Stiubhart MacLeòid a Chur an Dreuchd A-rithist mar Ball

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth thoilichte an naidheachd fhaighinn gun do dh’fhoillsich Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean an naidheachd gun tèid Stiubhart MacLeòid a chur an dreuchd fad greis eile mar Bhall de Bhòrd na Gàidhlig.

’S e ball den Institiud Cairte airson Ionmhas Poblach agus Cunntasachd (ICIPC) a th’ ann an Stiubhart, is tha e a’ toirt leis tuigse is eòlas ionmhais agus cunntasachd don dhreuchd aige mar Chathraiche Comataidh an Sgrùdaidh agus Dearbhachd. Tha e air a bhith an sàs ann an gnìomhan is buidhnean ceangailte ri Gàidhlig airson iomadach bliadhna, is tha ùidh aige ann an cur-air-adhart is glèidheadh a’ chànain am measg luchd-ionnsachaidh is nan coimhearsnachdan traidiseanta.

Mairidh a’ bhallrachd as ùr seo ceithir bliadhna is leanaidh i bhon 16 Màrt 2024 gu 15 Màrt 2028.

Tha barrachd fiosrachaidh mu dhreuchd Stiubhart MacLeòid ri lorg air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba.

Maoin Phlanaichean Gàidhlig Fosgailte do Dh’iarrtasan

Tha Maoin Phlanaichean Gàidhlig, a tha ann gus ùghdarrasan poblach a chuideachadh gus na Planaichean Gàidhlig aca a chur an gnìomh agus taic a chur ris a’ Phlana Nàiseanta Ghàidhlig, air fhosgladh do dh’iarrtasan.

Tha ùghdarrasan poblach cuideachd air taic-airgid fhaighinn tro Maoin Phlanaichean Gàidhlig gus pròiseactan a thoirt gu buil mus tèid iarraidh orra gu foirmeil Plana Gàidhlig a sgrìobhadh.

Tha sgeama am-bliadhna a’ ruith ann an dà shruth – Sruth Ro-innleachdail do phrìomh ùghdarrasan ionadail is Sruth Phròiseactan airson ùghdarrasan phoblaich/ionadail eile le Planaichean Gàidhlig.

Faodar iarrtasan airson pròiseactan a chur a-steach airson suas ri £25,000 (no suas ri 80% de chosgaisean a’ phròiseict).

Tha an sgeama fosgailte gus 3f air Diardaoin 18 Giblean 2024 agus tha barrachd fiosrachaidh ri lorg an seo.

Seisean Trèanaidh do Luchd-phròbhaidh

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ ruith seiseanan trèanaidh Gàidhlig do luchd Pròbhaidh am-bliadhna!

Thèid 4 seiseanan a lìbhrigeadh agus thèid an dàrna seisean a ruith air Diciadain, 28.02.24 bho 4.15f gu 5.15f air-loidhne, air Microsoft Teams. Chan fheum cunntas Teams a bhith agaibh airson an seisean a fhrithealadh.

Thèid fòcus a dhèanamh air Stòrlann agus tha sinn toilichte gum bi luchd-obrach Stòrlann ann airson bruidhinn ribh mu na diofar ghoireasan a th’ aca aig ìre bun-sgoil agus aig ìre àrd-sgoil.

Bidh fàilte bhlàth oirbh tighinn airson èisteachd is bruidhinn riutha agus ’s e deagh chothrom do luchd-phròbhaidh ceanglaichean a dhèanamh le tidsearan ùra eile far Alba.

Cha deach co-dhùnadh a dhèanamh mu na cinn-latha airson an dà sheisean a tha ri thighinn fhathast, ach bidh fòcas agus cothroman ionnsachaidh eadar-dhealaichte aig gach fear. Chan fheum sibh a bhith air a’ chiad sheisean a fhrithealadh gus an seisean seo no an dà sheisean ri thighinn a fhrithealadh.

Ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth oirbh, faodar fios a chur gu Sian Baldwin, Oifigear Leasachaidh (Tidsearan), aig sian@gaidhlig.scot.

Faodar clàradh airson an t-seisean air Eventbrite.

Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh do Luchd-obrach Foghlaim

Tha an sgeama Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh Gàidhlig do Luchd-obrach Foghlaim a-nis fosgailte do dh’iarrtasan airson 2024/25!

Chaidh an sgeama seo a steidheachadh gus taic a chumail ri Luchd-teagaisg & Luchd-obrach Tràth- ionnsachadh is Cùram-chloinne (TIC) a tha airson cùrsaichean bogaidh Gàidhlig a dhèanamh agus a bhith comasach teagasg sa Ghàidhlig. Tha suas ri £50,000 ri fhaighinn airson gach tidsear a tha soirbheachail tron sgeama, is buidseat na sgeama aig £150,000.

Ag obair ann an com-pàirteachas le Oilthighean a tha a’ toirt seachad chùrsaichean-bogaidh Gàidhlig mar-thà, tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt cuireadh do dh’Ùghdarrasan Ionadail tagraichean ainmeachadh a bhiodh deònach cùrsa-bogaidh Gàidhlig fad bliadhna a ghabhail os làimh, a bheireadh comas dhaibh gluasad gu Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig san Lùnastal 2025.

Faodaidh Ùghdarrasan Ionadail cosgaisean iarraidh air Bòrd na Gàidhlig gus pàigheadh airson luchd-solair an àite luchd- obrach a gheibh àite air cùrsa-bogaidh Gàidhlig. Mar phàirt de phròiseas an iarrtais, bidh aig Ùghdarrasan Ionadail ri dearbhadh a thoirt air càit am biodh tagraichean gam fastadh an dèidh dhaibh crìoch a chur air a’ chùrsa-bhogaidh san Lùnastal 2025.

Thèid seisean fiosrachaidh air loidhne a chumail air Diciadain, 07.02.24. Faodaidh tidsearan agus uchd-Obrach TIC agus luchd-obrach Ùghdarrasan Ionadail a chlàradh air Eventbrite gus barrachd ionnsachadh mun sgeama agus ceistean sam bith fhaighneachd.

Bu chòir iarrtasan taic-airgid a chur a-steach do Bhòrd na Gàidhlig cho luath ’s a ghabhas, is an sgeama a’ dùnadh air 26 Màrt 2024.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun sgeama an seo.

Teachdaireachd Co-obrachaidh airson na Bliadhna Ùire bho Chathraiche Bhòrd na Gàidhlig

Tha Bliadhna Ùr agus Plana Nàiseanta ùr airson na Gàidhlig a’ cruthachadh cothrom gus builean a choileanadh tro cho-obrachadh, a rèir Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig. A’ bruidhinn agus i a’ cur fàilte air a’ Bhliadhna Ùir agus toiseach an ath Phlana Nàiseanta airson 2023–28, a chaidh fhoillseachadh aig deireadh 2023, thuirt Màiri NicAonghais:

“A’ coimhead air adhart ri àm a bhios gu math cudromach dhan Ghàidhlig, tha mi air leth toilichte gu bheil Plana Nàiseanta againn a leigeas leinn obrachadh còmhla gus adhartas a dhèanamh ann am brosnachadh agus leasachadh na Gàidhlig. Aig a chridhe, tha leudachadh a ghabhas tomhas san àireimh dhaoine a tha a’ bruidhinn, ag ionnsachadh, a’ cleachdadh agus a’ toirt taic dhan Ghàidhlig.

“Tha Bòrd na Gàidhlig a’ dol a dh’ullachadh Plana Corporra a-nis a mhìnicheas mar a choileanar na h-amasan agus targaidean anns na prìomh raointean ainmichte sa Phlana Nàiseanta. Feumar co-obrachadh gus soirbheachadh agus bheir am Plana Nàiseanta seo ùghdarrasan, buidhnean, agus coimhearsnachdan còmhla, gu dearbh, bheir e còmhla a h-uile duine aig a bheil ùidh ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun soirbhich a’ Ghàidhlig air feadh na h-Alba, agus nas fhaide air falbh.

“Tha mi cuideachd a’ cur ìmpidh air a h-uile duine a dhol an sàs ann am pròiseas Bile nan Cànan Albannach, a bhios a’ dèanamh a shlighe tro Phàrlamaid na h-Alba am-bliadhna. Tha reachdas na bhunait chudromach airson leasachadh agus tèarainteachd a’ chànain agus feumaidh sinn an cothrom seo a ghabhail gus inbhe laghail na Gàidhlig a neartachadh.”

Faodar barrachd a leughadh mun Phlana Nàiseanta Gàidhlig an seo.

Bòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba a’ foillseachadh Plana Nàiseanta Gàidhlig 2023-28

Chaidh Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28 (“am Plana”) fhoillseachadh le Bòrd na Gàidhlig an-diugh (21.12.23), a’ soillseachadh na slighe a dh’ionnsaigh àm ri teachd far am bi leudachadh a ghabhas tomhas san àireimh dhaoine a bhios a’ bruidhinn, ag ionnsachadh, a’ cleachdadh agus a’ toirt taic dhan Ghàidhlig. 

Tha am Plana seo a’ cur an cèill far a bheil ceumannan a dhìth gus a’ Ghàidhlig a neartachadh ann an Alba. Tha e mar bhun-stèidh do mhiann Riaghaltas na h-Alba barrachd aithne a bhith aig a’ chànan agus gus fàs is leasachadh a thoirt air àite na Gàidhlig ann an Alba. 

Tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 (“Achd 2005”) a’ cur uallach air Bòrd na Gàidhlig Plana Nàiseanta Gàidhlig ullachadh agus a chur a-steach le molaidhean co-cheangailte ri cleachdadh agus adhartachadh na Gàidhlig le fòcas air feumalachdan agus prìomhachasan na Gàidhlig airson a luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh agus luchd-taic. 

Ged a tha an Achd a’ toirt air Bòrd na Gàidhlig am Plana ullachadh, tha an t-uallach airson adhartas a dhèanamh leis na h-amasan is targaidean air grunn ùghdarrasan, bhuidhnean agus choimhearsnachdan, agus mar sin tha foillseachadh a’ phlana seo cudromach airson buidhnean Gàidhlig agus oifigearan leasachaidh Gàidhlig agus an cuid obrach thairis air an ath 5 bliadhna. 

 

A’ cur fàilte air a’ phlana, thuirt Jenny Gilruth, Rùnaire a’ Chabineit airson Foghlam agus Sgilean: 

“Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur fàilte air foillseachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Tha am Plana seo a’ toirt dhuinn nam prìomhachasan agus targaidean a dh’fheumar gus barrachd adhartais a dhèanamh leis a’ Ghàidhlig ann an Alba. 

“Tha sinn ag aithneachadh gum faod agus gu bheil diofar ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach a’ cur gu mòr ri taic dhan Ghàidhlig agus cuidichidh na prìomhachasan sa Phlana seo gus fòcas a thoirt air na geallaidhean co-roinnte sin. Tha am Plana seo cuideachd a’ tighinn aig àm cudromach às dèidh Bile nan Cànan Albannach a bhith air a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba. 

“Tha mi misneachail gun cuir am Plana seo ri adhartachadh leantainneach na Gàidhlig ann an Alba oir tha e na dheagh chothrom airson co-obrachadh gus taic a thoirt dhan Ghàidhlig.” 

 

Tha dùbhlain agus cothroman nach beag mu choinneamh na Gàidhlig aig an àm seo. Tha grunn Phrìomh Amasan sa Phlana a bharrachd air Raointean Prìomhachais agus Targaidean nas sònraichte, a tha ag amas air aghaidh a thoirt air na dùbhlain sin, a’ brosnachadh barrachd cleachdadh agus ionnsachadh den Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan, dachaighean, gnìomhachasan cruthachail, gnìomhachasan, ùghdarrasan poblach agus foghlam. 

 

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: 

Tha am plana còig bliadhna air tighinn às dèidh pròiseas co-chomhairleachaidh farsaing le daoine fa leth, coimhearsnachdan, buidhnean Gàidhlig, buidhnean saor-thoileach, agus ùghdarrasan poblach.  Seo an ceathramh plana de a leithid a chaidh a dheasachadh le Bòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann phoblach le uallach airson a bhith a’ brosnachadh agus a’ leasachadh na Gàidhlig ann an Alba, agus tha e a’ mìneachadh mar a bu chòir oifigearan Gàidhlig agus buidhnean Gàidhlig a bhith ag amas air coinneachadh ris na dùbhlain agus na cothroman a tha mu choinneamh a’ chànain san latha an-diugh.”

 

Tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28 ri leughadh an seo.

Taic mhaoineachaidh do phròiseactan a tha a’ cur ri dàimhean eadar a’ Ghàidhlig agus a’ Ghaeilge!

Tha Bòrd na Gàidhlig toilichte a ràdh gun deach an sgeama Colmcille fhosgladh do dh’iarrtasan airson pròiseactan a thèid an tòiseachadh eadar 1 Giblean agus 31 Dùbhlachd 2024.

’S e com-pàirteachas eadar Foras na Gaeilge ann an Èirinn agus Bòrd na Gàidhlig ann an Alba a th’ anns an sgeama Colmcille agus chaidh a stèidheachadh gus conaltradh agus co-obrachadh eadar coimhearsnachdan cànain na Gàidhlig agus na Gaeilge a bhrosnachadh.

Faodar iarrtas a chur a-steach airson suas gu £12,500 de mhaoineachadh airson pròiseact a bheireas luchd-labhairt na Gàidhlig is Gaeilge còmhla, agus cuideachd airson taic a chumail ri luchd-labhairt na Gàidhlig a tha airson cùrsa Gaeilge a dhèanamh.

Tha sgeama am-bliadhna gu sònraichte ag amas air taic a chumail ri phròiseactan a bhios:

  • A’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig is na Gaeilge tro na h-ealain
  • A’ cleachdadh dualchas gus coimhearsnachdan Gàidhlig/Gaeilge a thoirt còmhla agus gus inbhe nan cànanan a thogail
  • A’ toirt luchd-labhairt òga na Gàidhlig is na Gaeilge còmhla tro thachartasan no pròiseactan/turasan sgoile
  • A’ brosnachadh conaltradh agus a’ sgaoileadh eòlas agus deagh chleachdaidhean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig agus na Gaeilge

Tha an sgeama seo fosgailte gus 3f air Diardaoin 20 Gearran 2024.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mu riaghailtean na sgeama agus iarrtasan an seo.

Seiseanan Trèanaidh do Luchd-pròbhaidh!

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ ruith seiseanan trèanaidh Gàidhlig do Luchd-pròbhaidh am-bliadhna!

Thèid 4 seiseanan a ruith agus thèid a’ chiad fhear a ruith air Diciadain, 06.12.23 bho 4.15f gu 5.15f air-loidhne air Microsoft Teams.

Thèid fòcus a dhèanamh air Foghlam Alba agus tha sinn toilichte gum bi Maeve MacKinnon ann airson bruidhinn ribh mu na diofar ghoireasan aca agus an taic a tha a thabhainn do thidsearan.

Bidh fàilte bhlàth air luchd-pròbhaidh tighinn ann airson èisteachd is bruidhinn rithe agus ’s e deagh chothrom a th’ ann dhaibh ceanglaichean a dhèanamh le tidsearan ùra eile air feadh na h-Alba.

Ma tha sibh airson tighinn chun t-seisean, faodar àite a ghlèidheadh air Eventbrite. Na caill an cothrom – chan eil ach 25 tiocaidean ri fhaighinn!

Cha deach na cinn-là airson na trì seiseanan eile aontachadh fhathast, ach bidh fòcas agus cothroman ionnsachaidh eadar-dhealaichte aig gach fear:

  • Goireasan Gàidhlig Eile
  • Foghlam Bogaidh
  • Cothrom Coinneachadh ri Bhuidhnean Gàidhlig a tha a’ Cumail Taic ri Sgoiltean agus Foghlam

Ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth oirbh, faodar fios a chur gu Sian Baldwin, Oifigear Leasachaidh (Tidsearan), aig sian@gaidhlig.scot.

Taic Maoineachaidh airson Obair Choimhearsnachd

Tha Bòrd na Gàidhlig air leudachadh air an Sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd ainmeachadh, a’ tabhann chothroman maoineachaidh do phròiseactan Gàidhlig. Ann an oidhirp gus taic a thoirt do dh’iomairtean coimhearsnachd air feadh na h-Alba, bheirear maoineachadh seachad airson suas ri dà bhliadhna a-nis – a’ dùblachadh na h-ùine maoineachaidh a bh’ ann roimhe.

Is e an sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd am prìomh mhaoin aig Bòrd na Gàidhlig airson taic a chumail ri buidhnean ann a bhith lìbhrigeadh phròiseactan gus cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus àrdachadh aig ìre coimhearsnachd.

Bheir Bòrd na Gàidhlig seachad mu £100,000 gach bliadhna agus faodaidh tagraichean iarrtasan a chur a-steach airson taic suas ri £10,000 airson nam pròiseactan aca. Fosglaidh uinneag tagraidh an sgeama Dimàirt, 14 Samhain agus dùinidh e san Fhaoilleach 2024.

An-uiridh, bha Bòrd na Gàidhlig moiteil taic a thoirt do 64 pròiseactan tron sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd. Nam measg bha tabhartasan de £5,000 do Chomann Coimhearsnachd nan Eilean Siar, gus ceud bliadhna bho dh’fhalbh 1,500 à Innse Gall a Chanada, à Loch Baghasdail is Steòrnabhagh, agus cuideachd Àrd-sgoil Phort Rìgh airson taic leantainneach do dh’fhoghlam Gàidhlig.

Bha Sabhal Mòr Ostaig, Artsplay Highland, Lingo Flamingo ann an Glaschu, agus Alzheimer Scotland am measg nam buidhnean eile a fhuair buannachd bho mhaoineachadh tron sgeama.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha a’ bhuidheann againn dealasach a thaobh a bhith ag àrach cultar de dh’atharrachadh adhartach agus cumhachd sa choimhearsnachd againn. Tha sinn den bheachd le bhith a’ leudachadh ùine an tabhartais gu dà bhliadhna, gun urrainn dhuinn buaidh a thoirt air cruth-atharrachaidhean eadhon nas brìoghmhoire agus nas maireannach. Tha sinn a’ toirt cuireadh do bhuidhnean coimhearsnachd dìoghrasach an cothrom seo a ghabhail agus a bhith mar phàirt den obair seo còmhla rinn.”

Airson barrachd ionnsachadh mu sgeama thabhartasan Taic Freumhan Coimhearsnachd agus na cothroman maoineachaidh leudaichte a th’ ann, tadhailibh air duilleag fiosrachaidh an sgeama neo cuir fios gu Bòrd na Gàidhlig aig tabhartas@gaidhlig.scot.

Màiri Nicaonghais a Chur an Dreuchd A-rithist Mar Chathraiche

An-dè dhearbh Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean, a’ Bh-ch. NicGilleRuaidh, gun deigheadh Màiri NicAonghais a chur an dreuchd a-rithist mar Chathraiche Bhòrd na Gàidhlig.

Cathraiche

Thar nam bliadhnaichean tha iomadach dreuchd ceannardais air a bhith aig Màiri NicAonghais sa choimhearsnachd ionadail aice ceangailte ri cànan is cultar na Gàidhlig, foghlam is leasachadh coimhearsnachd, is a’ gabhail a-steach tràth-bhliadhnaichean, bun-sgoil is ionnsachadh inbhich. Bha Màiri, a tha roimhe air a bhith na ceannard-sgoile aig Sgoil an Iochdair, cuideachd na ball de Bhuidhinn nan Eilean Siar airson a’ Mhodh-obrach 1+2 a thaobh ionnsachadh cànain. ’S e Màiri cathraiche Chnoc Soilleir Earr. is aon de bhun-bhuill bùird Cheòlas Uibhist – a’ bhuidheann ealaine fìor chliùiteach Ghàidhlig. Tha i cuideachd air suidhe air bùird grunn bhuidhnean nàiseanta, leithid Comhairle Ealain na h-Alba is Comataidh Craolaidh Gàidhlig. Tha Màiri a’ fuireach ann an Uibhist a Deas.

Tha Mairi air a bhith na Cathraiche Bòrd na Gàidhlig bho 16 Màrt 2020.

A’ cur an dreuchd a-rithist

Mairidh an dreuchd seo dà bhliadhna is leanaidh e bho 16 Màrt 2024 gu 15 Màrt 2026.

Tha an dreuchd seo air a riaghladh le Coimiseanair nan Inbhean Beusach.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security