Co-chomhairle Ath-leasachadh Taghaidh Riaghaltas na h-Alba
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh co-chomhairle air ath-leasachadh taghaidh. Chur Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach ann agus am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:
Tha Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba ag ràdh “airson gum bi a’ Ghàidhlig seasmhach san àm ri teachd, tha feum ann airson oidhirp còmhla” bho raon de bhuidhnean agus luchd-labhairt fa-leth na Gàidhlig – a’ gabhail a-steach “riaghaltas” – gus:
• Cleachdadh na Gàidhlig a chomasachadh ann an raon de shuidheachaidhean sòisealta, foirmeil agus obrach.
• Meudaich spèis agus faicsinneachd, cluinntinn agus aithne don Ghàidhlig.
Mar sin, chuidicheadh leudachadh cleachdadh na Gàidhlig gu stuthan taghaidh gus poileasaidhean Riaghaltas na h-Alba fhèin airson a’ chànain a thoirt gu buil. Le bhith ag àrdachadh cleachdadh na Gàidhlig, chuidicheadh e cuideachd ri bhith a’ coileanadh amasan Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig.
Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach cleachdadh na Gàidhlig air pàipearan baileat taghaidh ann an taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba agus ùghdarrasan ionadail.
Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.