannard Bhòrd na Gàidhlig

Tha mi an dòchas gu bheil sibh uile slàn is sàbhailte. Tha mi mothachail gur e àm làn mhì-cinnt is iomagain a tha seo.

Tha mi airson ath-dhearbhadh a dhèanamh air geallaidhean Bhòrd na Gàidhlig do ar com-pàirtichean maoineachaidh, buidhnean saor-thoileach, coimhearsnachdan agus do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig an àm seo. Tha sinn air iomradh a thoirt air an obair a tha romhainn gu h-ìosal agus cumaidh sinn fios ribh fhad ’s a tha sinn a’ gluasad air adhart.

Duaisean Maoineachaidh

  • Mar a chaidh ainmeachadh an t-seachdain ’s a chaidh, bidh cuid de na tachartasan is pròiseactan a fhuair taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig fo sgrùdadh an-dràsta is ma dh’fhaodte gun tèid an cur dheth no atharrachadh gu uaireigin eile.
  • Tha e cudromach gun lean buidhnean comhairle oifigeil agus gun cuidich iad anns na h-oidhirpean gus bacadh a chur air COVID-19.
  • Cuirear prìomhachas air sàbhailteachd dhaoine is coimhearsnachdan gus nach bi barrachd uallach ga chur air an NHS.
  • Gheibhear a’ chomhairle is fiosrachadh as ùire bho Riaghaltas na h-Alba an seo: https://www.gov.scot/coronavirus-covid-19/
  • Ma thig buaidh air a’ pròiseact agaibh ri linn a bhith a’ leantainn comhairle oifigeil air COVID-19, bidh maoineachadh Bhòrd na Gàidhlig, mar a chìthear iomchaidh, fhathast air a thoirt seachad. Thathar an dùil gun cumar fios rinn le planaichean is atharrachaidhean.

Ar Luchd-obrach

A’ leantainn comhairle Riaghaltas na h-Alba, tha an luchd-obrach air fad ag obair bhon taigh gu ruige àm nuair nach eil seo riatanach. Bidh sinn ag obair mar as àbhaist rè na h-ùine seo cho fad ’s a tha e comasach. Chan eil coimeas againn litrichean a thogail bho Thaigh a’ Ghlinne Mhòir is mar sin cuiribh sgrìobhainnean thugainn tro phost-d.

Ar n-Obair

Rè na h-ùine seo, seo dhuibh fiosrachadh air obair Bhòrd na Gàidhlig:

  • A’ sgaoileadh fiosrachaidh, tro lìonraidhean sòisealta a’ Bhùird, mu ghoireasan ionnsachaidh feumail a dh’fhaodadh a bhith nan cuideachadh do dhaoine òga aig an taigh.
  • A’ leasachadh duilleag ‘#cleachdi aig an taigh’ air an làraich-lìn againn airson fiosrachadh a thaisbeanadh mu na diofar goireasan a tha ri fhaotainn gus Gàidhlig a chleachdadh aig an taigh.
  • Ag obair le diofar com-pàirtichean gus a dhèanamh cinnteach gu bheil na goireasan a bhios sinn a’ maoineachadh, ri fhaotainn do sgoilearan Gàidhlig air fad, is trèanadh ri fhaighinn gus an urrainn do theaghlaichean an cleachdadh; cuide ri fiosrachadh a thoirt seachad do phàrantan.
  • Sa mheadhan ùine, bidh sinn a’ cruthachadh goireas fiosrachaidh air-loidhne do sgoiltean a bhios a’ togail air cothroman obrach ann an saoghal na Gàidhlig; agus a’ coimhead air an t-seòrsa taic a dh’fhaodadh sinn a thoirt seachad air-loidhne do thidsearan ùra is daoine eile aig an robh ùidh anns na tachartasan a bha san amhairc dhuinn sna mìosan a tha romhainn.
  • Ag obair le prìomh buidhnean maoineachaidh airson cothroman a chruthachadh gus Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh tachartasan foghlam foirmeil. Bhiodh seo aig ìre nàiseanta is ionadail.
  • A’ coimhead air cothroman nas fharsainge gus taic a thoirt do dhaoine a bhios ag obair air an ceann fhèin is ag obair taobh a-staigh foghlam, roinnean cruthachail is cultarail airson obair còmhla riutha gus iomairtean a chruthachadh is a lìbhrigeadh gus cleachdadh na Gàidhlig àrdachadh agus aig an aon àm, a bhith ag àrdachadh an cuid chothroman fastaidh.

Tha sinn cuideachd a’ bruidhinn ri luchd-obrach mu bhith a’ toirt taic do bhuidhnean eile far a bheil iarrtas ann airson foghlam tron Ghàidhlig air sgàth gainnead an luchd-obrach ri linn a’ ghalair.

Ma bhios ceistean agaibh, cuiribh fios gu oifis@gaidhlig.scot agus thèid ur teachdaireachd air adhart chun an neach no na roinn iomchaidh.

Cumaibh sàbhailte a chàirdean.

Deagh dhùrachdan,

Shona Niclllinnein

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security