Brath air Tachartas Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba (27.06.2023)

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, air an tachartas:

“Tha sinn a’ cur fàilte air an tachartas mun Ghàidhlig an-diugh ann am Pàrlamaid na h-Alba. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ leantainn oirnn ag obair le coimhearsnachdan is buidhnean anns na h-Eileanan an Iar agus àiteachan eile gus cleachdadh na Gàidhlig mar chànan coimhearsnachd a mheudachadh.

“Tha seo a’ leantainn air an aithne anns an treas Plana Nàiseanta na Gàidhlig gu bheil dùbhlain mu choinneamh nan coimhearsnachdan Gàidhlig traidiseanta ann a bhith a’ glèidheadh sluagh a tha gnìomhach gu h-eaconamach agus gu bheil fuasglaidhean ùr-ghnàthach deatamach a thaobh cosnadh, taigheadas, còmhdhail, cùram-chloinne, agus cùramslàinte.

“Tha e deatamach gum bi ar coimhearsnachdan Gàidhlig aig cridhe an smaoineachaidh aig Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus aig a’ Chom-pàirteachas Eaconamach Roinneil, agus gum bi an guth air a riochdachadh ann an co-chomhairleachaidhean air cùisean leithid Sgìrean Mara Fìor Ghlèidhte, seirbheisean aiseig, taigheadas, agus ath-leasachadh fearainn.

“Fhuair Bòrd na Gàidhlig maoineachadh a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba ann an 2021 agus 2022 gus taic a chumail ri lìonra de dh’oifigearan Gàidhlig, a tha ag obair le 20 buidheann coimhearsnachd sna h-eileanan, gus cleachdadh agus leasachadh na Gàidhlig a neartachadh. Tha an sgeama seo air faisg air £1millean a thoirt seachad bho chaidh a stèidheachadh o chionn dà bhliadhna.”

Tha barrachd ri chluinntinn mun tachartas air Aithris na Maidne an seo. Chluinnear am pìos mun tachartas eadar 0:13:05 agus 0:20:50.

Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig: Aithisg do Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas is na h-Eaconamaidh

Anns a’ Mhàrt 2022, ghairm Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas is na h-Eaconamaidh Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha (a’ Bhuidheann) le amas Gàidhlig a neartachadh tro fhòcas air cothroman eaconamach is an eaconamaidh a neartachadh tro bhith a’ dèanamh làn-fheum de na cothroman a th’ ann a thaobh na Gàidhlig. Tha a’ Bhuidheann air aithisg fhoillseachadh madainn an-diugh a tha a’ mìneachadh a’ cho-theacsa anns an do dh’obraich a’ Bhuidheann, cuid de na dùbhlain mu choinneamh na Gàidhlig is cuideachd na deagh chothroman a th’ ann son toraidhean sòisealta, eaconamach, cultarail, is foghlaim maith.

Tha an aithisg slàn ri lorg ann an Gàidhlig agus Beurla air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba agus faodar a leughadh an seo.

Mar phàirt den phròiseas, choinnich Bòrd na Gàidhlig leis a’ bhuidhinn dà thuras agus chuir sinn pàipear a-steach as dèidh làimh, ag aithris agus a’ toirt beachd air cùram-chloinne, slàinte is cùram sòisealta, turasachd, foghlam agus fastadh thidsearan, taigheadas, agus raon de chùisean eile a tha a’ toirt buaidh air a’ Ghàidhlig ann an Alba san latha an-diugh. Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd air am pàipear seo fhoillseachadh airson a leughadh an seo.

Nuair a chaidh an aithisg fhoillseachadh, thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha sinn a’ cur fàilte air aithisg na Buidhne-obrach Beatha Ghoirid air Cothroman Eaconamach is Sòisealta airson na Gàidhlig do Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas agus na h-Eaconamaidh.  Tha e a’ sealltainn na ceanglaichean gu soilleir eadar cothroman eaconamach a tha an cànan a’ cruthachadh agus na h-atharrachaidhean a tha dhìth gus a’ Ghàidhlig a dhìon agus gus fàs a thoir oirre. Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd a’ cur fàilte air mar a tha a’ bhuidheann ag aithneachadh gu bheil feum air maoineachadh a bharrachd gus iomairtean ùra agus leasachadh poileasaidh Gàidhlig a thoirt air adhart agus gu bheil e na phàirt chudromach den Ro-innleachd Nàiseanta airson Cruth-atharrachadh Eaconamach.  Bha sinn toilichte fianais a thoirt dhan Bhuidhinn mu ghrunn diofar raointean poileasaidh. 

“Tha an aithisg seo a’ cur an cèill gu làidir gum feumar coimhearsnachdan traidiseanta luchd-labhairt na Gàidhlig a chumail suas agus fàs a thoirt orra. Tha seo a’ co-thaobhadh ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig a tha a’ cur cuideam air na dùbhlain dheamografach a tha mu choinneamh choimhearsnachdan eileanach agus dùthchail.  Tha iad sin a’ gabhail a-steach dìth taigheadais, àireamh an t-sluaigh aig aois obrach, droch cheanglaichean còmhdhail agus dùbhlain shòisealta agus tha e a’ tabhann raon de dh’fhuasglaidhean.  Tha e cuideachd ag aithneachadh àite nan coimhearsnachdan bailteil, agus cho cudromach ’s a tha iad, ann a bhith a’ cur ri àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig agus ri cleachdadh a’ chànain.

“Tha dealas aig Bòrd na Gàidhlig a bhith a’ co-obrachadh gus cuideachadh le bhith a’ buileachadh nam molaidhean seo agus gus atharrachadh buannachdail a thoirt air adhart.”

 

Aithris air Aithisg Riaghaltas na h-Alba air Co-chomhairle Bile nan Cànan Albannach

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a’ cur fàilte air a’ cheum as ùire seo le Riaghaltas na h-Alba agus iad a’ toirt air adhart Bile nan Cànan Albannach ùr.  Tha tòrr san aithisg a tha co-cheangailte ri leasachaidhean a tha an gnìomh mar-thà agus a dh’fheumar a neartachadh agus a leudachadh.”

“Tha e cuideachd a’ sealltainn gu bheil aonta ann ri molaidhean a chuir Bòrd na Gàidhlig na fhreagairt an-uiridh agus gu bheil feum air reachdas nas treasa gus barrachd adhartais a dhèanamh.”

“Dh’fhiosraich na còmhraidhean a bh’ againn le raon farsaing de choimhearsnachdan tro 2021 agus 2022 ar beachdan air dè na h-atharrachaidhean a tha a dhìth gus suidheachadh na Gàidhlig ann an Alba a neartachadh.  Chuidich na còmhraidhean sin cuideachd le deasachadh an ath Phlana Nàiseanta na Gàidhlig a thèid fhoillseachadh a dh’aithghearr.”

“Chuir sinn fàilte cuideachd air an aithneachadh gu bheil feum aig Bòrd na Gàidhlig air stòrasan a bharrachd gus a’ bhuaidh a th’ againn an-dràsta a mheudachadh. Ma thig dleastanas sam bith a bharrachd bho reachdas ùr, atharraichidh seo na foincseanan agus na structaran againn, a’ fàgail gum bi feum againn air stòrasan gu leòr airson a bhith a’ lìbhrigeadh na thathar an dùil.”

“Bha co-thaobhadh làidir eadar cuid de mholaidhean aig Bòrd na Gàidhlig agus na molaidhean aig daoine eile a ghabh pàirt sa cho-chomhairle, leithid:

–           Bunait reachdail nas treasa airson planaichean Gàidhlig, a’ comasachadh buaidh agus cunntachalachd a bharrachd.

–           Reachdas gus còir a chruthachadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FtG).

–           Stiùireadh nas treasa agus barrachd cunntachalachd airson FtG, a’ toirt air Ùghdarrasan a bhith a’ planadh leasachadh agus a bhith ag aithris air adhartas gach bliadhna.

–           Barrachd taic airson fastadh agus, gu sònraichte, gleidheadh luchd-obrach foghlam tron Ghàidhlig airson solar tràth-bhliadhnaichean, bun-sgoile agus àrd-sgoile.

–           Cho cudromach ’s a tha cùisean eaconamach is sòisealta ann a bhith a’ glèidheadh agus a’ tàladh dhaoine òga do na h-eileanan.”

“Tha an aithisg seo agus a’ cho-chomhairle againn fhìn a’ sealltainn gu bheil ùidh mhòr aig daoine sa Ghàidhlig san àm ri teachd agus air cho cudromach ’s a tha i ann an sgìrean eileanach, dùthchail agus bailteil na h-Alba.”

“Tha miann anns an dà aithisg gum bi Bòrd na Gàidhlig nas fhosgailte agus nas soilleire agus a bhith a’ sealltainn an adhartais againn san obair a tha sinn a’ lìbhrigeadh an-dràsta. Seo rudeigin a tha sinn air a bhith a’ leasachadh sna beagan bhliadhnachan mu dheireadh le tòrr a bharrachd follaiseachd agus cunntachalachd air feadh na buidhne.”

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ leantainn oirnn leis an obair againn leis na com-pàirtichean againn air feadh na roinne poblaich agus ann an coimhearsnachdan gus taic a chumail ri fàs na Gàidhlig.”

Bòrd na Gàidhlig air rannsachadh a choimiseanadh air ceanglaichean eadar sunnd agus a’ Ghàidhlig

Tha a bhith a’ tuigsinn agus a’ cur ri sunnd a’ fàs nas cudromaiche nar beatha uile, agus air an adhbhar sin tha Bòrd na Gàidhlig air coimisean a thoirt do DC Research gus sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha a’ Ghàidhlig a’ cur ri sunnd dhaoine, choimhearsnachdan agus na dùthcha san fharsaingeachd.

Tha sunnd air aithneachadh barrachd is barrachd mar fheart ann am farsaingeachd de raointean tarsainn na h-eaconamaidh agus a’ chomainn-shòisealta. Sheall coinneamhan air-loidhne sa Ghàidhlig aig àm a’ ghalair lèir-sgaoilte Covid-19 gun robh sunnd, in-ghabhail agus lìonrachadh cudromach agus gun gabhadh an leasachadh, agus sheall iad cuideachd gun robh àite aig a’ Ghàidhlig ann a bhith ag àrdachadh sunnd san fharsaingeachd.

Sheall Suirbhidh Beachdan Sòisealta na h-Alba (2021) bho chionn ghoirid gun robh 70% den fheadhainn a bha ag ionnsachadh na Gàidhlig den bheachd gun do chuir seo ri an sunnd.  Leis an àireamh de dhaoine a tha ag ionnsachadh a’ chànain a’ fàs, dh’fhaodadh an taobh seo de bhith a’ dol an sàs sa Ghàidhlig fàs nas cudromaiche.

Nuair a thòisicheas e air a’ mhìos seo, nì an rannsachadh measadh agus cunntas air mar a tha a’ Ghàidhlig a’ cur ris a’ chomann-shòisealta ann an dòigh nas fharsainge chan ann a-mhàin mar chànan ach cuideachd mar chultar agus bheir e tuigse dhuinn air mar a ghabhas taobhan de shunnd a chleachdadh gus luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a chuideachadh agus a bhrosnachadh, mar luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh agus mar choimhearsnachd cànain. Mìnichidh e cuideachd, ann an co-theacs poilitigeach, mar a tha a’ Ghàidhlig a’ cur ris an Fhrèam Coileanaidh Nàiseanta (NPF), a bharrachd air a bhith ag obair gus measadh agus cunntas a thoirt air a’ bhuaidh a tha a’ Ghàidhlig a’ toirt gus am bi seo air aithneachadh, agus bithear cuideachd a’ beachdachadh air rannsachadh a thaobh mion-chànanan eile.

Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn ag aithneachadh gu bheil sunnd a’ sìor fhàs cudromach, an dà chuid do dhaoine fa leth agus dhan chomann-shòisealta.  Cuidichidh an fhianais bhon rannsachadh seo sinn gus argamaidean nas treasa a dhèanamh airson a bhith cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig, agus na tha i a’ cur ri sunnd, air aithneachadh agus a’ faighinn taic ann am poileasaidhean nàiseanta is roinneil gus barrachd taic a thoirt do choimhearsnachdan Gàidhlig.”

Thuirt an Dr Stephen Connolly, Stiùiriche aig DC Research agus manaidsear pròiseict airson an rannsachaidh, a bhios ag obair còmhla ris an Àrd-ollamh Mike Danson, an Dr Douglas Chalmers agus Eilidh Danson air an rannsachadh: “Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ rannsachadh nan ceistean seo a thaobh na Gàidhlig agus sunnd tro cho-chomhairle le farsaingeachd de dh’eòlaichean, luchd-labhairt agus luchd-buaidh (influencers) à Alba agus gu h-eadar-nàiseanta tro mhìosan an t-samhraidh”.

A’ Sireadh Ceannard Ùr airson Bòrd na Gàidhlig

’S e Bòrd na Gàidhlig a’ bhuidheann phoblach le uallach gus planadh a dhèanamh airson agus stiùireadh a thoirt dhan iomairt gus a’ Ghàidhlig agus a cultar a thoirt air adhart ann an Alba às leth Riaghaltas na h-Alba.  Tha àrd amas againn gum bi a’ Ghàidhlig air a faicinn is air a cluinntinn gu làitheil air feadh na h-Alba, chun na h-ìre ’s gum bi i air a h-aithneachadh mar phàirt bhunaiteach de bheatha muinntir na h-Alba agus mar chànan prìseil a tha a’ cur ri cultar is eaconamaidh na dùthcha.

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh neach dàna is làn spionnaidh aig a bheil ùidh anns a’ Ghàidhlig agus a cultar ann an Alba agus cuideigin as urrainn an stòras nàiseanta seo a thoirt air adhart. Is dòcha gu bheil thu a’ tighinn bho àrainneachd eile san roinn phoblaich no san treas roinn le fòcas nàiseanta.

Mar Cheannard, nì sibh cinnteach gu bheil co-dhùnaidhean agus poileasaidhean air an cur an gnìomh gu math agus gu h-èifeachdach le bhith a’ stiùireadh an àrd-sgioba-stiùiridh, a’ stiùireadh an luchd-obrach agus tro bhith a’ brosnachadh obair BnG le buidhnean eile.  Anns an dreuchd sin, tha e cudromach dàimhean a thogail le buidhnean eile, buidhnean poblach agus sa choimhearsnachd, a bharrachd air roinnean riaghaltais eile.

Am measg nan dleastanasan tha:

  • Cunntachail dhan Bhòrd-stiùiridh, bidh sibh a’ stiùireadh obair na buidhne, a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ coileanadh amasan is cinn-uidhe ro-innleachdail na buidhne.
  • Cunntachail do Phàrlamaid na h-Alba agus Ministearan na h-Alba mar Oifigear Cunntachail Bhòrd na Gàidhlig.
  • A’ dèanamh cinnteach gun cruthaich a’ bhuidheann Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus gu bheil i a’ cumail sùil air a bhuileachadh.
  • Ag obair ann an com-pàirteachas, a’ tòiseachadh agus a’ stèidheachadh mhodhan-obrach ùr-ghnàthach a thaobh com-pàirteachasan, agus a bhith nur dheagh eisimpleir a thaobh co-chomhairleachadh agus co-obrachadh sàr-mhath le prìomh luchd-ùidh
  • A’ stiùireadh agus a’ riochdachadh Bòrd na Gàidhlig gus obair na buidhne adhartachadh, an dà chuid air an taobh a-staigh agus an taobh a-muigh, ag obair gus amasan fad-ùine Bhòrd na Gàidhlig a chur an gnìomh agus a’ cur ri cliù na buidhne
  • A’ stiùireadh cruthachadh, cumail sùil air agus ath-sgrùdadh ro-innleachdan agus phlanaichean, tro stiùireadh èifeachdach air gnìomhan agus goireasan Bhòrd na Gàidhlig
  • Cunntachail airson riaghladh corporra agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil a’ bhuidheann a’ coileanadh gach dleastanas is uallach san roinn phoblaich.

Bidh sibh tionnsgalach agus bidh an neart agaibh gus buidheann den mheud seo a stiùireadh ann an àrainneachd iom-fhillte. Neach-conaltraidh air leth le ionracas agus dealas airson sgiobaidhean a leasachadh a bhios a’ coileanaidh aig àrd-ìre agus gus cultar sàr-mhathais a chur air adhart. Tha dealas a thaobh co-ionannachd, in-ghabhail agus iomadachd deatamach gus àrainneachd a chruthachadh far an urrainn do gach neach an làn chomais a choileanadh.

Chan fheum tagraichean a bhith air obrachadh aig ìre CEO roimhe seo ach feumaidh iad farsaingeachd de dh’eòlas a thoirt dhan dreuchd seo.

Ma tha sibh ag aontachadh ri lèirsinn àrd-amasach Bhòrd na Gàidhlig agus nam biodh sibh toilichte seo a chur air adhart, chuireamaid fàilte mhòr air an iarrtas agaibh.

Barrachd fiosrachaidh:

Bòrd na Gàidhlig

Ceannard Bhòrd na Gàidhlig a leigeil dhith a dreuchd

 Tha Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona NicIllinnein, air co-dhùnadh a dreuchd a leigeil dhith, bho 31 Damhair am-bliadhna, às dèidh seachd bliadhna ag obair leis a’ Bhòrd. 

Tha i air fios 6 mìosan a thoirt seachad gum bi i a’ leigeil dhith a dreuchd. Tha seo nas fhaide na an rabhadh trì mìosan a dh’fheumar toirt seachad, gus an cothrom as fheàrr a thoirt dhan Bhòrd ceannard ùr fhastadh mus fhalbh i. 

Thuirt Shona: “Bha an t-àm mar Cheannard na àm far an robh leasachaidh is fàs ann dhan Ghàidhlig agus dhan bhuidhinn. Tha seo air a bhith na àm de dh’atharrachadh mòr do Bhòrd na Gàidhlig. Tha seo air a bhith na àm brosnachail is buannachdail agus tha mi air a bhith fortanach a bhith a’ faighinn taic fìor mhath bho sgioba tàlantach is ùr-ghnàthach. 

“Tha e air a bhith na urram dha-rìribh a bhith os cionn Bòrd na Gàidhlig tron ùine seo. Às dèidh sin a ràdh, ge-tà, tha mòran chothroman agus dhùbhlain fhathast ann thar nan 6 mìosan a tha romhainn agus cumaidh mi orm a’ cluich mo phàirt ann a bhith a’ dèiligeadh riutha sin, agus mi a’ dèanamh nas urrainn dhomh gus dèanamh cinnteach gum bi eadar-ghluasad rèidh ann. Mar sin bidh mi a’ cumail orm mar as àbhaist chun na Samhna agus an uair sin tha mi an dùil ùine a chur seachad leis an teaghlach agus a’ siubhal.” 

Thuirt an Cathraiche, Màiri NicAonghais: “Ged a tha mi gu math brònach an naidheachd seo a chluinntinn, tha mi gu mòr an comain Shona airson ùine a thoirt dhuinn an neach ceart a lorg airson a’ phrìomh dhreuchd seo agus gus am bi tar-ghluasad rèidh ann. ’S e Ceannard air leth a th’ ann an Shona a tha air cruth-atharrachadh a thoirt air a’ Bhòrd, ga stiùireadh tro àm air leth dùbhlanach, agus a chruthaich buidheann a bhios comasach air cothroman a thoirt gu buil san àm ri teachd. Tha mi a’ guidhe gach soirbheachas dhi airson an àm ri teachd.” 

Triùir bhuill ùra gan lorg airson Bòrd-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig

Tha Ministearan na h-Alba ag iarraidh triùir a tha sgileil is dealasach a chur an dreuchd mar bhuill air Bòrd-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig (BnG), a’ phrìomh bhuidheann phoblach ann an Alba airson a’ chànain.

Tha Ministearan na h-Alba a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho raon farsaing de chùl-raointean aig a bheil na sgilean, eòlas agus ealantas a leanas:

Sgilean/eòlas coitcheann

• Sgilean conaltraidh Gàidhlig

• Os-sealladh is Cunntachalachd

Èifeachdach air mion-sgrùdadh is air dèanamh cho-dhùnaidhean

• Conaltradh is Obair-sgioba

* Sgilean/eòlas sònraichte

• Planadh cànain

• Eòlas/mothachadh laghail

Thuirt Cathraiche Bòrd-stiùiridh BnG, Màiri NicAonghais: “’S e cothrom a tha seo a bhith mar phàirt de Bhòrd-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig – cothrom air leth inntinneach a bhith an sàs ann an leasachadh agus brosnachadh na Gàidhlig. Mholainn do dhaoine aig a bheil an ùine, an t-eòlas agus an ùidh ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig maireannach san àm ri teachd anns gach coimhearsnachd, bho fheadhainn air-loidhne, bailtean no sgìrean dùthchail gus iarrtas a chur a-steach.”

Thèid seisean fiosrachaidh neo-fhoirmeil a chumail do dhuine sam bith le ùidh gus ceistean fhaighneachd no barrachd ionnsachadh air Diciadain 05 Giblean 2023 aig 6:30f. Faodar clàradh airson an tachartas aig www.bit.ly/BuillBnG

Bithear an dùil gun cur buill a’ Bhùird-stiùiridh seachad trì latha gach mìos air obair BnG. Bidh na dreuchdan a’ tòiseachadh air 1 Lùnastal 2023, agus ’s e 24 Giblean 2023 an latha mu dheireadh airson iarrtasan.

Thèid agallamhan a chumail san Ògmhios 2023.

Gheibhear pasgan iarrtais agus fiosrachadh mionaideach air na dreuchdan seo agus dreuchdan poblach eile air an làraich-lìn airson dreuchdan poblach: www.appointed-for-scotland.org

Bheir Bòrd na Gàidhlig seachad faisg air £1 millean do dh’Oifigearan Leasachaidh Gàidhlig

Tha maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig a tha ag amas air Gàidhlig a bhrosnachadh air faisg air £1 millean a thoirt seachad airson oifigearan leasachadh cànain bho chaidh a chur air bhog.

Tha sruth maoineachaidh ùr, a bha comasach mar thoradh air £400k ann an airgead a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba, a thoirt cothrom do bhuidhnean an teirm aon bhliadhna aca a leudachadh airson oifigearan leasachaidh Gàidhlig a tha a’ faighinn taic-airgid an-dràsta fo Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig. Agus tha seo air 20 tabhartas a thoirt seachad airson na cuairt maoineachaidh làithreach ann an 2023 a-mhàin.

Tha buidhnean sna h-Eileanan an Iar, ann an Roinn na Gàidhealtachd, Earra-Ghàidheal is Bòd, Dùn Èideann agus Glaschu – a tha ag obair ann am farsaingeachd de roinnean a’ gabhail a-steach spòrs, ealain is cultar, àrainneachd, agus foghlam – am measg an fheadhainn a gheibh buannachd.

Is e £473,165 am maoineachadh iomlan airson cuairt na bliadhna seo, a leudaicheas 11 cùmhnantan a th’ ann mar-thà agus a chruthaicheas 9 dreuchdan ùra. Tha am maoineachadh air cuideachadh le iomadh iomairt a tha ag amas air leasachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus cleachdadh a’ chànain is a’ chultair a chur air adhart ann an coimhearsnachdan Gàidhlig air feadh na h-Alba.

Chaidh £957,000 uile gu lèir a riarachadh dhan obair leasachaidh seo thairis air dà bhliadhna.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha adhartas mòr air a bhith ann le adhartachadh na Gàidhlig agus a cultair air feadh na h-Alba mar thoradh air an sgeama maoineachaidh seo. Tha na h-oifigearan leasachaidh Gàidhlig air cuideachadh a chumail ri iomadh iomairt a tha a’ brosnachadh leasachadh na Gàidhlig, leithid prògraman stèidhichte sa choimhearsnachd, tachartasan cultarail, agus tachartasan foghlaim.

“Tha sinn toilichte taic a thoirt do shàr obair nam buidhnean seo agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn fàs leantainneach ann an coimhearsnachdan Gàidhlig air feadh na h-Alba.”

                                   

Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air buill cho-thaghte ùra

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air dà bhall co-thaghte ùr air na Comataidhean aca.

Thòisich Coinneach MacÌomhair mar bhall co-thaghte air Comataidh Poileasaidh is Ghoireasan agus Rob MacFhionghain mar bhall co-thaghte air Comataidh Sgrùdaidh is Dearbhachd aig toiseach na bliadhna.

Tha an dithis aca a’ toirt sàr-eòlais do na comataidhean agus farsaingeachd de sgilean aig an dithis aca.

Tha Coinneach MacÌomhair air a bhith an sàs ann an gnothaichean na Gàidhlig fad a bheatha. Na òige bha e an sàs ann an dràma Gàidhlig. Bha e ag obair aig a’ Chomunn Ghàidhealach agus a’ teagasg Gàidhlig an Colaiste an Oilthigh (UCD) am Baile Átha Cliath. Tha daoine nas eòlaiche air mar chraoladair thairis air iomadh bliadhna. Bha e na cathraiche air Comunn na Gàidhlig, agus air Urras Steòrnabhaigh, na bhall air Comhairle nan Eilean fad 10 bliadhna agus na fhear deasachaidh air Gasaet Steòrnabhaigh.   

Tha cùl-fhiosrachadh aig Rob MacFhionghain ann an ionmhas agus ro-innleachd, a’ toirt a-steach ùine ann an roinn ionmhais chorporra PricewaterhouseCoopers ann an Lunnainn agus Sydney. Fad grunn bhliadhnaichean bha e ag obair còmhla ri Bùird agus Gnìomhaichean aig cuid de na prìomh chompanaidhean san RA a thaobh dealbhadh bhuidhnean, pròiseasan riaghlaidh, lèirsinn luchd-cleachdaidh agus co-dhùnaidhean ro-innleachdail.

Thog e ùidh shònraichte ann an aoigheachd agus turasachd, a’ stiùireadh lìbhrigeadh phròiseactan ro-innleachdail airson InterContinental Hotels Group (IHG). Airson nan còig bliadhna a dh’fhalbh tha e air a bhith na Cheannard air Turasachd Innse Gall, a’ bhuidheann stiùireadh cinn-uidhe airson nan Eilean Siar. Ghabh seo a-steach ìomhaigh mòran nas àirde airson na Gàidhlig ann a bhith a’ brosnachadh nan eilean, a’ gabhail a-steach iomairt mhargaidheachd gu tur sa Ghàidhlig.

’S e neach-ionnsachaidh na Gàidhlig a th’ ann, a’ crìochnachadh a’ Chùrsa Adhartais aig Sabhal Mòr Ostaig. ’S ann às na h-Eileanan an Iar a tha a theaghlach agus tha e a’ roinneadh a chuid ùine eadar Dùn Èideann agus na Hearadh.

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a cur fàilte bhlàth air Coinneach agus Rob agus fios againn gum bi iad a cur ri obair nan comataidhean. Tha eòlais aig an dithis aca ann an iomadach diofar roinn agus bidh sin air leth feumail. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla riutha.”

Duaisean na Gàidhlig 2023

Dealbh: Stevie Walsh

Chaidh Duaisean na Gàidhlig 2023 a chumail oidhche ‘Mhàirt aig Taigh-òsta Marriott ann an Glaschu. Chaidh deich duaisean an toirt seachad do dhaoine agus bhuidhnean air feadh na dùthcha airson an cuid obrach taobh a-staigh saoghal na Gàidhlig. Airson a’ chiad uair, chaidh na Duaisean a chumail mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig, gus cuid de na daoine agus buidhnean a tha ag obair gu cruaidh sa Ghàidhlig a chomharrachadh.

B’ e seo an deicheamh bliadhna aig Duaisean na Gàidhlig agus chaidh beagan ùrachadh a dhèanamh air na roinnean gus sin a chomharrachadh. Chunnaic sinn Duais ùr airson neach-cruthachaidh na bliadhna, duais Gàidhlig ann an spòrs agus na duaisean leantainneach leithid Tosgaire Òg na Bliadhna agus Urram nan Gàidheal.

Bha Cathy ‘Bhàn’ NicDhòmhnaill os cionn chùisean agus timcheall air 150 neach an làthair gus obair na Gàidhlig a chomharrachadh.

Tha na Duaisean, a tha air an cumail ann an com-pàirteachas leis an Daily Record, a’ toirt cothrom do dhaoine agus do bhuidhnean aithne fhaighinn airson na h-obair cudromaich a tha iad a’ dèanamh gach bliadhna.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha pailteas de dh’obair a’ dol sa Ghàidhlig gach bliadhna agus tha sin a’ fàs le gach bliadhna a dh’fhalbhas. Tha sin follaiseach agus sinn air an àireamh as motha de mholaidhean fhaighinn am-bliadhna. Bha oidhche air leth againn còmhla agus sinn a’ togail air a’ Ghàidhlig, a cur ri àbhaisteachadh na Gàidhlig agus a’ comharrachadh na h-obair mìorbhailich a tha a’ dol taobh a-staigh saoghal na Gàidhlig.”

Chaidh na duaisean a leanas a thoirt seachad aig a’ chuirm:

Duais Ealain is Cultair – Marcas Mac an Tuairneir

Sàr-dhuais na Gàidhlig – Yvonne Irving

Sàr-dhuais nam Meadhanan – FilmG

Duais Coimhearsnachd – Comunn Oiseanach Oilthigh Ghlaschu

An Duais Ionnsachaidh – Sgioba na Gàidhlig, eSgoil

Gàidhlig ann an Spòrs – Màiri NicRisnidh, BBC Spòrs Gàidhlig

Duais Eaconamach na Gàidhlig – Astar

An Neach-cruthachaidh Susbaint Ghàidhlig as Fheàrr – Young Scot

Tosgaire Òg na Bliadhna – Raonaid Kellow

Duais Urram nan Gàidheal – Ailean Caimbeul

Barrachd fiosrachaidh:

Bòrd na Gàidhlig

Duaisean na Gàidhlig

Dealbh le Stevie Walsh.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security