Tha Bòrd na Gàidhlig air 4 seiseanan fiosrachaidh a chur air dòigh gus cothrom a thoirt dhuibh barrachd ionnsachadh mun sgeama mhaoineachaidh Taic Fremhan Coimhearsnachd, dhà sa Ghàidhlig agus dhà sa Bheurla.
’S e Taic Freumhan Coimhearsnachd a’ phrìomh mhaoin aig Bòrd na Gàidhlig airson taic a chur ri buidhnean coimhearsnachd ann a bhith a’ lìbhrigeadh phròiseactan a bhios a’ cur air adhart cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd (an dà chuid aghaidh-ri-aghaidh is air-loidhne). Am-bliadhna tha sinn a’ toirt a-steach sgeama Cholmcille còmhla ri Taic Freumhan Coimhearsnachd mar aon mhaoin gus taic a chumail ri Gàidhlig sa choimhearsnachd.
Bidh an sgeama a’ toirt cothrom seachad do bhuidhnean cur a-steach airson suas ri 2 bhliadhna de thaic-airgid, airson phròiseactan nas fhaide no feadhainn a tha a’ ruith gach bliadhna.
Thèid na seiseanan seo a ruith air;
- Diciadain 11 Dùbhlachd – 11m-12f – Seisean Beurla
- Diardaoin 12 Dùbhlachd – 7f-8f – Seisean Gàidhlg
- Diluain 16 Dùbhlachd – 11m-12f – Seisean Gàidhlig
- Diluain 16 Dùbhlachd – 7f-8f – Seisean Beurla
Bidh Steven Kellow, Manaidsear Maoineachaidh is Phròiseaactan an làthar is e a’ bruidhinn mu;
- Riaghailtean na sgeama
- Rudan feumail sna h-Iarrtasan
- Cleachdadh Fluxx (goireas airson iarrtasan a riaghaladh)
- Ceistean bhon luchd-frithealaidh
‘S e coinneamh air-loidhne a tha seo agus thèid a lìbhreagadh air Microsoft Teams. Chan eil cunntas teams a dhìth ort airson an coinneamh a fhrithealadh.
Lorgar barrachd fiosrachaidh mu na seiseanan agus faodar clàradh air an son air Eventbrite an seo.