Comhairle Siorrachd Lannraig a Deas – Ro-innleachd Eaconamach 2022-2027 – Co-chomhairle

Tha Ro-innleachd Eaconamach 2022-2027 aig Comhairle Shiorrachd Lannraig a Deas air ullachadh agus tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach mu na prìomh chuspairean agus phrìomhachasan san ro-innleachd.

Am measg cuid de na puingean a chaidh a thogail:

Tha Plana Gàidhlig aig Comhairle Siorrachd Lannraig a Deas (SLC) anns a bheil diofar ghealltanasan airson cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig a chur am meud. Tha am Plana ag ràdh gu bheil “SLC ag adhartachadh buannachdan eaconamach cànan is cultar na Gàidhlig mar phàirt de na h-iomairtean leasachaidh eaconamach coitcheann aca”. Tha e cuideachd ag ràdh gu bheil iad a’ dèanamh cinnteach gu bheil “luach ga chur air a’ Ghàidhlig agus gu bheilear ag aithneachadh na tha i a’ cur ri beatha shòisealta, chultarail is eaconamach na dùthcha”.

Chan eil na geallaidhean seo air an nochdadh anns an Dreachd Ro-innleachd Eaconamach. Feumar dèiligeadh ri seo san dreachd mu dheireadh, tro ghrunn iomraidhean sònraichte air a’ Ghàidhlig agus tha tuilleadh mholaidhean air seo gan dèanamh gu h-ìosal.

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Ro-innleachd air Fianais Co-ionannachd

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ co-chomhairleachadh air dreachd phlana gus bunait fianais co-ionannachd na h-Alba a leasachadh agus a neartachadh. Cuidichidh na freagairtean a gheibh iad tron cho-chomhairle seo mar bhunait airson Ro-innleachd Fianais Co-ionannachd ùr na h-Alba.

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach don cho-chomhairle seo anns a bheil na puingean a leanas.

Tha sinn a’ toirt fa-near nach eil na buidhnean le feartan dìonta agus na caochladairean co-ionannachd a’ gabhail a-steach luchd-labhairt na Gàidhlig. Mar sin, chan eil beachdachadh air a bheil neo-ionannachdan sònraichte mu choinneamh luchd-labhairt na Gàidhlig.

Tha leth-bhreith air a bhith mu choinneamh luchd-labhairt na Gàidhlig gu h-eachdraidheil agus, gu ìre, tha e fhathast mun coinneamh an latha an-diugh. Tha beachdan air a bhith ann san àm a dh’fhalbh agus tha fhathast an latha an-diugh – an dà chuid anns na meadhanan sòisealta agus anns na meadhanan clò gu sònraichte – anns a bheil nàimhdeas dhan chànan agus a luchd-labhairt ga chur an cèill. Mar sin, tha leth-bhreith an aghaidh na Gàidhlig agus a luchd-labhairt ann fhathast.

Le seo, tha sinn a’ meas gu bheil an Ro-innleachd air Fianais Co-ionannachd a’ toirt seachad cothrom airson barrachd cunbhalachadh/seasmhachd de dhòighean-obrach. Gu sònraichte, bu chòir  beachdachadh a dhèanamh air a’ chùis gum bi a’ Ghàidhlig ann an lùib a’ mheasaidh air co-ionannachdan.

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Comataidh Ath-shlànachaidh COVID-19 – Sgrùdadh ron Bhuidseat

Tha dùil gum foillsich Riaghaltas na h-Alba am Buidseat 2023-24 aca san Dùbhlachd 2022. Ron àm seo, tha Comataidh Ath-shlànachaidh COVID-19 a’ dèanamh sgrùdadh ro-bhuidseit leis an amas buaidh a thoirt air beachdan Riaghaltas na h-Alba nuair a bhios iad ag ullachadh a’ bhuidseit a tha ri thighinn.

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach anns a bheil na puingean:

“Chan eil an Lèirmheas Caiteachas Stòrais agus na sgrìobhainnean co-cheangailte ris a’ dèanamh iomradh sam bith air a’ Ghàidhlig, an dreuchd a tha i a’ cluiche mar stòras eaconamach agus mar a dh’fhaodas i cur ris an ath-shlànachadh.

’S e dearmad cudromach a tha seo. Mar thoradh air sin, tha dìth soilleireachd is trìd-shoilleireachd ann air an ìre de phrìomhachas – agus de mhaoineachadh – a bhios ann airson na Gàidhlig san àm ri teachd.

Chan eil cùis sam bith ann airson maoineachadh na Gàidhlig a lùghdachadh. Gu dearbh, tha cùis ann airson barrachd maoineachaidh a thoirt seachad, a’ co-fhreagairt ri poileasaidh Riaghaltas na h-Alba, ris an iarrtas a tha a’ sìor-fhàs airson cànan is cultar na Gàidhlig agus ri na tha a’ Ghàidhlig a’ cur ri eaconamaidh na h-Alba.”

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Co-chomhairle air Bile Seirbheis Cùraim Nàiseanta (Alba) – Freagairt Bhòrd na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air a chuir a-steach freagairt gu co-chomhairleachadh Pàrlamaid na h-Alba air Bile Seirbheis Cùraim Nàiseanta (Alba).

Seo cuid de phuingean a chaidh a thogail san fhreagairt:

“Bu chòir mar a tha Riaghaltas na h-Alba a’ dealbhadh Seirbheis Cùraim Nàiseanta a bhith a’ nochdadh nam poileasaidhean is gealltanasan aca a thaobh na Gàidhlig.”

“Bu chòir aithris shònraichte a bhith anns an lagh a thathar a’ moladh gun toir an t-Seirbheis Cùraim Nàiseanta seirbheis do luchd-labhairt na Gàidhlig aig aois sam bith tro luchd-obrach iomchaidh, faicsinneachd agus cleachdadh a’ chànain ann an àiteachan a tha iomchaidh agus a tha ruigsinneach do theaghlaichean.”

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Seirbheis Aiseagan a tha Nuadh is Seasmhach do dh’Alba – Freagairt bho Bhòrd na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach gu co-chomhairleachadh Pàrlamaid na h-Alba air Seirbheis Aiseagan a tha Nuadh agus Seasmhach do dh’Alba.

Seo cuid de na puingean a chaidh a thogail san fhreagairt:

“Tha sinn ag aithneachadh gu bheil dòigh-obrach iomlanach a dhìth airson coimhearsnachdan eileanach seasmhach agus mar sin airson a bhith a’ gleidheadh a’ chànain.”

“Tha seirbheis aiseig ùr-nodha agus seasmhach do dh’eileanan na h-Alba air leth fhèin cudromach ann a bhith a’ cumail suas coimhearsnachdan Ghàidhlig eileanach, agus ann a bhith a’ gleidheadh a’ chànain agus a’ chultair.”

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Toraidhean Tòiseachail bhon Cho-chomhairleachadh Nàiseanta air Thoiseach air Ùrachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air na toraidhean tòiseachail fhoillseachadh bho cho-chomhairleachadh nàiseanta a chuidicheas gus cruth a thoirt air an ìre as ùire de Phlana Nàiseanta na Gàidhlig.

Bha a’ cho-chomhairle a’ cuimseachadh air àrd-amasan, feallsanachd, agus tèaman airson na Gàidhlig, le Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh bheachdan agus fios air ais mun dreachd-phlana a tha a’ mìneachadh cheumannan airson na Gàidhlig san ath chòig bliadhna.

Fhuaireadh còrr is 250 freagairt às dèidh prògram farsaing de choinneamhan coimhearsnachd, gach cuid gu pearsanta agus air-loidhne, air feadh na h-Alba.

Dh’aontaich a’ mhòr-chuid (65%) de na buidhnean is daoine fa leth a fhreagair ris an t-slighe a chaidh a mholadh san dreachd-phlana, a tha a’ cur fòcas sònraichte air a bhith ag àrdachadh cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig.

Fhuair Bòrd na Gàidhlig beachdan fàbharach mu bhith a’ cur ris an àireimh de dh’iomairtean gus misneachd a thogail nuair a thathar a’ cleachdadh na Gàidhlig, agus mu cho cudromach ’s a tha foghlam Gàidhlig ann a bhith ag ath-bheothachadh a’ chànain an dà chuid do dh’fhileantaich agus do luchd-ionnsachaidh.

Dhaingnich beachdan a fhuaradh gum bu chòir foghlam Gàidhlig tachairt ann an co-theacsa leasachaidhean eile, a’ gabhail a-steach a bhith a’ stèidheachadh Co-ionadan Gàidhlig is barrachd Gàidhlig air-loidhne, cho math ri ìomhaigh nas motha sna meadhanan – a’ gabhail a-steach seirbheis leudaichte bho BBC Alba. Bu chòir FtG a bhith air a leasachadh agus air a bhrosnachadh le ùghdarrasan ionadail cuideachd, agus feumar ceanglaichean le coimhearsnachdan a neartachadh.

Chomharraich a’ cho-chomhairle cuideachd gun robh feum air barrachd cuideam air co-theacs nas fharsainge ann an leasachadh na Gàidhlig – a’ gabhail a-steach cùisean sòisealta a tha a’ toirt buaidh air coimhearsnachdan ann an sgìrean eileanach agus dùthchail, agus an fheadhainn ann am bailtean-mòra agus cathair-bhailtean.

Tha freagairtean eile a’ cur taic ri fòcas leantainneach a’ Bhùird air barrachd cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan eileanach, dùthchail agus bailteil. Mar a tha cùisean an-dràsta, tha mu chairteal den mhaoineachadh leasachaidh aig Bòrd na Gàidhlig aig an àm seo air mu 60 dreuchdan mar oifigearan Gàidhlig a chruthachadh no a chumail a’ dol – 46 dhiubh ann an coimhearsnachdan eileanach agus dùthchail agus 14 ann an sgìrean bailteil.

Ann an àiteachan eile, thuirt fios air ais air structar a’ phlana gun robh feum air barrachd fòcais air targaidean, agus gum bu chòir fiosrachadh mu adhartas a bhith nas tràithe san sgrìobhainn.

 

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

Bha e gu math follaiseach aig na coinneamhan poblach uile agus anns a’ mhòr-chuid de na freagairtean a fhuarar gu bheil fìor dhealas ann airson a’ chànain agus gu bheil tuigse a’ sìor fhàs mu cho cudromach ’s a tha am Plana Nàiseanta ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig tèarainte san àm ri teachd, dhan a h-uile duine ann an Alba agus nas fhaide air falbh.

“Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cleachdadh nan toraidhean gus an dreach mu dheireadh againn fhiosrachadh mus tèid a chur a-steach gu Ministearan na h-Alba agus bu toil leinn taing a thoirt dhan a h-uile duine a ghabh pàirt sa phròiseas co-chomhairleachaidh.

 

Thèid Plana Nàiseanta na Gàidhlig ath-sgrùdadh a-nis a’ leantainn air a’ cho-chomhairleachadh agus thèid a chur gu Ministearan na h-Alba airson aonta leis an amas a bhith ga fhoillseachadh sa Ghiblean 2023.

Gairm airson Beachdan Comataidh Ionmhais is Rianachd Poblach Sgrùdadh Ro-bhuidseit

Tha Comataidh Ionmhais is Rianachd Poblach Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh bheachdan a’ phobaill air a’ bhuaidh a bheireadh cosgaisean bith-beò agus ath-leasachadh air seirbheis phoblaich. Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chuir a-steach anns a bheil na puingean a leanas:

“Tha:

  • Raon de ro-innleachdan agus phoileasaidhean aig Riaghaltas na h-Alba a tha ag aithneachadh cho cudromach sa tha, agus an fheum air taic a thoirt, don Ghàidhlig.
  • Sìor fhàs anns an t-iarrtas airson ionnsachadh na Gàidhlig agus ùidh ann an cànan is cultar na Gàidhlig.
  • Barrachd fianais ann air cho cudromach sa tha a’ Ghàidhlig a’ cur ri eaconamaidh na h-Alba.

Mar sin, chan eil cùise sam bith ann airson lùghdachadh maoineachadh airson na Gàidhlig. An àite sin, tha cùis ann airson barrachd maoineachaidh gus iarrtas is comas a tha a’ sìor fhàs airson cànan is cultar na Gàidhlig a nochdadh.”

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Co-chomhairle air Bile Sgoiltean (Foghlam Còmhnaidh A-muigh) (Alba)

Eadar an Giblean agus an t-Iuchar 2022 chùm Liz Nic a’ Ghobhainn BPA, co-chomhairleachadh air Bile Sgoiltean (Foghlam air Còmhnaidh a-muigh) (Alba). Chuir Bòrd na Gàidhlig a-steach freagairt anns an robh na puingean:

Tha Bòrd na Gàidhlig den bheachd gu bheil solar nàiseanta de dh’fhoghlam a-muigh a’ toirt deagh bhuaidh air cùisean co-ionannachd san fharsaingeachd.

Tha e deatamach gun tèid a’ Ghàidhlig a thoirt a-steach do ro-innleachdan foghlaim nàiseanta ma tha Alba gu bhith a’ dèanamh cinnteach gun toirear taic agus brosnachadh do dh’iomadalachd agus iomadachd cultarach. Tha dleastanas sònraichte air Alba a bhith a’ cumail taic ri, agus a bhith a’ leasachadh na Gàidhlig agus a cultar mar phàirt de na tha Alba a’ cur ri saoghal ioma-chultarach.

Tha comas aig Foghlam A-muigh air eòlasan foghlaim co-cheangailte ris a’ chànan a neartachadh agus mar sin gus ro-innleachdan a neartachadh gus barrachd co-ionannachd a lìbhrigeadh taobh a-staigh Foghlam na h-Alba agus nas fhaide air falbh (mar eisimpleir, chaidh a’ chiad sheirbheis FtG ann an Canada fhosgladh ann an 2021).

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Sgrùdadh Buidseit 2023-24: Maoineachadh airson Cultar

Tha Comataidh Bun-reachd, Roinn Eòrpa, Cùisean Taobh a-muigh agus Cultar aig Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh bheachdan air caiteachas buidseit air cultar. Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach anns a bheil na puingean a leanas:

“Bu chòir do mheudachadh taic do na h-ealain agus cultar na Gàidhlig a bhith mar thùs-amas. Leigeadh seo leis a bhith a’ cumail air a’ fàs, a’ meudachadh a bhuaidhean sòisealta agus eaconamach.”

“Cuidichidh meudachadh taic a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig a h-uile neach ann an Alba air na h-ealain Ghàidhlig.  Comharrachaidh sin àite na Gàidhlig mar chànan nàiseanta.   Is urrainn dhan sin a bhith air a choileanadh le bhith ag àbhaisteachadh na Gàidhlig taobh a-staigh obair bhuidhnean nàiseanta mar Alba Chruthachail.   Tha na gnìomhan seo a’ cur ri ìomhaigh na h-Alba mar dùthaich eadar-mheasgte agus tarraingeach.”

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Buaidh air a’ Ghàidhlig a-nis na phàirt de Mheasadh Buaidh Coimhearsnachd nan Eilean airson a’ chiad uair

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air poileasaidh ùr Riaghaltas na h-Alba a bheir taic ri leasachadh na Gàidhlig sna h-Eileanan

Tha Bòrd na Gàidhlig air fàilte a chur air stiùireadh ùr bho Riaghaltas na h-Alba far am bi aig ùghdarrasan poblach ri measadh a dhèanamh air a’ bhuaidh air a’ Ghàidhlig taobh a-staigh Measaidhean Buaidh Coimhearsnachd nan Eilean airson a’ chiad uair.

Tron stiùireadh ùr, bidh aig buidhnean poblach ri fòcas nas motha a chur air mar a bheir na co-dhùnaidhean aca buaidh air a’ Ghàidhlig.

Tha an stiùireadh ùr a’ cumail taic ri Plana Nàiseanta nan Eilean, agus a’ buntainn ris a h-uile poileasaidh, a’ gabhail a-steach taigheadas, eaconamaidh, slàinte is cùram sòisealta, foghlam, cultar, agus leasachadh coimhearsnachd.

Fo na h-atharrachaidhean, ma sheallas Measadh Buaidh Coimhearsnachd Eileanach gum bi buaidh aig poileasaidh, ro-innleachd no seirbheis sam bith air a’ Ghàidhlig, feumaidh an t-ùghdarras poblach cur an cèill dè na ceumannan a thathar a’ gabhail gus a’ bhuaidh air a’ chànan a lasachadh no a dhèanamh nas fheàrr.

Feumaidh a h-uile co-dhùnadh a-nis a bhith air a dhèanamh a rèir Plana Nàiseanta nan Eilean, a chaidh fhoillseachadh ann an 2021 a tha mìneachadh gealltanasan Riaghaltas na h-Alba gus piseach a thoirt air builean do choimhearsnachdan eileanach.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha an t-atharrachadh seo aig Riaghaltas na h-Alba na dheagh naidheachd dhan Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan eileanach na h-Alba. Tha e a’ cur barrachd cuideam air a bhith a’ cumail suas agus a’ fàs cleachdadh ar cànain anns na coimhearsnachdan sin, a’ dèanamh cinnteach gu bheil buidhnean poblach, coimhearsnachdan agus daoine fa leth ag obair ann an com-pàirt gus togail air fàs leantainneach na Gàidhlig air feadh na h-Alba.

“Tha seo na chlach-mhìle mhòr ann a bhith a’ neartachadh phoileasaidhean dhan Ghàidhlig am measg nan daoine a nì co-dhùnaidhean agus meudaichidh e am fòcas air na cothroman agus na dùbhlain a th’ ann a thaobh a bhith a’ toirt fàs air a’ Ghàidhlig. Cha dèan seo ach math dhan Ghàidhlig agus do chur an gnìomh Plana Nàiseanta nan Eilean agus Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Cuiridh seo cuideachd ri feallsanachd Plana Nàiseanta na Gàidhlig gum bu chòir ro-innleachdan feumalachdan choimhearsnachdan eileanach agus dùthchail a choileanadh.”

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security