Chaidh pàipear fiosrachaidh a sgaoileadh do Bhuill Pàrlamaid na h-Alba air thoiseach air deasbad air a’ Phlana Nàiseanta Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba a-màireach.
Faodar seo a leughadh gu h-ìosal:
Chaidh pàipear fiosrachaidh a sgaoileadh do Bhuill Pàrlamaid na h-Alba air thoiseach air deasbad air a’ Phlana Nàiseanta Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba a-màireach.
Faodar seo a leughadh gu h-ìosal:
Tha lèirmheas neo-eisimeileach a’ dol air adhart an-dràsta le sgioba fo stiùir Sabhal Mòr Ostaig air adhartas a’ Phlana Nàiseanta làthaireach. Mar phàirt den obair seo, tha iad a’ rannsachadh cleachdadh na Gàidhlig.
Tha sinn a’ sgaoileadh ceisteachan goirid mar phàirt de lèirmheas seo. Bhiodh sinn air leth taingeil nam biodh mionaid agaibh airson seo a lìonadh a-steach. Bidh e fosgailte airson 24 uair a thìde a-mhàin (bho 8f air 20 Ògmhios gu 8f air 21 Ògmhios) agus ri lìonadh a-steach an-seo: https://forms.office.com/r/YSQ87RN65p.
Cuiridh na freagairtean seo ri aithisg SMO a thig a-mach sna mìosan ri thighinn.
**Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd – https://www.gaidhlig.scot/wp-content/uploads/2021/06/NGLP-Privacy-Notice-June-2021.pdf**
BALL
Rugadh agus thogadh Dòmhnall MacAoidh air Eilean Leòdhais agus a’ Ghàidhlig aige bhon thùs. Às deidh trèanadh mar Einnseanair Mheacanaigeach dh’obraich e ann an gnìomhachas a’ ghasa agus ola.
“Chòrd e rium a bhith ag obair thall-thairis 16 bliadhna anns an robh an t-àrachadh dà-chànanach agam na shàr bhuannachd ann a bhith a’ dèiligeadh le cànain ùra. Tha còrr air 15 bliadhna de eòlas agam mar mhanaidsear aig àrd ìre, a’ mìneachadh agus a’ lìbhrigeadh atharrachadh agus fàs ro-innleachdail. A-nis stèidhichte ann an Siorrachd Obar Dheathain bhrèagha son na deich bliadhna mu dheireadh, ’s e am miann agam Gàidhlig fhaicinn a’ soirbheachadh mar chànan bheò anns a’ chòimhearsnachd, agus tha mi an dòchas gum bi an t-èolas agam ann an gnìomhachas agus mo ghaol don a’ chànan gu feum do Bhòrd na Gàidhlig ann a bhith a’ neartachadh a’ chànain anns an àm ri teachd.”
SUIDHEACHADH
Seasaidh an suidheachadh seo son ceithir bliadhna eadar 1 an Giblean 2021 gu 31 am Màirt 2025.
Tha an suidheachadh seo air a riaghladh leis a’ Choimiseanair airson Bhun-thomhasan Beusail.
PÀIGHEADH
Tha an suidheachadh seo pàirt ùine agus gheibh e pàigheadh luach £194 gach latha son ùine obraich de thrì làithean gach mìos.
SUIDHEACHAIDHEAN MINISTREIL EILE
Chan eil suidheachaidhean poblach sam bith eile aig Dòmhnall MacAoidh.
GNÌOMHAN POILEATAIGEACH
Tha suidheachaidhean uile air an lìonadh a thaobh airidheachd agus chan eil gnìomhan poileataigeach a’ gabhail buaidh sam bith air a’ phròiseas thaghaidh. Ach, a-rèir mholaidhean tùsail Nolan, feumaidh gnìomhan poileataigeach daoine anns a’ chòig bliadhna mus deach an cuir ann an suidheachadh (nam biodh gnìomhan sam bith ann) a dhèanamh poblach.
Cha robh gnìomhan poileataigeach aig Dòmhnall MacAoidh anns a’ chòig bliadhna mu dheireadh.
CÙL-FHIOSRACHADH
’S e Bòrd na Gàidhlig Buidheann Neo-Roinneil Phoblach reachdail stèidhichte fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus ’s ann aige a tha an dleasdanas son na Gàidhlig a dhìon ann an Alba anns an àm ri teachd, cleachdadh agus tuigse na Gàidhlig a bhrosnachadh agus leasachadh is taic a thòirt do dh’fhoghlam agus cultar na Gàidhig.
Tùs: https://www.gov.scot/publications/public-appointments-news-releases/
Tha Bòrd na Gàidhlig duilich a chluinntinn gun do chaochail an t-Àrd Ollamh Coinneach MacFhionghain aig aois 88.
Bha Coinneach air a’ bhòrd-stiùiridh aig Bòrd na Gàidhlig (Alba) eadar 2003 agus 2006. Nuair, anns a’ Ghearran 2006, a steidhicheadh Bòrd na Gàidhlig fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, lean Coinneach na Bhall air Bòrd na Gàidhlig gu ruige 2014.
Bha e aithnichte gu sònraichte airson an rannsachaidh is foillseachaidh a rinn e fad còrr air dà fhichead bliadhna air sòiseo-chànanachas, gu sònraichte mun a’ Ghàidhlig, toraidhean nan cunntasan-sluaigh, mion-chànain eile agus planadh cànain.
Bidh Bòrd na Gàidhlig gu brath taingeil dha Coinneach airson an eòlais is an taice a thug e dhan bhuidhinn is dhan Ghàidhlig fad iomadh bhliadhna. Tha sinn a’ cur co-fhaireachdainn dhan teaghlach aige.
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air proifeiseantaich le ùidh san dreuchd Stiùiriche Foghlaim gu seisean fiosrachaidh le Stiùiriche Foghlaim (làthaireach), Manaidsear Foghlaim agus Ceannard na buidhne.
‘S e cothrom mi-fhoirmeil a bhios seo gus barrachd fhaighinn a-mach mun obair is dleastanasan roinn an fhoghlaim.
Thèid an t-seisean a shruthadh beò air Teams le coimeas cheistean a chur don sgioba tro ‘chat box’.
Clàraibh tro Eventbrite gus pàirt a ghabhail: https://www.eventbrite.co.uk/e/seisean-fiosrachaidh-stiuiriche-foghlaim-registration-151184897097
Ma bhios ceistean agaibh mun t-seisean, cuiribh fios gu corporra@gaidhlig.scot.
Fiosrachadh as ùire: Tha an t-àm airson clàradh airson na coinneamh seo air a dhol seachad.
18.03.2021
Dh’aontaich Bòrd na Gàidhlig an-diugh pròiseactan a thoirt air adhart a neartaicheas cleachdadh na Gàidhlig, le fòcas làidir air coimhearsnachdan eileanach is dùthchail. Mar thoradh air na dùbhlain a dh’adhbhraich COVID-19 do sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FtG), chaidh £212k de mhaoineachadh a thoirt do Chomunn na Gàidhlig, Comann nam Pàrant agus Fèisean nan Gàidheal gus gnìomhan a bharrachd a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig do dhaoine òga. Dh’aontaich am Bòrd-stiùiridh cuideachd maoineachadh a thoirt do sgeama pìleat luach £154,000 a thèid a thoirt air adhart an co-bhonn le Fearann Coimhearsnachd Alba.
Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) toilichte a ràdh gu bheil iad a’ cur £89,520 gu pròiseactan stèidhichte ann an coimhearsnachdan air feadh na h-Alba tro sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd (TFC).
Chaidh an sgeama TFC a stèidheachadh gus taic a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd gus pròiseactan a chur an gnìomh a bhios a’ cur ri prìomhachasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig.
Tha 35 pròiseactan gu bhith a’ faighinn taic-airgid bho sgeama TFC airson na bliadhna 2021-22.
Am measg nam pròiseactan soirbheachail, tha clasaichean Gàidhlig, taic do bhuidhnean Mòid is Comann nam Pàrant agus pròiseactan sònraichte a chuireas taic don Ghàidhlig. Tha na pròiseactan gan ruith air feadh na dùthcha, a’ gabhail a-steach sgìrean leithid Inbhir Chluaidh, Obar Dheathain, Sruighlea agus a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha buidhnean leithid Fèis Taigh Dhonnchaidh, Urras an Taobh Sear agus Rural Nations Scotland an dùil pròiseactan a ruith le taic bhon sgeama.
Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd:
“Tha sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd gu mòr a’ cur ri amas a’ Phlana Nàiseanta gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean. Tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn gu bheil farsaingeachd de sgìrean is phròiseactan air feadh na dùthcha gu bhith a’ faighinn taic agus a’ toirt fàs air a’ Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan.
“Tha sinn a’ tuigsinn gun tug suidheachadh Covid-19 buaidh air an obair a tha buidhnean a’ dèanamh anns na coimhearsnachdan aca fhèin agus tha tòrr aca ag obair air loidhne an-dràsta. Tha sinn an dùil gum bi na dòighean obrach seo a’ leantainn air adhart airson greis fhathast agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri tachartasan agus pròiseactan aghaidh ri aghaidh fhaicinn a-rithist tron bhliadhna a tha romhainn.
“Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt dhan a h-uile duine a tha ag obair gu math cruaidh anns na coimhearsnachdan aca fhèin gus cleachdadh na Gàidhlig a thoirt air adhart aig an àm dùbhlanach a tha seo agus tha sinn cinnteach gum bi an taic-airgid seo gu math cuideachail ann an sgìrean air feadh na h-Alba.”
Bha an sgeama fosgailte airson 9 seachdainean eadar 10 Samhain 2020 agus 14 Faoilleach.
Tha liosta iomlan de na pròiseactan soirbheachail ri fhaighinn an-seo.
Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann phoblach ann an Alba aig a bheil dleastanasan airson Gàidhlig a chur air adhart, a’ sireadh Ceann an Ionmhais is Chùisean Corporra. Bidh an dreuchd seo cudromach do dheagh riaghladh agus cleachdadh ionmhas poblach gu h-èifeachdach.
Bidh an neach soirbheachail a’ stiùireadh sgioba corporra aig Bòrd na Gàidhlig, a’ leasachadh agus a’ cumail smachd air poileasaidhean is siostaman airson ionmhas poblach agus deagh riaghladh sa bhuidhinn. Bidh iad cuideachd os cionn a’ phlana leasachaidh aig BnG, an dòigh a tha sinn a’ cur an gnìomh leasachadh leantainneach.
Thuirt Mairi T NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Bidh iomadh cothrom aig an neach a bhios soirbheachail air buaidh mhòr a thoirt gus buidseat na buidhne a stiùireadh chun nam prìomhachasan as èifeachdaich agus a chumail a’ dol le leasachadh na buidhne, a’ leantainn air an adhartas a chaidh a dhèanamh thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad.
“Tha sinn ag obair gu dlùth leis an Riaghaltas agus buidhnean poblach, lìbhrigidh is coimhearsnachd, cuide ri luchd-sgrùdaidh taobh a-staigh is taobh a-muigh na buidhne. Bidh an obair seo glè tharraingeach is inntinneach dhan neach aig a bheil na sgilean, comasan is eòlas gus an obair seo a thoirt air adhart.”
Feumar tagraidhean airson na h-obrach a chur gu corporra@gaidhlig.scot ro 5.00f, Diluain 29mh den Mhàrt 2021 is thèid agallamhan a chumail air Dimàirt 13mh den Giblean 2021 air-loidhne. Tha an tuarastal air sgèile C1, a tha a’ tòiseachadh aig £48,930.
Gheibhear tuairisgeul obrach agus foirm-iarrtais an-seo.
Ma tha sibh airson barrachd ionnsachadh mun dreuchd agus bruidhinn mu deidhinn gu neo-fhoirmeil, cuiribh fios chun a’ Cheannaird, Shona NicIllinnein corporra@gaidhlig.scot.
Bidh an ath choinneamh de Buidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig air Dimàirt 15 Gearran, 19.00-20.15, is e air cuspair Taghadh Pàrlamaid na h-Alba 2021.
‘S e Bòrd na Gàidhlig (BnG) rùnaire Buidheann Thar-phàrtaidh na Gàidhlig. Bidh a’ bhuidheann a’ coinneachadh dà thuras sa bhliadhna, agus is e Alasdair Allan (BPA) Cathraiche na buidhne.
Tha sinn air cuireadh a thoirt do gach pàrtaidh phoilitigeach agus bidh an cothrom aig gach riochdaire innse mu na prìomhachasan aca airson na Gàidhlig san ath theirm agus ceistean a fhreagairt.
Ma bhios ceist agaibh airson gin de na riochdairean bho na pàrtaidhean poilitigeach, cuiribh fios gu fios@gaidhlig.scot.[:]
A’ leantainn air adhart bho ghrunnan chonaltradh ri buidhnean Gàidhlig a dh’fhoillsich a’ bheachd gun robh taic na bu dìrich a dhìth airson a bhith a’ misneachadh agus a’ toirt taic do chleachdadh na Gàidhlig sna coimhearsnachdan traidiseanta, tha Bòrd na Gàidhlig a-nis airson pròiseact pìleat a stèidheachadh gus meudachadh buaidh obair nan oifigearan Gàidhlig agus tuilleadh taic agus leasachadh a thoirt dhaibh.
Tha àireamh a tha a’ sìor fhàs de bhuidhnean a’ fastadh oifigearan Gàidhlig a tha ag obair le grunnan choimhearsnachd air feadh Alba. Tha mòran de na dreuchdan sin air am maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig is buidhnean poblach eile, agus tha mòran de na h-oifigearan mar an t-aon oifigear a tha ag obair taobh a-staigh buidheann a tha nas fharsainge.
Ma bhios buidhnean sam bith airson tairgse a chur a-steach airson a’ phìleat seo a lìbhrigeadh, feumar a chlàradh tro Public Contracts Scotland (PCS) agus an uairsin post-d a chur do oifis@gaidhlig.scot le fios gu bheil iad air sin a dhèanamh. Dùnaidh an tairgse aig 12f, 2 Gearran 2021.