Maoineachadh Do Bhuidhnean Coimhearsnachd

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt maoineachadh ro-chudromach do bhuidhnean coimhearsnachdan airson 60 pròiseactan Gàidhlig.

Tha Bòrd na Gàidhlig air còrr is £171,000 a thoirt do 60 pròiseact Gàidhlig mar phàirt den sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd aca – prìomh mhaoin Bhòrd na Gàidhlig airson taic a thoirt do bhuidhnean gus pròiseactan a lìbhrigeadh gus cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus àrdachadh aig ìre na coimhearsnachd.

Gheibh buidhnean buannachd air feadh na h-Alba bho na duaisean, bho bhun-sgoiltean agus buidhnean Gàidhlig gu soirceas coimhearsnachd agus carthannas seargadh-inntinn.

’S e Àrd-sgoil Phort Rìgh a’ bhuidheann a gheibh an tabhartas as motha, le £5,000 air a thoirt seachad, a’ cumail taic ri còrr is 130 sgoilearan a tha a’ faighinn cuid den fhoghlam aca tron Ghàidhlig. Tha an sgoil ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh coimhearsnachd na Gàidhlig a neartachadh, cur ri sgilean, misneachd a leudachadh ann an co-obrachadh cho math ri bhith a’ dèanamh cheanglaichean le daoine eile aig a bheil Gàidhlig.

Fhuair Alzheimer Alba £4,000 gus Fàs na Gàidhlig a lìbhrigeadh. A’ togail air a’ phròiseact Còmhraidhean sa Ghàidhlig aca, tha an carthannas airson cumail orra le bhith a’ conaltradh le daoine air a bheil seargadh-inntinn agus an luchd-cùraim, an teaghlaichean is an caraidean agus gus togail air na ceanglaichean eadar ginealaich a chaidh a chruthachadh leis na bun-sgoiltean Gàidhlig san Eilean Sgitheanach, Loch Abar, agus Taobh Siar Rois.

Fhuair Artsplay Highland £4,000 cuideachd airson pròiseact Ceòl is Cèilidh aca, a bheir comas dhaibh 39 bùithtean-obrach a thoirt seachad thairis air trì buidhnean sgoil-àraich Gàidhlig ann an Druim na Drochaid, Inbhir Pheofharain agus Baile Dhubhthaich.

Am measg nam buidhnean eile a gheibh maoineachadh, tha Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig ann an Dùn Èideann a fhuair £1,750 gus cur ris na tha iad a’ tabhainn sa Ghàidhlig sa phrìomh-bhaile.

Fhuair Soirceas Coimhearsnachd Ghlaschu CIC airgead gus clasaichean Gàidhlig a thabhann do dhaoine òga eadar 6 agus 18, gus sgilean ionnsachadh leithid trapeze, lùth-chleasachd agus unicycle, agus fhuair Talla Baile Cheann Colldruim ann an Aonghas maoineachadh airson a’ phròiseact Gàidhlig anns na Glinn.

Fhuair Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig aithneachadh le duais gus am pròiseact pod-chraoladh Gàidhlig aca a mhaoineachadh, agus tha Bun-sgoil an Iar ann an Siorrachd Rinn Friù air £1,750 fhaighinn airson leasanan Gàidhlig do phàrantan aig a bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, a bharrachd air luchd-obrach na sgoile a tha ag iarraidh an cànan ionnsachadh.

Tha Caraidean Institiùd Elphinstone ann an Obar Dheathain air £2,500 fhaighinn airson Seinn Spioradail, taisbeanadh a thèid air cuairt fad bliadhna le stuthan lèir-chlaistinneach a’ gabhail a-steach tasglann didseatach, film 15 mionaidean agus làrach-lìn a thèid a chuir air bhog san Fhaoilleach 2024. Aig an aon àm, fhuair Cluicheadairean Inbhir Pheofharain £800 airson neach-ealain Ghàidhlig air mhuinntireas.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha sinn air leth toilichte taic a thoirt do na coimhearsnachdan iongantach seo uile agus iad a’ brosnachadh agus ag àrdachadh cleachdadh na Gàidhlig aig ìre ionadail agus nàiseanta. Tha a’ chuairt maoineachaidh as ùire seo a’ sealltainn na buaidh aig Bòrd na Gàidhlig air buidhnean, carthannasan agus buidhnean coimhearsnachd air feadh na dùthcha agus sinn ag obair gus cur ri ruigsinneachd na Gàidhlig còmhla.

Tha sinn gu mòr airson buidhnean a chuideachadh gus pròiseactan a lìbhrigeadh aig ìre coimhearsnachd a bhios chan ann a-mhàin a’ cur ri cleachdadh na Gàidhlig, ach a bhios cuideachd a’ gabhail a-steach an ath ghinealach agus sinn  a’ cumail oirnn a’ cur a’ chànain aig cridhe choimhearsnachdan air feadh na h-Alba.”

 

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith diofar sgeamaichean maoineachaidh aig diofar amannan tron bhliadhna. Ma tha moladh agaibh airson pròiseact, cuir post-d gu: tabhartas@gaidhlig.scot, no fòn gu 07584 103 944.

 

Buidhnean a fhuair Maoineachadh

Siorrachd Obar Dheathain

Càirdean Institiud Elphinstone – £2,500

Fèis Obar Dheathain  – £940

 

Aonghas

Talla a’ Bhaile, Ceann Colldruim – £3,500

 

Earra Ghàidheal is Bòd

Urras Leasachaidh Sgìreil Thaigh na Bruaich – £2,000

Comunn Gàidhealach an Òbain – £3,000

Air Ghleus – £2,000

Co-roinn Ghàidhlig Mhuile agus Idhe – £1,200

Comunn Gàidhealach Mhuile – £3,000

 

Dùn Èideann

Bothan Dhùn Èideann – £3,500

Fòram Dannsa Traidiseanta na h-Alba – £3,000

Oilthigh Napier Dhùn Èideann – £3,000

Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig – £1,750

 

Dùn Phris Is Gall-Ghàidhealaibh

Gàidhlig Dumgal – £3,500

 

Siorrachd Àir an Ear

Fòram Gàidhlig Siorrachd Inbhir Àir an Ear – £3,000

 

Siorrachd Dhùn Breatann an Ear

Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig – £240

Buidheann Gàidhlig Dhrochaid an Easbaig – £2,500

CnP Meadowburn – £2,000

 

Siorrachd Rinn Friù an Ear

Gàidhlig san Dachaigh Glaschu a Deas – £3.700

Soirceas Coimhearsnachd Ghlaschu CiC – £2,750

 

Glaschu

Lingo Flamingo – £4,000

Comann Gàidhlig Lunnainn – £800

Gàidhlig san Dachaigh (Glaschu) – £3,000

Comhairle nam Pàrant Bun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dàil – £4,000

Ceòl is Craic – £4,000

Bun-sgoil Bheinn Chamshroin – £3,000

Comunn na Dràma – £3,850

 

A’ Ghàidhealtachd

Buidheann Ghàidhlig Pholl Lochaidh (An t-Eilean Dubh) – £3,000

Bunait Chnòideart (Caol agus Malaig) – £3,750

Goireasan Coimhearsnachd Ghleann Fhionghain SCIO (Caol agus Malaig) – £2,200

Cluicheadairean Inbhir Pheofharain (Inbhir Pheofharain)  – £800

Fèis Chataibh (Cataibh an Ear agus Eadardan) – £3,000

Sabhal Mòr Ostaig (Eilean a’ Cheò) – £4,000

Gàidhlig san Dachaigh (Eilean a’ Cheò) – £1,000

Alzheimer Alba – Action On Dementia (Eilean a’ Cheò) – £4,000

Bun Sgoiltean Chille Mhoire agus Stafainn (Eilean a’ Cheò) – £3,800

Ionad Thròndairnis (Eilean a’ Cheò) – £4,000

Àrd-sgoil Phort Rìgh (Eilean a’ Cheò) – £5,000

Urras an Taobh Sear (Eilean a’ Cheò) – £3,000

Meur Loch Abar (An Gearastan agus Àird nam Murchan) – £4,000

Fèis Lochabair (Fort William and Ardnamurchan) – £1,750

Artsplay Highland – £4,500

Ionad Ionnsachaidh Sgìre na Luirg (Tuath, Iar agus Meadhan Chataibh) – £4,500

Ionad Trèanaidh an Iar-thuath (Tuath, Iar agus Meadhan Chataibh) – £1,500

Comann Nam Pàrant Baile Dhubhthaich (Baile Dhubhthaich agus Taobh an Ear) – £4,000

Fèis Air an Oir (Inbhir Theòrsa agus Iar-thuath Ghallaibh) – £3,000

Geopark Iar-thuath na Gàidhealtachd (Ros an Iar, Srath Pheofhair agus Loch Aillse) – £2,400

 

Inbhir Chluaidh

Buidheann Luchd-ionnsachaidh Inbhir Chluaidh – £1,000

 

Na h-Eileanan an Iar

Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil (An Taobh Siar agus Nis) £4,480

Dòchas Dancers (Barraigh) – £4,000

Sràdagan Sgìre Ùig (Ùig is Càrlabhagh) – £2,500

Urras an Taighe Mhòir agus Comunn Eachdraidh Loch Ròg an Ear (Ùig is Càrlabhagh- £3,250

Sruth-mara (Ùig is Càrlabhagh) – £3,850

Dòrlach – £4,000

 

Siorrachd Rinn Friù

Bun-sgoil an Iar – £1,750

ClannGàidhlig – £1,800

 

Siorrachd Lannraig a Deas

Comann Ionad Coimhearsnachd Rathad Thornton – £1,000

Buidheann Ghàidhlig Chille Bhrìghde an Ear – £2,500

Iomairt Ghàidhlig Coimhearsnachd Dhail Chluaidh – £3,750

Àrd-sgoil Calderglen – £3,500

 

Comhairle Shruighlea

Fèis Fhoirt – £1,200

 

Lorgar barrachd fiosrachaidh mu na sgeamaichean maoineachaidh againn an seo.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mu na pròiseactan a tha a’ faighinn taic-airgead bhuainn air GrantNav.

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig mothachail air na h-aithrisean timcheall air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus gainnead de thidsearan airson seo a lìbhrigeadh a th’ air a bhith anns na naidheachdan thar na seachdainean a dh’fhalbh.

Tha dleastanas aig Bòrd na Gàidhlig gus Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig fhoillseachadh.  Tha dleastanasan aig ùghdarrasan ionadail gus foghlam a lìbhrigeadh agus a thaobh tidsearan a thrusadh agus gleidheadh. Tha dleastanasan aig Comhairle Maoineachadh na h-Alba, GTCS agus oilthighean a thaobh trèanadh thidsearan.

Dh’obraich Bòrd na Gàidhlig le oifigearan aig Comhairle na Gàidhealtachd, Earra-Ghàidheal is Bhòid, agus Baile Obair Dheathain gus molaidhean a dhèanamh air gnìomhan a bhiodh a’ toirt taic a thaobh a bhith a’ trusadh agus a’ gleidheadh thidsearan agus chaidh an aithisg sin thuca an-uiridh.  Air a ghabhail a-steach dhan aithisg bha molaidhean leithid dreuchdan teagaisg a dhèanamh nas tarraingiche le bhith a’ tabhann chùmhnantan maireannach, làn-ùine, structaran adhartachaidh a chruthachadh, agus a bhith a’ dèiligeadh ri cùisean leithid taigheadas aig prìs ruigsinneach.

San dàrna phàirt den aithisg bha molaidhean ann gus an suidheachadh nàiseanta a leasachadh agus chaidh an aithisg seo do bhuidhnean eadar-dhealaichte, Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd nam measg.  A-rèir an dàta as ùire bho Riaghaltas na h-Alba, tha còrr air trian de thidsearan le teisteanas airson a bhith a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig an-dràsta a’ teagasg tro mheadhan na Beurla. Faodar an aithisg slàn a leughadh an seo.

A bharrachd air sin, bidh Bòrd na Gàidhlig ag obair gus daoine a bhrosnachadh gus dreuchd a bhith aca ann an teagasg tro iomairt #DèanDiofar, #DèanDiofar nan Tràth-bhliadhnaichean agus co-obrachadh le iomadach buidheann eile. Tha Oifigear Leasachaidh (Tidsearan) aig BnG a bhios a’ tadhal air sgoiltean agus oilthighean gus teagasg a thoirt do dh’aire dhaoine mar dhreuchd.

Tha sgeamaichean maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig gus daoine a tha a’ beachdachadh air an dreuchd aca atharrachadh airson trèanadh a bhith nan tidsear a bhrosnachadh, dha oileanaich a tha a’ gabhail os làimh Tùs-thrèanadh Thidsear, dhaibhsan a tha clàraichte mar thidsear mar-thà ach tro mheadhan na Beurla gus cùrsa bogaidh a dhèanamh airson cothrom a thoirt dhaibh a bhith a’ teagasg sa Ghàidhlig agus taic cuideachd do thidsearan pròbhaidh.

Stiùiriche Foghlaim Ùr aig Bòrd na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte a ràdh gun deach Jennifer McHarrie fhastadh mar Stiùiriche Foghlaim agus gum bi i a’ tòiseachadh san dreuchd seo 05 Dùbhlachd 2022. Bidh Jennifer os cionn sgioba foghlaim Bhòrd na Gàidhlig agus ag obair leotha gus poileasaidhean foghlam a’ Bhùird a stiùireadh. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt comhairle do Riaghaltas na h-Alba a thaobh Foghlam na Gàidhlig, ag obair còmhla ri ùghdarrasan foghlaim agus buidhnean eile a tha an sàs ann a bhith a’ lìbhrigeadh foghlam gus amasan a’ Bhùird a thoirt gu buil, agus bidh Jennifer os cionn na h-obrach a nì am Bòrd gus an Stiùireadh Reachdail a chur an gnìomh leis na buidhnean eadar-dhealaichte.

A’ fuireach ann an Cair MoLuaig, tha an t-uabhas de dh’eòlais aig Jennifer san roinn phoblaich agus san roinn phrìobhaidich co-cheangailte ri cànan is foghlam. Cheumnaich i ann an Oilthigh Ghlaschu le Ceum ann an Fraingis is Eòlais-Hiospanach. Dh’ionnsaich i a’ Ghàidhlig mar inbheach tro dhiofar chùrsaichean nam measg clasaichean-oidhche ann an Glaschu agus Siorrachd Lannraig, an Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig agus chur i crìoch air Bliadhna Bogaidh Oilthigh Ghlaschu o chionn ghoirid far an do choisinn i àrd-urram.

Bidh Jennifer a’ tighinn thugainn bho Ùghdarras Theisteanas na h-Alba, far a bheil i air a bhith ag obair fad 10 bliadhna. Na dreuchd mar Cho-òrdanaiche Theisteanasan, bha i ag obair air measgachadh de phròiseactan co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig leithid a bhith a’ coileanadh nan gealltanasan foghlaim ann am Plana Gàidhlig Ùghdarras Theisteanas na h-Alba agus a co-òrdanachadh agus a toirt fàs air solarachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha i air a bhith ag obair gu dlùth le tidsearan agus le ùghdarrasan ionadail ann an roinnean àrd-sgoile, Foghlam Adhartach, Foghlam Àrd-Ìre agus Leasachadh agus Ionnsachadh Coimhearsnachd. Tha tuigse mhath aice air suidheachadh toinnte an fhoghlaim a bharrachd air Planadh Cànain agus Poileasaidhean aig ìre nàiseanta.

Tha i air leth taiceil do dhà-chànanachas agus dreuchdan eile air a bhith aice mar Mhanaidsear Phròiseactan Eadar-theangachaidh agus na Neach-taice Beurla ann an taobh a tuath na Spàinne.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “ Tha sinn air leth fortanach gu bheil cuideigin le eòlas cho farsaing gu bhith a’ neartachadh obair sgioba foghlaim Bhòrd na Gàidhlig. Gu sònraichte aig an àm seo, bidh sin a’ toirt taic do dh’ùghdarrasan ionadail agus na buidhnean eile gus na buannachdan aig FtG fhaighinn sna sgìrean aca agus a bhith a’ coileanadh amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig.”

Seisan Fiosrachaidh – FtG ann am Fìobha

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte cuireadh a thoirt do phàrantan agus luchd-cùraim gu coinneamh air-loidhne air Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Thig còmhla rinn gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus mar a thèid a stèidheachadh ann an Fìobha.

Bheir Jim Whannel, Stiùiriche Foghlam Gàidhlig, aig Bòrd na Gàidhlig, seachad taisbeanadh goirid mu na buannachdan an cois seo agus bidh cothrom ann ceistean a chur.

Bidh Comhairle Fìobha a’ brosnachadh an solar a dh’ fhaodadh a bhith ann de Fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig san sgìre agus bidh iad a’ co-aoigheachd na coinneimh còmhla ri riochdairean bho Chomann nam Pàrant, am buidheann nàiseanta a tha a’ toirt taic agus comhairle mu fhoghlam tro mheadhain na Gàidhlig do phàrantan.

Thèid a’ choinneamh a chumail air Teams, Diardaoin, 08 An Dùbhlachd aig 18.30.

Fios as ùire: Tha an t-àm airson clàradh airson na coinneimh seo air a dhol seachad.

 

Àrainneachd Eachdraidheil Alba: Frèam-obrach airson Turasachd Chunntasach

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air a’ chothrom freagairt a thoirt don cho-chomhairleachadh seo air Frèam-obrach airson Turasachd Chunntasach.

Anns an fhreagairt bha na puingean a leanas:

Tha Gàidhlig na cànan nàiseanta. Le bhith a’ meudachadh cleachdadh na Gàidhlig air làraichean HES, bithear a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad a rèir an fhrèam-obrach – “a’ toirt seachad ionadan-tàlaidh luchd-tadhail a tha a’ riochdachadh dearbh-aithne na h-Alba” agus a tha “ag innse sgeulachd na h-Alba”.

Tha a’ Ghàidhlig deatamach airson tuigse fhaighinn air a’ chultar a tha ceangailte ri iomadh làrach HES. Tha Ro- innleachd Turasachd na Gàidhlig do dh’Alba aig VisitScotland – nì a tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba an sàs ga lìbhrigeadh – ag ràdh:

“Tha a’ Ghàidhlig cuideachd follaiseach anns an riochd Bheurla a th’ aig tòrr de na h-ainmean aig na h-àiteachan is bailtean iomraiteach ann an Alba leithid Loch Nis, Cùil Lodair, Gleann Fhionnainn, Glaschu is Dùn Dè agus a’ Bheurla airson nan ainmean sin faisg air a’ Ghàidhlig a bh’ ann bho thùs”.

Le bhith a’ meudachadh cleachdadh na Gàidhlig ann am mìneachadh, mar eisimpleir, bithear a’ cuideachadh gus amas an fhrèam-obrach a choileanadh a thaobh “fìrinneas agus mothachadh air àite a dhìon” agus mar sin bithear a’ toirt gu buil “gnàthan-eòlais fìrinneach a thoirt seachad do luchd-tadhail”. Bhiodh e cuideachadh ag ath- neartachadh na puinge gur e cànan beò a tha sa Ghàidhlig.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Sgeama maoineachaidh Bòrd na Gàidhlig airson Oifigearan Leasachaidh Cànain air a ro-sgrìobhadh 220% agus fèill air a’ chànan a’ fàs

Tha aithisg bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig airson 2021-22 air nochdadh gu bheil fèill mhòr air a’ Ghàidhlig agus gu bheil seo a’ sìor fhàs às dèidh do sgeama ùr gus Oifigearan Leasachaidh Gàidhlig a mhaoineachadh 220 sa cheud a bharrachd de dh’iarrtasan fhaighinn na bh’ ann de dh’airgead – a’ ciallachadh gun deach £500,000 de mhaoineachadh a riarachadh do 21 buidhnean.

Tha an sgeama ùr air a dhealbh gus an àireamh de dh’oifigearan Gàidhlig a leudachadh anns na h-eileanan agus coimhearsnachdan dùthchail agus ann am bailtean-mòra agus cathair-bhailtean.

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ maoineachadh grunn bhuidhnean a bhios a’ fastadh oifigearan leasachaidh, agus mar thoradh air maoineachadh a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba, lìbhrig sinn sgeama maoineachaidh ùr a tha fosgailte do bhuidhnean san treas roinn a tha airson an cuid solar Ghàidhlig a leasachadh.

Bha fèill cho mòr air an sgeama is gun d’ fhuair e 30 tagradh, luach còrr air £800k, an taca ris a’ bhuidseit thùsail de £250k.

Mar thoradh air an iarrtas seo, dh’aontaich Bòrd na Gàidhlig stòrasan a bharrachd, a riarachadh don mhaoin, a’ dùblachadh a’ bhuidseit thùsail. Mar thoradh air seo, bha 21 buidheann comasach air oifigearan Gàidhlig fhastadh, a’ gabhail a-steach Comann nam Pàrant Phort Rìgh agus Seanadh Cultar Dualchais is Ealain Earra-Ghàidheal is nan Eilean’.

Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd air cuideachadh le maoineachadh gus an t-àrd-ùrlar ùr SpeakGaelic a thoirt a-steach, a tha air a dhealbh gus taic a thoirt do dh’ionnsachadh a’ chànain.

Chaidh SpeakGaelic, a tha air a mhaoineachadh agus a chaidh a chruthachadh ann an com-pàirteachas eadar Bòrd na Gàidhlig, MG ALBA, am BBC agus Sabhal Mòr Ostaig, a chur air bhog san Dàmhair 2021 mar bhrannd ionnsachaidh ioma-thaobhach, a’ tabhann na dòigh-obrach as coileanta gus Gàidhlig ionnsachadh ann an ginealach. Tha SpeakGaelic a’ toirt cothrom do luchd-cleachdaidh air clasaichean aghaidh-ri-aghaidh, ionnsachadh air-loidhne fèin-threòraichte, agus susbaint sna meadhanan tro ghrunn àrd-ùrlaran – no tro na trì àrd-ùrlaran uile aig an aon àm.

Tha SpeakGaelic air aon de ghrunn phròiseactan a fhuair taic no a chaidh a stèidheachadh le Bòrd na Gàidhlig thairis air an 12 mìosan a dh’fhalbh, le iomairt #Cleachdiaigantaigh air tilleadh a chaidh a dhealbhadh le mòran chom-pàirtichean lìbhrigidh gus taic a thoirt dhaibhsan ann am foghlam Gàidhlig.

A bharrachd air £4.1m de mhaoineachadh a chaidh a sgaoileadh do 136 buidhnean thar na bliadhna a dh’fhalbh, tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd air obrachadh gu dlùth le 67 ùghdarrasan poblach air planaichean Gàidhlig a bheir taic dhan Ghàidhlig san àite-obrach agus sa bheatha phoblaich, a’ gabhail a-steach còig ùghdarrasan poblach a tha a’ cruthachadh a’ chiad phlana aca.

Tha na planaichean Gàidhlig seo nam blocaichean-togail a bheir follaiseachd dhan chànan air feadh na dùthcha, a tha a’ cur ri cothroman gus Gàidhlig a chleachdadh agus a tha cur ri a h-àbhaisteachadh.

Tron obair le ùghdarrasan poblach agus tro phlanadh cànain airson na Gàidhlig tha Bòrd na Gàidhlig air cur ris na goireasan Gàidhlig aig na buidhnean a tha a’ dìon agus a’ toirt piseach air an àrainneachd, mar eisimpleir, NatureScot agus Coilltearachd agus Fearann Alba.

A rèir na h-aithisg bliadhnail, fhuair am Bòrd Tabhartas-gus-Cuideachadh de bheagan is £5.6 millean uile gu lèir – feumaidh Bòrd na Gàidhlig obrachadh taobh a-staigh an riarachaidh ionmhasail seo a thugadh dhaibh le Ministearan na h-Alba.

Às an t-suim sin, bha £1.7 millean airson prìomh chosgaisean ruith, agus chaidh £2.4 millean gu maoinean leasachaidh Gàidhlig san fharsaingeachd – a’ gabhail a-steach maoineachadh coimhearsnachd do dhaoine, pròiseactan agus buidhnean, – agus £1.4 millean a dh’ionnsaigh Maoin Buileachaidh nam Planaichean Gàidhlig.

Thuirt Màiri NicAonghais, an Cathraiche, gu bheil Bòrd na Gàidhlig gu mòr airson togail air an ùidh agus an iarrtas a tha a’ sìor fhàs airson leasachadh a’ chànain.

Thuirt i: “Tha leasachadh agus cumail taic ris a’ Ghàidhlig air a bhith mar phrìomh adhbhar dhuinn fhad ’s a bha sinn trang a’ dèiligeadh ris a’ ghalar lèir-sgaoilte agus a bhuaidh air daoine fa leth agus air teaghlaichean, coimhearsnachdan agus buidhnean poblach.”

“Sheall Seachdain na Gàidhlig gu h-èifeachdach cho mòr ’s a bha an t-àrdachadh san ùidh ann an cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig aig àm a’ ghlasaidh-sluaigh. Tha an àireamh de luchd-ionnsachaidh tro SpeakGaelic a’ sealltainn na ghabhas dèanamh.

“Tha sinn a’ cumail oirnn a’ daingneachadh cho cudromach ’s a tha an teachdaireachd gum buin a’ Ghàidhlig ri Alba air fad agus tha sinn mothachail cuideachd air an ùidh eadar-nàiseanta anns a’ chànan agus sa chultar againn.

“Tha an t-àrdachadh san iarrtas airson Gàidhlig air feadh na dùthcha a’ cruthachadh an dà chuid cothrom agus dùbhlan – faodaidh an cànan fàs agus tòiseachadh air a bhith seasmhach ach tha feum air stòrasan mòra a bharrachd gus seo a dhèanamh.”

Thuirt t-àrd-oifigear Shona NicIllinnein gu bheil taic leantainneach do luchd-labhairt na Gàidhlig aig cridhe obair Bhòrd na Gàidhlig.

Thuirt i: “Is e taic do luchd-labhairt na Gàidhlig – co-dhiù tha iad air Gàidhlig a thogail san teaghlach, ann am FtG no a bheil iad ag ionnsachadh nan inbhich – adhbhar obair BnG. Tha sinn a’ maoineachadh raon de bhuidhnean a bhios a’ fastadh oifigearan leasachaidh gus an obair a tha a dhìth a thoirt air adhart agus mar thoradh air maoineachadh a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba, lìbhrig sinn sgeama maoineachaidh ùr a tha fosgailte do bhuidhnean san treas roinn a tha airson an cuid solar Ghàidhlig a leasachadh is a leabachadh. Tha e deatamach gun cùm sinn oirnn agus gum fàs sinn, gus ar buaidh a mheudachadh anns gach ceàrnaidh den dùthaich.”

Chaidh aithisg bhliadhnail sgrùdaichte Bhòrd na Gàidhlig fhoillseachadh cuideachd, leis a h-uile comharra càileachd air a làn choileanadh agus cha deach moladh sam bith a dhèanamh.

Thuirt Màiri NicAonghais: “Tha sinn a’ cur fàilte air co-dhùnaidhean na h-aithisg sgrùdaidh ùir, a tha a’ dearbhadh an adhartais chudromaich a tha sinn air dèanamh agus cumaidh sinn oirnn a’ dèanamh cinnteach gu bheil deagh riaghladh ann air feadh na buidhne. Cumaidh sinn oirnn a’ leantainn stiùireadh agus deagh chleachdadh gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn daonnan ag atharrachadh agus a’ toirt air adhart na bhuidheann gus buannachd nas fharsainge a thoirt air leasachadh na Gàidhlig.”

Faodar an Aithisg Bhliadhnail a leughadh an seo.

Freagairt Bhòrd na Gàidhlig air Co-Chomhairleachadh Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a cur fàilte air Co-Chomhairleachadh Riaghaltais na h-Alba agus na geallaidhean leantainneach aca ris a’ Ghàidhlig, a tha a cur ri na h-amasan a th’againne airson a’ chànan. Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach ‘s a tha cànanan dùthchasail na h-Alba air fad agus na tha iad a’ cur ri cultur na dùthcha agus sinn cuideachd a’ cur taic ri na molaidhean mu Albais sa cho-chomhairleachadh seo.” 

“Tha an fhianais bho Shuirbhidh Beachdan Sòisealta na h-Alba o chionn ghoirid a’ sealltainn gu bheil taic agus iarrtas airson na Gàidhlig a’ fàs, gu h-àraid a-measg dhaoin’ òga agus ‘s e ceum cudromach a tha seo a dh’ionnsaidh a bhith ag àbhaisteachadh a’ chànain.” 

“Tha barrachd is barrachd theaghlaichean a’ sireadh Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus a mhòr chuid de dh’Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba a nis a’ tabhann, no a’ tòiseachadh air Foghlam to mheadhan na Gàidhlig a thabhann. Tha na fìgearan às ùire a’ sealltainn gu bheil àrdachadh 21% anns na h-àireamhan de dh’òigridh ann am Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig aois bun-sgoile agus àrdachadh 16% aig aois àrd-sgoile thar na còig bliadhna a dh’fhalbh. Tha sinne gu mòr den bheachd gum feum an ro-innleachd nàiseanta ùr a bhith air a stiùireadh bho ìre mhinistearan gus stiùireadh nàiseanta agus buileachadh a sholarachadh, le Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gu mòr an sàs anns na buidhnean foghlaim ùra. Bu chòir leudachadh air còirichean phàrantan airson Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gus an cothrom Gàidhlig ionnsachadh a bhith aig gach sgoilear ann an Alba tro phrògram 1 + 2 mar phàirt den làn-chòir aca a dh’ionnsachadh mu dualchas cultarach beairteach na h-Alba agus a’ Ghàidhlig mar phàirt dhe.”  

 “Tha sinn a’ moladh gun lean Plana Nàiseanta na Gàidhlig air adhart mar ro-innleachd airson a’ Ghàidhlig a leasachadh ann an Alba. Tha sinn cuideachd a’ moladh gun tèid inbhe laghail na Gàidhlig a neartachadh tro Bhile nan Cànan Albannach ùr. Bidh iad seo air leth cudromach gus a bhith cinnteach gun lean Alba air adhart le bhith a’ leudachadh air cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig gu nàiseanta.”  

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair le Riaghaltas na h-Alba agus na luchd-ùidh air fad gus fiosrachadh fhaighinn mu na h-ath cheumannan sa phròiseas pàrlamaid seo gus dreachd bile a leasachadh.  Cuideachd, bhitheamaid a’ brosnachadh dhaoine eile gus freagairt a chur a-steach.”  

Leugh am freagairt an seo

Toraidhean bhon Ceisteachan air Cleachdadh na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte innse mu na toraidhean a fhuair sinn tro ‘Cheisteachan air Cleachdadh na Gàidhlig 2022’. Chaidh an ceisteachan seo fhosgladh aig 8f air Là na Sàbaid, 19 An t-Ògmhios agus mhair e 24 uair a thìde. San ùine ud, fhuair sinn 761 freagairt – àrdachadh air an 473 a fhuair iad an-uiridh nuair a chaidh an t-aon cheisteachan a ruith air an aon cheann-là. Tha sinn uamhasach taingeil do gach neach a ghabh an cothrom an ceisteachan cudromach seo a lìonadh.

Chaidh na h-aon cheistean fhaighneachd am-bliadhna gus am b’ urrainn dhuinn coimeas a dhèanamh eadar na toraidhean.

Am measg nan toraidhean, thuirt 69% de dhaoine a fhreagair gum bi iad a’ cleachdadh an cuid Gàidhlig gu làitheil.

Thuirt còrr is an darna leth (50.3%) gun robh iad a’ cleachdadh barrachd Gàidhlig am-bliadhna an coimeas ris a’ bhliadhna an-uiridh.

Chaidh iarraidh air daoine ceistean a fhreagairt mun uiread de Ghàidhlig a thathar a’ cleachdadh ann an diofar roinnean-beatha an taca ris a’ bhliadhna an-uiridh.

  • Thuirt a’ chuid as motha de dhaoine gun robh iad a’ cleachdadh a cheart uiread (48%) no nas motha (45%) de Ghàidhlig air-loidhne.
  • Thuirt a’ chuid as motha de dhaoine gun robh iad a’ cleachdadh a cheart uiread (63%) no nas motha (30%) de Ghàidhlig san dachaigh.
  • Thuirt a’ chuid as motha de dhaoine gun robh iad a’ cleachdadh a cheart uiread (64%) no nas motha (25%) de Ghàidhlig san sgoil/oilthigh/colaiste/nan cuid obrach.
  • Thuirt a’ chuid as motha de dhaoine gun robh iad a’ cleachdadh a cheart uiread (60%) no nas motha (29%) de Ghàidhlig sa choimhearsnachd.

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha seo na adhbhar thoileachas dhuinn an àrdachadh seo ann an cleachdadh na Gàidhlig fhaicinn sna diofar roinnean seo. Ged is e sealladh beag a tha seo an coimeas ris an coimhearsnachd Ghàidhlig air fad, tha e gu math cuideachail cothrom a bhith againn coimeas a dhèanamh eadar na freagairtean a tha sinn a’ faighinn gach bliadhna agus tha e cuideachd a’ cur ri amasan a’ Phlana Nàiseanta gus Gàidhlig àbhaisteachadh.”

Cumaibh sùil a-mach san Ògmhios nuair a thig cothrom gus an ceisteachan a lìonadh airson 2023.

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt maoineachadh ro-chudromach do dh’ùghdarrasan poblach airson 36 pròiseactan Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air còrr is £413,000 a thoirt do 36 pròiseactan Gàidhlig mar phàirt de Mhaoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF). 

’S e Comhairle nan Eilean Siar aon de ghrunn bhuidhnean sna h-Eileanan Siar a bhios a’ faighinn maoineachadh airson farsaingeachd de phròiseactan, nam measg duais de £20,000 gus clasaichean Gàidhlig a thoirt do na preantasan aice. 

Fhuair a’ Chomhairle cuideachd £12,000 airson bogadh ann an àrainneachd obrach Ghàidhlig a thoirt do dh’oileanaich a tha a’ dèanamh greis-gnìomhachais samhraidh ann am buidheann ionadail, agus £8,000 eile airson seiseanan cuimhneachaidh tron Ghàidhlig a chumail ann an dachaighean-cùraim. Am measg maoineachaidh eile bha £7,500 gus aoigheachd a thoirt do LUACH 2023 – fèis de thachartasan Gàidhlig air feadh Leòdhais agus na Hearadh. 

Am measg nam buidhnean eile a tha a’ faighinn taic-airgid tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean – Innse Gall, a fhuair £33,000 airson clasaichean Gàidhlig a thabhann air feadh nan Eileanan Siar. Tha Leabharlann Nàiseanta na h-Alba air airgead fhaighinn gus oifigear fhastadh gus filmichean Cinema Sgìre a chur ann an cruth didseatach, agus tha Oilthigh Obar Dheathain air maoineachadh fhaighinn airson oifigear Gàidhlig fhastadh. 

Chaidh obair Comhairle Baile Dhùn Èideann gus Gàidhlig a leasachadh aithneachadh le duais de £20,000 gus Capital Gaelic a leudachadh – pròiseact a tha ag amas air ceanglaichean a thogail eadar buidhnean Gàidhlig air feadh a’ bhaile. 

Bidh Glaschu Beò a’ toirt na Ro-innleachd Ealainean Ghàidhlig aca air adhart airson na còigeimh bliadhna, far am bi a’ bhuidheann a’ brosnachadh prògram de thachartasan agus iomairtean às dèidh dhaibh duais £15,000 fhaighinn, a bharrachd air a bhith a’ toirt seachad trèanadh is cothroman leasachaidh do dh’oidean Gàidhlig. Tha Comhairle Baile Ghlaschu cuideachd air £7,000 de mhaoineachadh fhaighinn gus mapa Gàidhlig eadar-obrachail a chruthachadh den bhaile, agus £3,200 a bharrachd gus teagasg Gàidhlig a thoirt do luchd-obrach na comhairle. 

Agus ann an àiteachan eile, bidh Cur-seachad agus Cultar Dhùn Dè a’ faighinn buannachd bho chòrr is £1,350, a thèid a chur a dh’ionnsaigh lìbhrigeadh chuirmean is thaisbeanaidhean Gàidhlig do mhuinntir Dhùn Dè, agus tha Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh air £5,750 fhaighinn airson sgrùdadh air luach dualchas na Gàidhlig. 

Gheibhear làn chunntas air na pròiseactan a fhuair maoineachadh air làrach-lìn GrantNav an seo 

Thèid taic a chumail ri pròiseactan eile a rinn iarrtas tro GhLAIF tron bhliadhna. 

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha a’ chuairt as ùire de mhaoineachadh GLAIF a’ sealltainn cho mòr ’s a tha ruigsinneachd Bhòrd na Gàidhlig agus sinn a’ feuchainn ri àrd-ùrlar leasachaidh ùr a thoirt dhan Ghàidhlig, chan ann a-mhàin air a’ Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan, ach air feadh na h-Alba. 

“Tha farsaingeachd nan tabhartasan air feadh na dùthcha a’ nochdadh an dealais aig iomadh comhairle agus buidheann gus fàs a thoirt air a’ chànan agus a thoirt gu luchd-èisteachd gu tur ùr a bharrachd air a bhith a’ cumail taic ris na coimhearsnachdan Gàidhlig a tha ann mar-thà. Tha an t-seòrsa maoineachaidh seo fìor chudromach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil eachdraidh bheairteach a’ chànain air a glèidheadh ​​agus na buannachd do dhaoine de gach aois.” 

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith diofar sgeamaichean maoineachaidh aig diofar amannan tron bhliadhna. Ma tha moladh agaibh airson pròiseact, cuir post-d gu:tabhartas@gaidhlig.scot, no fòn gu 07584 103 944. 

 

Beachdan bho chom-pàirtichean 

Cur-seachad agus Cultar Dhùn Dè 

Thuirt neach-labhairt airson Cur-seachad agus Cultar Dhùn Dè: “Tha Cur-seachad is Cultar Dhùn Dè taingeil do Bhòrd na Gàidhlig airson a bhith a’ cumail oirnn a’ toirt taic do na cuirmean-ciùil Gàidhlig aig àm-lòin ann an Talla Marryat, a’ toirt cothrom dhuinn na seinneadairean is luchd-ciùil òga as fheàrr a thoirt a-steach gus seinn agus gus an soirbhich a’ Ghàidhlig tro cheòl tlachdmhor.”   

 

Comhairle nan Eilean Siar 

Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle nan Eilean Siar: “Tha Comhairle nan Eilean air leth toilichte £8k fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig gus pròiseact a lìbhrigeadh co-cheangailte ri Taigh Shìophort agus Cùirt Bremner, an àrainn cùraim ùr a thathar a’ togail ann an Steòrnabhagh.  Tha ‘Sùil air Ais, Sùil air adhart’ ag amas air tachartasan cuimhneachaidh mìosail a lìbhrigeadh do luchd-còmhnaidh agus bheir e cothrom a bhith a’ ceannach stuthan ceangailte ris na h-eileanan gus cuimhneachain is còmhraidhean a bhrosnachadh.  Tha e cudromach an cànan labhairteach a chumail suas agus bheir Sùil air Adhart taic do luchd-obrach nas òige gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh agus adhartachadh am measg luchd-còmhnaidh/teanantan agus am measg luchd-obrach.” 

 

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean 

Ann an 2021-22 chlàraich còrr is 80 oileanach air cùrsaichean Gàidhlig air an lìbhrigeadh le OGE Innse Gall, agus tha sinn air leth toilichte, le taic Bhòrd na Gàidhlig, gun urrainn dhuinn cumail oirnn a’ tabhann chothroman airson Gàidhlig ionnsachadh ann an coimhearsnachdan air feadh nan Eilean Siar.  Tha sinn toilichte gun urrainn dhuinn clasaichean a thabhann ann an 2022-23 ann an sgìrean leithid Barraigh, Beinn na Faoghla, an Tairbeart agus Barbhas a bharrachd air cùrsaichean aig an àrainn againn ann an Steòrnabhagh agus cuideachd air-loidhne.   

Thuirt Sue NicPhàrlain, Prionnsapal Eadar-amail UHI Innse Gall: “Tha dealas aig UHI Innse Gall a bhith a’ cur ri cothroman ionnsachadh is cleachdaidh dhan Ghàidhlig agus tha taic leantainneach bho Bhòrd na Gàidhlig agus obair com-pàirteachais le Ionnsachadh Coimhearsnachd Innse Gall a’ toirt cothrom dhuinn raon farsaing de chùrsaichean a thabhann.  Tha sinn gu sònraichte toilichte gun urrainn dhuinn cùrsaichean Gàidhlig a thabhann an-asgaidh do phàrantan agus luchd-cùraim chloinne ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.  Tha sinn a’ cumail oirnn ag obair gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig agus com-pàirtichean ann a bhith a’ toirt taic do bhuileachadh amasan agus builean Plana Nàiseanta na Gàidhlig.” 

 

Comhairle Baile Ghlaschu 

Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle Baile Ghlaschu: “Tha prògram Ealainean Gàidhlig Ghlaschu Beò, air taic dhaingeann leantainneach fhaighinn tro GhLAIF, agus tha sinne, a’ choimhearsnachd againn, luchd-ealain Gàidhlig agus an luchd-amais air leth taingeil airson seo. Ann an 2022/23 tha sinn a’ leantainn air adhart a’ cur ri susbaint Ghàidhlig aig prìomh fhèisean Ghlaschu Beò, Aye Write, Merchant City Festival, Celtic Connections agus am Mela a bharrachd air a bhith ag obair le raon farsaing de chom-pàirtichean gus an fharpais litreachais – Litir gu Glaschu (Comhairle nan Leabhraichean) a lìbhrigeadh; bùthan-obrach dràma coimhearsnachd agus cuirmean aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail (Tricky Hat Theatre Company); 12 seachdainean de dh’obair-buidhne do luchd-ciùil òga (Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu); a’ dealbhadh modail ùr airson Glaschu.net (Oilthigh Ghlaschu) le buidheann-stiùiridh ùraichte; a’ cur taic ri buidhnean mar Cheòl ’s Craic agus Fèis Ghàidhlig Ghlaschu anns a’ cho-theacs ùr às dèidh a’ ghalair lèir-sgaoilte; a’ toirt a-steach pròiseact leasachaidh luchd-amais ùr Trobhadaibh agus a’ leantainn air adhart leis a’ phrìomh phròiseact coimhearsnachd cleachdaidh againn GUIR!” 

 

Leabharlann Nàiseanta na h-Alba 

Thuirt Alistair Bell, Ceannard Thasglann nan Dealbhan Gluasadach, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba: “Bha sinne aig Tasglann nan Dealbhan Gluasadach aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba fìor thoilichte gun d’ fhuair sinn tabhartas bho Bhòrd na Gàidhlig. Tha am pròiseact seo na chom-pàirteachas le Museum is Tasglann nan Eilean, a tha na phàirt de Chomhairle nan Eilean Siar. Còmhla, cleachdaidh sinn am maoineachadh gus cruinneachadh sònraichte de chlàran bhidio anns a bheil Gàidhlig ga bruidhinn a chur ann an cruth didseatach agus a chlàradh, agus gus an stuth a cho-roinn leis a’ phoball, an dà chuid aig tachartasan coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar agus tro Thasglann nan Ìomhaighean Gluasadach. Chaidh na bhidiothan fhilmeadh le muinntir an àite anns na 1970an is 80an ann am pròiseact coimhearsnachd, Cinema Sgìre . Taing mhòr do Bhòrd na Gàidhlig airson am pròiseact seo a chur an comas.” 

 

Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh 

Thuirt Cathraiche Comataidh Coimhearsnachdan na Comhairle, Archie Dryburgh, aig Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh gun robh a’ Chomhairle air leth toilichte maoineachadh fhaighinn bho Mhaoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig gus taic a thoirt do Sgrùdadh air Luach Dualchais na Gàidhlig san sgìre. Thuirt an t-Iar-chathraiche, John Campbell: “Chaidh an cothrom inntinneach seo a chomharrachadh tron chom-pàirtiche againn san Treas Roinn, Gàidhlig Dumgal agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth còmhla riutha san àm ri teachd gus am pròiseact seo a thoirt air adhart.” 

 

Oilthigh Obar Dheathain 

Thuirt neach-labhairt bho Oilthigh Obar Dheathain: “Tha Oilthigh Obar Dheathain fìor thoilichte gun d’fhuair sinn £24,000 bho mhaoin GLAIF Bhòrd na Gàidhlig. Tha sinn fìor thoilichte gun d’ fhuair sinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig gus oifigear Gàidhlig brosnachail dìcheallach fhaighinn. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ toirt air adhart gnìomhan àrd-amasach a’ Phlana Ghàidhlig againn agus a bhith a’ lìbhrigeadh iomairtean Gàidhlig a fìor mhath do choimhearsnachd Oilthigh Obar Dheathain.” 

 

Comhairle Baile Dhùn Èideann 

Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle Baile Dhùn Èideann: “Tha sinn taingeil airson na taic leantainnich bho Bhòrd na Gàidhlig agus tha sinn air leth toilichte £20,000 fhaighinn gus Capital Gaelic a thoirt air adhart barrachd. Tha am pròiseact seo ag amas air dòigh-obrach com-pàirteachais cho-òrdanaichte agus chruthachail a chruthachadh gus a’ Ghàidhlig a shuidheachadh mar phàirt bheothail de bheatha Dhùn Èideann. Tha seo ga dhèanamh le bhith a’ dèanamh pìleat de dh’obair eadar-bhuidhneach leis a’ Chomhairle agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a’ gairm buidheann ioma-bhuidhneach gus cothroman a chomharrachadh, eòlas agus sgilean a cho-roinn agus cumadh a thoirt air lèirsinn dhan Ghàidhlig sa bhaile san àm ri teachd.” 

 

Rinneadh an t-adhartas a leanas anns na sia mìosan mu dheireadh: A’ cruthachadh duilleag Facebook Capital Gàidhlig; a bhith a’ stèidheachadh Buidheann Coimhearsnachd Gàidhlig anns a bheil luchd-obrach bho gach buidheann lìonraidh a tha an sàs ann (Comhairle Baile Dhùn Èideann, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba, Comunn na Gàidhlig, SgileanLeasachadh Alba , Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba); ceanglaichean nas treasa ri sgoiltean a’ cleachdadh bheachdan sgoilearan air na tha iad airson a choileanadh: Ar Guth (Buidheann Guth nan Sgoilearan, Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig) agus a bhith a’ cruthachadh Bun-phreantasachd ann an co-obrachadh le Leasachadh Sgilean na h-Alba. 

 

Buidhnean a fhuair Maoineachadh 

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean – Innse Gall 

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean 

Comhairle na Gàidhealtachd 

Comhairle Baile Dhùn Èideann 

Oilthigh Obar Dheathain 

Comhairle nan Eilean Siar 

Glaschu Beò 

Oilthigh Ghlaschu 

Comhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Iar 

Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath 

Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh 

Comhairle Baile Ghlaschu 

NàdarAlba 

Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh 

Comhairle Aonghais 

Sabhal Mòr Ostaig 

Comhairle Mhoireibh 

COSLA 

Cur-seachad agus Cultar Dhùn Dè 

Co-chomhairle air Dreachd Phlana Ro-innleachdail 2022-27 Comhairle Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach don cho-chomhairleachadh Dreachd Phlana Ro-innleachdail 2022-27 aig Comhairle Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar.

Am measg cuid de na puingean a chaidh a thogail tha:

Chan eil iomradh sam bith air cànan is cultar na Gàidhlig san Dreachd Phlana Ro-innleachdail no anns a’ Mheasadh Fheumalachdan Ro-innleachdail na chois. (Chì sinn cuideachd nach eil iomradh sam bith air a’ Ghàidhlig san dreachd Ro-innleachd Leasachadh Eaconamach aig Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar 2022 – 2027).  Tha seo a dh’aindeoin gu bheil Plana Gàidhlig aig a’ Chomhairle anns a bheil diofar ghealltanasan.

Feumar dèiligeadh ri seo anns an dreachd mu dheireadh den Dreachd Phlana Ro-innleachdail.

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security