Manaidsear Phròiseactan (Com-pàirteachaidh Coimhearsnachd)

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh neach a thig a’ dh’obair còmhla rinn mar Mhanaidsear Phròiseactan (Com-pàirteachaidh Coimhearsnachd). ‘S e amas na h-obrach a bhith a’ com-pàirteachadh agus a’ toirt taic do choimhearsnachdan leis an obair a tha iad a’ dèanamh gus lìbhrigeadh mu choinneamh nan raointean prìomhachais ann am Plana Corporra Bòrd na Gàidhlig. Bidh seo a’ gabhail a-steach com-pàirteachadh coimhearsnachd agus conaltradh le luchd-ùidh ionadail agus nàiseanta. Bidh stiùireadh agus measadh èifeachdach air pròiseas nam planaichean coimhearsnachd ionadail na phrìomh eileamaid den dreuchd seo.

Lorgar Tuairisgeul Obrach an seo. Leig fios gu corporra@gaidhlig.scot ma tha seo a dhìth oirbh ann an cruth eile.

Airson iarrtas a chur a-steach, lìon an Fhoirm-iarrtas Cosnaidh agus an Fhoirm-sgrùdaidh Co-ionannachd, a tha ri lorg gu h-ìosal, agus cur thugainn iad aig corporra@gaidhlig.scot.

Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro ochd uairean feasgar (8f) air Diardaoin 30mh am Faoilleach (30.01.25).

Thèid agallamhan a dhèanamh air loidhne uaireigin eadar Diluain 10mh agus Dihaoine 14mh an Gearran.

BnG a’ Sireadh Manaidsear Com-pàirteachais is Leasachaidh

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Manaidsear Com-pàirteachais is Leasachaidh ùr agus thathar airson daoine a bhrosnachadh gus iarrtasan-cosnaidh a chur a-steach.

‘S e adhbhar na dreuchd cothroman a chomharrachadh agus a chomasachadh airson co-obrachadh le luchd-ùidh san roinn phoblaich, phrìobhaideach agus san treas roinn a thaobh a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig nas fheàrr san àite-obrach, aig an taigh agus sa choimhearsnachd. Tha seo a’ gabhail a-steach cur ri lìbhrigeadh plana corporra Bhòrd na Gàidhlig agus amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Bidh an neach-dreuchd cuideachd na prìomh chomhairliche do choimhearsnachdan ionadail a bhios a’ cruthachadh phlanaichean coimhearsnachd Gàidhlig.

Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro 12f Diluain, 28mh an Dàmhair 2024.

Lorgar tuairisgeul obrach agus barrachd fiosrachaidh mun phròiseas tagraidh an seo.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security