Freagairt air Co-chomhairleachadh: Bile Còraichean a’ Chinne-daonna airson Alba
Tha BNG air freagairt a chur a-steach gu co-chomhairleachadh poblach Riaghaltas na h-Alba: Bile Còraichean a’ Chinne-daonna airson Alba. Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:
’S e mion-chànan dùthchasach na h-Alba a th’ ann an Gàidhlig na h-Alba, agus tha i air a bhith ga bruidhinn san dùthaich airson còrr air dusan linn. Faodar a crìonadh a cheangal gu dìreach ri 400 bliadhna de reachdas a chaidh a dhealbhadh gus a chuir a-mach à comann-sòisealta na h-Alba. Tha aithne do chòraichean mion-chànanan dùthchasach ann am Bile Còraichean a’ Chinne-daonna na h-Alba riatanach ann a bhith ag ath-stèidheachadh a’ chànain na dùthaich dhachaidh.
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ freagairt ris a’ cho-chomhairleachadh a chionn ’s gu bheil sinn airson barrachd soilleireachd fhaicinn air a’ bhuaidh a bhios aig a’ Bhile a thathar a’ moladh air a’ Ghàidhlig.
Gheibhear am freagairt slàn an seo.