Tabhartasan Foghlaim Gàidhlig 2019/20 fosgailte

Picture: A blurred image of a person addressing standing in front of a room of people

Tha sgeama Tabhartasan Foghlaim Gàidhlig 2019/20 aig Bòrd na Gàidhlig fosgailte an-dràsta.

Chaidh an sgeama seo a stèidheachadh gus taic a thoirt do dhaoine a tha ag obair a dh’ionnsaigh dreuchd mar neach-teagaisg Gàidhlig agus taic a thoirt do thidsearan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gus nas sgilean aca a leasachadh.

Gabhar beachd air iarrtasan airson am bliadhna acadaimigich 2019/20 bho Oileanaich a tha a’ dèanamh PGDE ann am Foghlam Gàidhlig (airson ìre Bun-sgoile agus Àrd-sgoile – an dà chuid Gàidhlig mar chuspair agus cuspairean tron Ghàidhlig), oileanaich a tha a’ dèanamh Fo-cheum ann am Foghlam Gàidhlig, oileanaich a tha a’ dèanamh HNC no HND ann an tràth-bhliadhnaichean no cùram-chloinne na Gàidhlig. Thèid beachdachadh air iarrtasan bho Luchd-teagaisg a tha ann an dreuchd co-cheangailte ri foghlam tron Ghàidhlig a tha airson cùrsa a dhèanamh gus na sgilean aca a leasachadh no luchd-teagaisg le teisteanas a tha airson na sgilean aca leasachadh gus gluasad gu foghlam tron Ghàidhlig

Tadhail air na duilleagan maoineachaidh againn airson tuilleadh stiùiridh agus fiosrachaidh mu iarrtasan.

Fiosrachadh as ùire: Tha an t-àm airson iarrtasan a chur a-steach airson an sgeama maoineachaidh seo air a dhol seachad.

Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Stiùiriche Foghlaim na Gàidhlig

Picture: A mother sitting on the floor with a baby in her lap, reading a book together

Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann phoblach ann an Alba ris a bheil e an urra cor na Gàidhlig a thoirt air adhart, a’ sireadh Stiùiriche Foghlaim na Gàidhlig. Bidh an dreuchd seo ann an co-phàirt leis a’ Mhanaidsear Foghlaim a chuireadh san dreuchd o chionn goirid.

Bidh an neach soirbheachail a’ stiùireadh poileasaidh foghlaim is ionnsachaidh a’ Bhùird, a’ comhairleachadh a’ Bhùird fhèin, an Riaghaltais agus buidhnean lìbhrigidh foghlaim is ionnsachaidh eile mar ùghdarrasan ionadail, mu amasan a’ Bhùird a thaobh leasachadh air foghlam Gàidhlig.

Thuirt Mairi T NicAonghais, Cathraiche Eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig: “Bidh iomadh cothrom aig an neach a bhios soirbheachail air buaidh mhòr a thoirt air fàs na Gàidhlig tro fhoghlam aig gach aois – eadar clann san dachaigh gu inbhich a tha ag ionnsachadh tro fhoghlam reachdail agus teicneòlas didseatach.

Tha sinn ag obair gu dlùth leis an Riaghaltas, le Foghlam Alba agus buidhnean poblach eile, leis na h-oilthighean is colaistean is buidhnean sa choimhearsnachd agus tha Stiùiriche Foghlaim na Gàidhlig aig cridhe na h-obrach seo.  Bidh an obair seo glè tharraingeach is inntinneach dhan neach aig a bheil na sgilean, comasan is eòlas gus poileasaidh foghlaim Gàidhlig a thoirt air adhart.”

Fiosrachadh as ùire: Tha an t-àm airson tagraichean a chur a-steach airson an dreuchd seo air a dhol seachad.

Manaidsear Foghlaim ùr aig Bòrd na Gàidhlig

Picture: The wall of a classroom with a train on the wall naming different school subjects in Gaelic and English

Tha e na thoileachas mòr do Bhòrd na Gàidhlig an naidheachd fhoillseachadh gun deach Joanne McHale fhastadh mar am Manaidsear Foghlaim ùr aig a’ bhuidhinn. Bidh tòrr de na buidhnean is daoine leis a bheil sinn ag obair eòlach air Joanne, thoradh tha i air a bhith ag obair dhuinn mar Oifigear Leasachaidh (Tidsearan) bho 2014. Ron sin, bha i na h-Oifigear Thràth-bhliadhnaichean aig a’ Bhòrd.

Bidh e an urra ris a’ Mhanaidsear Fhoghlaim tòrr de na h-iomairtean is gnìomhan ann am Planaichean Corporra is Gnìomh a’ Bhùird a thoirt air adhart, agus i a’ dèanamh sin gu h-àraidh tro cho-obrachadh le Riaghaltas na h-Alba, Foghlam Alba, Comann nam Pàrant agus ùghdarrasan ionadail. Cuideachd, bidh Joanne san dreuchd ùir seo a’ toirt taic do na h-ùghdarrasan poblach fhad ’s a tha iad ag ullachadh is a’ coileanadh nam Planaichean Gàidhlig aca agus cuidichidh i le bhith a’ cur foghlam na Gàidhlig air adhart an lùib diofar iomairtean is leasachaidhean foghlaim.

Thuirt Shona NicIllinnein, an Ceannard: “Tha mi cho toilichte gur i tè den luchd-obrach againn fhìn a tha a’ gabhail na dreuchd ùire seo os làimh, agus tha fios agam leis cho fìor mhath ’s a tha Joanne air a bhith a’ co-obrachadh le càch agus leis an eòlas a th’ aice air roinn an fhoghlaim gun dèan i feum mòr do raon foghlam na Gàidhlig san obair ùir aice.”

’S ann às a’ Ghearasdan a tha Joanne agus chaidh i tro Fhoghlam tron Ghàidhlig san sgìre agus gu Àrd-sgoil Loch Abar, agus tha i an-dràsta a’ dèanamh BA pàirt-thìde ann an Gàidhlig is Leasachadh aig Sabhal Mòr Ostaig.

Thuirt Joanne McHale: “Às dèidh dhomh 8 bliadhna a chur seachad ag obair ann an Sgioba an Fhoghlaim aig Bòrd na Gàidhlig, tha mi fìor thoilichte an dreuchd ùr seo a ghabhail os làimh, Manaidsear Foghlaim. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri diofar bhuidhnean airson dèanamh cinnteach gun tig fàs air Foghlam na Gàidhlig agus gun lean an t-adhartas a chunnacas thar nam bliadhnaichean. Tha cothroman san roinn gus iomairtean ùra a chur an sàs agus tha dùbhlain ann cuideachd air am feum sinn fuasgladh fhaighinn.”

Bidh Bòrd na Gàidhlig cuideachd a’ sanasachd dà dhreuchd eile sna seachdainean a tha ri thighinn, Oifigear Leasachaidh (Tidsearan) agus Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig (Pàirt-ùine).

Co-chomhairleachadh Poblach: Dreachd de Stiùireadh nam Planaichean

Dh’fhoillsich Bòrd na Gàidhlig co-chomhairleachadh poblach an t-seachdain seo air an dreachd de Stiùireadh nam Planaichean.

Chaidh an dreachd den stiùireadh ullachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus ’s e an t-amas a th’ ann gum bi e a’ gabhail àite a’ chiad stiùiridh a chaidh fhoillseachadh ann an 2007.

Fo Achd na Gàidhlig, feumar co-chomhairleachadh a chumail airson co-dhiù 3 mìosan air an dreachd den stiùireadh, agus mar sin thèid an co-chomhairleachadh a ruith gu Dimàirt 17 Sultain 2019.

Aon uair ’s gun tèid na beachdan a chruinneachadh, ullaichidh Bòrd na Gàidhlig dreachd ùr den stiùireadh a thèid a chur gu Ministearan na h-Alba gus am beachdaich iad air.

Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig,

“’S iad na planaichean Gàidhlig reachdail aon de na goireasan as cudromaiche a th’ againn gus cleachdadh na Gàidhlig a thoirt air adhart ann an Alba. Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair le ùghdarrasan poblach air feadh Alba agus tha an sgrìobhainn seo deatamach mar bhunait airson na h-obrach seo. Tha an co-chomhairleachadh poblach seo a’ toirt a’ chothruim do dhaoine na beachdan aca a thoirt seachad, gus am bi an stiùireadh aig an ìre as goireasaiche as urrainn dha a bhith.”

Fiosrachadh as ùire: Tha an co-chomhairleachadh poblach seo air tighinn gu crìoch.

Bòrd na Gàidhlig a’ tadhal air coimhearsnachdan ann an Earra-Ghàidheal is Bòd agus Loch Abar

Picture: Seven people, including members of the Bòrd na Gàidhlig Leadership Team and Board, standing in front of a banner reading "Tha Gàidhlig beò/Gaelic is alive..." and another banner reading "2019 Bliadhna nan Cànan Dùthchasach aig Unesco/2019 Unesco Years of Minority Languages"

Thadhail Bòrd na Gàidhlig air cuid de na coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheal is Bòd agus Loch Abar mar phàirt de choinneamhan a’ Bhùird a chaidh a chumail air an t-seachdain seo chaidh, 4-6 Ògmhios.

Choinnich Bòrd na Gàidhlig ri Comann nam Pàrant san Òban feasgar Dimàirt gus bruidhinn mun iarrtas, agus mun adhartas a rinn iad, airson sgoil Ghàidhlig shònraichte san sgìre. Tha a’ Bhuidheann a’ leantainn air adhart leis an iomairt aca agus rinn pàrantan agus am Bòrd còmhradh air ceuman gus an obair a thoirt air adhart.

Chaidh coinneamh coimhearsnachd neo-fhoirmeil a chumail ann an Talla a’ Chorrain oidhche Chiadain far an robh cothrom aig cuid a tha an sàs ann an Gàidhlig san sgìre coinneachadh ri Buill a’ Bhùird agus luchd-obrach. Dh’fhosgail Cathraiche Eadar-amail a’ Bhùird, Màiri NicAonghais, a’ choinneamh agus chuir i fàilte air a h-uile duine a bha an làthair agus thug Ceannard a’ Bhùird, Shona Niclllinnein, iomradh air mar a tha obair Bhòrd na Gàidhlig a’ cur ri cleachdadh na Gàidhlig san sgìre seo. An-uiridh thug am Bòrd maoineachadh de £261,886 do 23 pròiseactan eadar-dhealaichte ann an Earra-Ghàidheal is Bòd. Tha seo a’ gabhail a-steach taic maoineachaidh a chumail ri Ionad Chaluim Chille Ìle; buidhnean tràth-bhliadhnaichean ann am Bogha Mòr, Tobar Mhoire, Dùn Omhain agus san Òban cuideachd; luchd-dreuchd do dh’Iomairtean le Comunn na Gàidhlig ann an Ìle is Diùra, Muile agus an t-Òban agus cuideachd an t-oifigear ùr aig Comann nam Pàrant Nàiseanta stèidhichte san Òban; Co-òrdanaiche Ciùil is Cultair ann an Tiriodh; clasaichean Gàidhlig aig a’ Chomhairle agus pròiseact Urras Mhuc-mara nan Eilean, stèidhichte ann an Tobar Mhoire airson Oifigear Gàidhlig gus brosnachadh barrachd Gàidhlig a chleachdadh san obair aca.

A bharrachd air taic a chumail ri Ionad Chaluim Chille Ìle, tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd a’ maoineachadh Fèisean nan Gàidheal agus An Comunn Gàidhealach, dà bhuidheann eile a tha a’ cur ri cleachdadh na Gàidhlig san sgìre seo.

Bhuannaich Bun-sgoil Loch Abar an duais Ghàidhlig chliùiteach aig Duaisean Foghlaim na h-Alba am-bliadhna ann an Glaschu, a chaidh a chumail air an t-seachdain seo chaidh. Thug Bòrd na Gàidhlig taic don duais seo agus chuir iad meal-a-naidheachd air a’ Cheannard Iain Iòsaph MacNèill mun t-soirbheachadh aca.

Faodar tuilleadh fiosrachaidh mu obair is sgeamaichean maoineachaidh Bhòrd na Gàidhlig fhaicinn air an làrach-lìn aca, www.gaidhlig.scot

An Companaidh Dràma Gàidhlig Theatre Gu Leòr am measg aon bhuidheann deug a gheibh maoineachadh luach £5m bho Bhòrd na Gàidhlig

Picture: Six performers on stage in period clothing. The stage is dark with blue light projected onto them

10/06/2019

Dealbh: Mihaela Bodlovic

Tha Bòrd na Gàidhlig air còrr is £5 millean a ghealltainn thairis air an ath thrì bliadhna do dh’aon bhuidheann deug a tha an sàs ann a bhith a’ toirt na Gàidhlig air adhart tro na h-ealain, foghlam agus seirbheisean didseatach.

Tha Theatre Gu Leòr airson a’ chiad uair am measg nam prìomh bhuidhnean a gheibh maoineachadh. Bidh an companaidh a’ taisbeanadh dràma Gàidhlig do luchd-amhairc air feadh Alba agus a’ toirt taic do sgrìobhadh dràma agus do phròiseactan gus dràma Gàidhlig ùr is lèirsinneach a chruthachadh.

Mar thoradh air an airgead luach £165,000 a gheibh iad thairis air trì bliadhna, bidh dachaigh stèidhichte aig a’ bhuidhinn dràma a-nis ann am Partaig, Glaschu, far an urrainn dhaibh am prògram ionnsachaidh chruthachail aca a thoirt air adhart, a’ gabhail a-steach leithid Staran, iomairt ùr far a bheilear gu bhith a’ leasachadh nan sgilean proifeiseanta aig sgrìobhadairean, cleasaichean agus stiùirichean aig a bheil Gàidhlig.

Tha na tabhartasan taic-airgid seo a tha air am maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba – agus a tha air an toirt seachad do bhuidhnean a tha a’ toirt taic do phlana corporra Bhòrd na Gàidhlig leis an amas cànan is cultar na Gàidhlig a thoirt air adhart – gu bhith air an aontachadh airson trì bliadhna a-nis an àite dìreach aon bhliadhna.

’S e a tha fa-near do Bhòrd na Gàidhlig le seo gum bi cothrom aig buidhnean planaichean a stèidheachadh thar ùine nas fhaide, leasachadh air an deach fàilte mhòr a chur.

Am measg nam buidhnean eile a bhios a’ faotainn taic-airgid tha Comunn na Gàidhlig (£1.36 millean), An Comunn Gàidhealach, a bhios a’ cur a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus Mhòdan ionadail air dòigh, (£300,000) agus Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig (£930,000) a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh.

Tha Comunn na Gàidhlig a’ stiùireadh prògram nan Iomairtean Gàidhlig ann an 15 coimhearsnachdan air feadh Alba. Tha e mar amas dhaibh daoine òga agus am pàrantan a bhrosnachadh, agus cothroman a thoirt dhaibh, gus an cànan a chleachdadh nas trice, agus iad a’ toirt chothroman dhaibh air grunn dhiofar chur-seachadan is tachartasan spòrsail taobh a-muigh na sgoile.

Am measg nan amasan aca, tha e san amharc dhaibh prògram leudachaidh a chur an sàs thairis air còig bliadhna gus na tachartasan is cur-seachadan aca a thabhann ann an coimhearsnachdan ùra agus tha iad airson fàs a thoirt air an àireamh dhaoine òga a tha a’ bruidhinn a’ chànain.

Cuiridh Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig an cuid maoineachaidh gu feum gus cumail orra le bhith a’ toirt taic do chultar is foghlam na Gàidhlig agus iad a’ cruthachadh ghoireasan is stuthan taice airson sgoilearan, luchd-teagaisg agus pàrantan a tha an sàs ann am foghlam Gàidhlig.

Tha e mar amas don Chomunn Ghàidhealach, a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis, tuilleadh leasachaidh is leudachaidh a thoirt air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus na 18 Mòdan ionadail a thèid a chumail gach bliadhna, agus mu 10,000 farpaiseach òg is tàlantach a’ dol gu na Mòdan sin gach bliadhna.

Thuirt Muireann Kelly, an Stiùiriche Ealain aig Theatre Gu Leòr: “Chan e a-mhàin gu bheil sinn a’ dèanamh toileachas ris a’ mhaoineachadh fhèin bho Bhòrd na Gàidhlig, ach cuideachd ris mar a chaidh aonta trì-bliadhna a thoirt dhuinn. Tha sin a’ toirt seasmhachd is bunait dhuinn a leigeas leinn planadh a dhèanamh airson na h-ùine air thoiseach.

“Tha e a’ ciallachadh gu bheil dachaigh againn a-nis ann am Partaig far a bheil àite againn san urrainn dhuinn cothroman ionnsachaidh chruthachail is dràma Gàidhlig a thoirt air adhart. San àite-obrach ùr againn tha sinn a’ cleachdadh Gàidhlig a h-uile latha, tha deasgaichean ann a dh’fhaodas luchd-ealain Gàidhlig a chleachdadh, tha sinn a’ tabhann trèanadh is greisean gnìomhachais, agus tha sinn air an iomairt ùr againn, Staran, a thòiseachadh a tha gus a bhith mar mheadhan gus leasachadh a thoirt air an roinn seo.

“Tha sinn cho toilichte a bhith stèidhichte ann am Partaig, fìor sgìre Ghàidhealach ann an Glaschu, ach bidh sinn fhathast a’ siubhal air feadh na dùthcha leis an obair againn. Tha sinn fortanach gu bheil an t-àite-obrach againn, as urrainn a bhith againn air sgàth na taic-airgid seo, ri taobh trì buidhnean cultarach Gàidhlig eile. Thoradh, thèid againn air obrachadh còmhla air cùisean cruthachail agus sinn a’ neartachadh na sgìre mar thobar chultarach airson nan Gàidheal ann an Glaschu.”

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig: “Tha a h-uile duine is buidheann a gheibh maoineachadh bhuainn a’ dèanamh obair ionmholta gus a’ Ghàidhlig a thoirt air adhart. Tha Theatre Gu Leòr gu math airidh air an taic-airgid seo air sàillibh na taice a bhios iad a’ toirt do sgrìobhadairean is cleasaichean.

“Tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn aig Bòrd na Gàidhlig gun urrainn dhuinn taic a thoirt dhaibh agus tha mi cinnteach gun dèan iad feum fìor mhath den airgead.

“Tha sinn cuideachd an dòchas gum bi e glè fheumail do na buidhnean uile gun do dh’atharraich sinn na h-aontaidhean maoineachaidh bho aon bhliadhna gu trì bliadhna, oir bheir sin cothrom prìseil dhaibh planaichean leasachaidh is ionmhasail a dhealbh airson ùine nas fhaide.”

Thuirt an Leas Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney: “’S e ceum cudromach a tha seo airson na Gàidhlig agus tha mar a thathar a’ tabhann taic-airgid do na buidhnean seo thairis air trì bliadhna a’ toirt cothrom dhaibh an obair aca a phlanadh airson na h-ùine air thoiseach orra agus tha e a’ toirt barrachd cinnt don luchd-obrach aca. Tha Riaghaltas na h-Alba air cur roimhe dèanamh cinnteach gun tèid a’ Ghàidhlig a ghleidheadh air stèidh dhaingeann agus tha am maoineachadh seo a’ cuideachadh le bhith a’ coileanadh ar n-amasan airson a’ chànain agus airson nan daoine a tha ag iarraidh Gàidhlig a chleachdadh.”

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard Chomunn na Gàidhlig: “Tha sinn a’ cur fàilte mhòr air an aonta mhaoineachaidh ùir seo, agus mar a tha e airson trì bliadhna. Bidh e comasach dhuinn a-nis coimhead air cothroman ùra a dh’fhaodadh a bhith ann; bheir e barrachd cinnt dhan luchd-obrach againn a tha ag obair cho cruaidh, agus bidh sin uile gu buannachd nan Gàidheal òga a tha aig cridhe ar n-obrach.”

Thuirt Dòmhnall Uilleam MacGilleMhoire, Ceannard Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig: “Tha Stòrlann a’ dèanamh toileachas ris a’ mhaoineachadh trì-bliadhna seo. Tha e gu math feumail dhuinn a thaobh a bhith a’ planadh airson nan goireasan is seirbheisean a bhios Stòrlann a’ toirt seachad do sgoilearan, pàrantan is tidsearan, an dà chuid airson luchd-ionnsachaidh agus fileantaich.

“Cuideachd, tha an taic-airgid seo a’ cur ri eaconamaidh na Gàidhlig, a’ toirt taic do dh’obair a bhios a’ tarraing aire dhaoine chun a’ chànain agus cuidichidh e le bhith a’ toirt àrdachadh air an àireimh de luchd-ionnsachaidh is luchd-cleachdaidh na Gàidhlig ann an Alba.”

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha e na thoileachas dhan Chomunn Ghàidhealach gu bheil sinn gu bhith a’ faighinn taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig thairis air trì bliadhna. Tha an gealladh seo airson maoineachaidh a’ toirt bunait nas cinntiche dhan obair againn agus bidh e nas fhasa planadh airson na h-ùine ri thighinn. Tha sinn an dòchas gun tèid aig buidhnean maoineachaidh eile air aon rud ’s a rinn Bòrd na Gàidhlig a dhèanamh, feuch an urrainn dhuinn leudachadh ceum air cheum a thoirt air an obair leasachaidh chudromach a bhios sinn a’ dèanamh airson na Gàidhlig. Bu thoigh leinn taing a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig airson a’ chinnt seo a thoirt dhuinn aig àm nuair a tha cùisean co-cheangailte ri maoineachadh caran doirbh.”

Am measg nam buidhnean eile a fhuair maoineachadh bha Ionad Chaluim Chille Ìle, £310,500 gus prògram de thachartasan is clasaichean a lìbhrigeadh airson Gàidhlig a chur air adhart am measg muinntir Ìle is Dhiùra; Comhairle nan Leabhraichean, Glaschu, £537,000 gus àrdachadh a thoirt, gach bliadhna, air an àireamh dhaoine a bhios a’ leughadh leabhraichean Gàidhlig; Fèisean nan Gàidheal, £430,000 gus taic a thoirt do roinn nan ealain traidiseanta Gàidhlig agus an roinn sin a leasachadh; Ceòlas Uibhist, £207,000 gus cultar na Gàidhlig a chur air adhart agus airson cuideachadh le bhith a’ toirt a’ phròiseict lèirsinnich aca gu buil gus ionad airson ceòl, dannsa agus cultar na Gàidhlig a stèidheachadh ann an Uibhist a Deas ann an com-pàirt ri Colaiste a’ Chaisteil OGE; An Lòchran, Glaschu, £105,000 gus co-òrdanachadh a dhèanamh air tachartasan ealain Gàidhlig sa bhaile as motha ann an Alba; Ainmean-Àite na h-Alba, £240,000 gus leantainn orra leis an rannsachadh aca airson an làraich-lìn agus an stòr-dàta de dh’ainmean-àite Gàidhlig; Faclair na Gàidhlig, £225,000 gus faclair eachdraidheil na Gàidhlig a chruthachadh; agus Acair, Leòdhas, £171,000 gus leabhraichean Gàidhlig fìor mhath fhoillseachadh.

 

74 Pròiseactan a’ Faighinn Taic tro Sgeama Maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig

Picture: Taic Freumhan Coimhearsnachd (Bòrd na Gàidhlig funding scheme) logo.

30/05/2019

Tha e air a bhith na thoileachas do Bhòrd na Gàidhlig taic maoineachaidh a thoirt seachad do 74 buidhnean bho air feadh na h-Alba tron Sgeama Mhaoineachaidh Taic Freumhan Coimhearsnachd 2019/20.

Chaidh Taic Freumhan Coimhearsnachd a stèidheachadh gus taic a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd pròiseactan a chur an gnìomh a bhios a’ cur ri prìomhachasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig. Am measg nam pròiseactan a bha soirbheachail, chaidh taic a thoirt seachad airson clasaichean is làithean Gàidhlig sgìreil; taic dha na Fèisean is Mòdan ionadail; sgrìoban dha cuid de sgoiltean agus coimhearsnachdan agus pròiseactan ùra is leantainneach. Tha liosta iomlan de phròiseactan a fhuair maoineachadh ri lorg an seo.

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith sgeamaichean taic-airgid tron bhliadhna. Lorg barrachd fiosrachaidh mu na sgeamaichean mhaoineachaidh againn an seo.

Tabhartasan Foghlaim nan Tràth-bhliadhnaichean 2019/20 fosgailte

Graphic: Bòrd na Gàidhlig logo

Tha sgeama Thabhartasan Foghlaim nan Tràth-bhliadhnaichean aig Bòrd na Gàidhlig fosgailte an-dràsta.

Chaidh an sgeama seo a dhealbh gus am bi e a’ freagairt air buidhnean thràth-bhliadhnaichean saor-thoileach (aois 0-5) a tha ag amas air cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ’s a leudachadh bho latha gu latha, agus daoine a bhrosnachadh gu bhith a’ leantainn le Foghlam tron Ghàidhlig.

Tha an sgeama seo a’ ruith ann an com-pàirteachas le Comann nam Pàrant le taic-airgid bho na maoinean CYPFEIF & ALEC aig Riaghaltas na h-Alba.

Tadhail air na duilleagan maoineachaidh againn airson tuilleadh stiùiridh agus fiosrachaidh mu iarrtasan.

Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro 5f Dihaoine 14 Ògmhios 2019 agus cha tèid gabhail ri iarrtasan a thig a-staigh an dèidh sin.

Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios gu: tabhartas@gaidhlig.scot

Fiosrachadh as ùire: Tha an sgeama maoineachaidh seo air dùnadh do thagraidhean.

Bùthan-obrach a’ Leasachadh agus a’ Lìbhrigeadh Pròiseactan – Obar Dheathainn

Graphic: Gaelic Arts logo, with the Gaelic "Ealain Gàidhlig" above and the English "Gaelic Arts" below

A’ Leasachadh agus a’ Lìbhrigeadh Pròiseactan Cruthachail is Cultarach gu Soirbheachail

Do bhuidhnean no daoine a tha an sàs ann an roinn chultarach na Gàidhlig

Bùth-obrach (Latha) – 2:00f – 4:30f
Bùth-obrach (Oidhche) – 7:00f – 9:00f

Diluain 20 Cèitean 2019

Àite: Ionad Ealain Obar Dheathain, 33 Sràid an Rìgh, Obar Dheathain, AB24 5AA

Tha na bùithtean-obrach seo an-asgaidh agus fosgailte don h-uile com-pàirtiche iomchaidh.

Gus àite a ghlèidheadh cuir post-dealain gu: fios@gaidhlig.scot
no cuir fios do Bhòrd na Gàidhlig 01463 225454

 

31 Pròiseact Soirbheachail Tro Dhà Sgeama Maoineachaidh Aig Bòrd na Gàidhlig

Graphic: Bòrd na Gàidhlig logo

Graphic: Creative Scotland logo Graphic: Colmcille Èireann is Alba logo

15/04/2019

 

Tha e air a bhith na thoileachas do Bhòrd na Gàidhlig taic maoineachaidh a thoirt seachad do 31 buidheann bho air feadh na h-Alba is na h-Èireann tro dhà Sgeama Maoineachaidh.

Ann an co-bhonn le Alba Chruthachail, chaidh 14 Pròiseactan a mhaoineachadh tro Mhaoin nan Ealain Gàidhlig 2018/19. Am measg nam pròiseactan a bha soirbheachail, chaidh taic a thoirt seachad airson chùisean ealanta do sgoilearan; cothroman dràma an lùib a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail; taic is clasaichean sna meadhanan didseatach; bùithtean-obrach aig ìre coimhearsnachd agus cuideachd taic airson phròiseactan ciùil is òrain. Tha liosta iomlan de phròiseactan maoinichte ri lorg an-seo.

Tro Sgeama Cholmcille 2019/20, chaidh 17 pròiseactan a mhaoineachadh. Am measg nam pròiseactan a bha soirbheachail, chaidh taic a thoirt seachad do dhaoine airson cùrsaichean Gaeilge a fhrithealadh; ceanglaichean a thogail is a neartachadh eadar sgoiltean ann an Alba is Èirinn; litreachas, beul-aithris is òrain a chruinneachadh is a chlàradh agus tachartasan a chur air dòigh gus na ceanglaichean eadar Gàidhlig is Gaeilge a bhrosnachadh. Tha liosta iomlan de phròiseactan maoinichte ri lorg an-seo.

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith sgeamaichean taic-airgid tron bhliadhna. Tha barrachd fiosrachaidh mu na sgeamaichean maoineachaidh againn ri lorg an seo.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security