Coimisean nam Pàircean Nàiseanta – Co-chomhairleachadh luchd-ùidhe
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air a’ chothrom freagairt a thoirt don cho-chomhairleachadh seo air Coimisean nam Pàircean Nàiseanta.
Anns an fhreagairt bha na puingean a leanas:
Leis an àireamh de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus turasachd a tha co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig a’ fàs, tha seo mar chothrom mìorbhaileach airson Pàirc Nàiseanta ùr agus airson nam Pàircean Nàiseanta a th’ ann mar-thà. Le bhith a’ tàladh dhaoine a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig no aig a bheil ùidh innte, bithear a’ cruthachadh barrachd iomadachd am measg pròifil an luchd-tadhail – agus a’ meudachadh na h-àireamh de luchd-tadhail, leis na buannachdan eaconamach a thig còmhla ri sin.
Bidh cleachdadh na Gàidhlig ann an suidheachaidhean leithid nam Pàircean Nàiseanta a’ cur ri sunnd dhaoine.
Bidh cànan agus cultar a’ cruthachadh fèin-mhiadh, a’ brosnachadh fèin-mhisneachd, a’ mìneachadh fèin-aithne agus a’ leasachadh maitheas na beatha. Bidh seo a’ meudachadh sunnd luchd-cleachdaidh, luchd- ionnsachaidh agus luchd-taice na Gàidhlig – aig a bheil moit mhòr às a’ Ghàidhlig agus a cultar. Tha a’ Ghàidhlig a’ cur ris, ann an dòigh dheimhinneach, na bhios na daoine seo a’ smaointinn agus a’ faireachdainn mu dheidhinn am beathannan.
Gheibhear am freagairt slàn an seo.