£200k airson 48 Pròiseactan Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air còrr is £208,000 a thoirt do 48 pròiseact Gàidhlig mar phàirt den sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd againn. ’S e Taic Freumhan Coimhearsnachd a’ phrìomh mhaoin aig Bòrd na Gàidhlig airson taic a chumail ri buidhnean coimhearsnachd ann a bhith a’ lìbhrigeadh phròiseactan a bhios a’ cur air adhart cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd.

Gheibh buidhnean air feadh na h-Alba buannachd bho na duaisean thar an ath dhà bhliadhna, sgoiltean, buidhnean coimhearsnachd, agus buidhnean saor-thoileach nam measg. A bharrachd air na 48 phròiseact a gheibh buannachd bhon sgeama am-bliadhna, tha 30 phròiseact a fhuair taic fad dà bhliadhna an-uiridh a tha fhathast a’ ruith agus a’ togail air cleachdadh na Gàidhlig ann an iomadh sgìre air feadh na dùthcha.

‘S e Govanhill Baths Community Trust am buidheann a gheibh an tabhartas as motha is iad a’ faighinn £10,000 thar dà bhliadhna. Tha an t-Urras an dùil pròiseact a lìbhrigeadh a thogas air mothachadh agus ionnsachadh mu eachdraidh agus buaidh na Gàidhlig san sgìre agus air a’ choimhearsnachd a tha a’ fuireach innte. Bha luchd-labhairt na Gàidhlig riamh a’ fuireach san sgìre agus thèid bùithtean-obrach is seiseanan eile a chur air dòigh gus coimhead air na ceanglaichean eadar na daoine sin is an cànan aca agus na toglaichean is daoine eile san sgìre.

Fhuair 18 buidhnean eadar £5,000 is £10,000 airson raon farsaing de phròiseactan a lìbhrigeadh. Nam measg bha Hands Up for Trad, a gheibh £5,000 gus phròiseact Ceilearadh a stèidheachadh far an tèid cothrom a thoirt do dhaoine òga ann an Uibhist obair a dhèanamh leis an RSPB, Comann na Gàidhlig, agus Taigh Chearsabhagh gus barrachd ionnsachadh mu dhualchas nàdair agus cultar an eilein. Gheibh Talla Bhreacais san t-Eilean Sgitheanach £6,250 airson pròiseact a lìbhrigeadh far an tèid daoine òga a bhrosnachadh agus a chuideachadh gus agallamhan a dhèanamh le daoine nas sine san sgìre gus sgeulachdan ionadail a chlàradh agus gus tasglann a chruthachadh.

Am measg nam buidhnean a gheibh tabhartasan nas lugha, tha Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann, Fèis Loch Abar, agus Taigh Chearsabhagh. Tha raon farsaing de dh’amasan aig na diofar bhuidhnean a gheibh taic tron sgeama is iad an dùil pròiseactan a lìbhrigeadh a bheir buaidh air daoine de dhiofar aoisean agus aig diofar ìrean de dh’fhileantas.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha cleachdadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd aig cridhe Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28 agus na phrìomh fhòcas aig Bòrd na Gàidhlig. Tha sinn glè thoilichte taic a chumail ris na pròiseactan seo, a thogas air an amas sin, tron mhaoin Taic Freumhan Coimhearsnachd aig àm far a bheil taic do bhuidhnean coimhearsnachd agus luchd-labhairt na Gàidhlig cho cudromach is a bha e riamh.

“’S ann le bhith a’ cumail taic ri ar coimhearsnachdan a bhios a’ bhuaidh as motha againn mar bhuidheann gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus ar cànan is ar cultar a dhìon do luchd-labhairt na Gàidhlig agus don ath ghinealach cuideachd.”

‘S e cuairt-mhaoineachaidh gu math soirbheachail a bha seo agus chaidh còrr is £400,000 de thaic a shireadh. Ged a dh’adhbhraich seo taghaidhean gu math duilich a thaobh cò na pròiseactan a gheibh taic tron sgeama am-bliadhna, ‘s e cùis brosnaichaidh a th’ ann gu bheil an uiread de bhuidhnean is daoine ann a tha airson pròiseactan Gàidhlig a lìbhrigeadh agus na beachdan a th’ aca airson a bhith a’ cur ri cleachdadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd fhaicinn.

Thuirt Steven Kellow, Manaidsear Maoineachaidh is Phròiseactan Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn uabhasach toilichte taic a chumail ris na pròiseactan seo is a bhith ag obair a-rithist air stèidh dà bhliadhna. Bidh na diofar phròiseactan a’ toirt cothroman tarraingeach is tlachdmhor seachad airson a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan air feadh na dùthcha.

“Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla riutha gus na pròiseactan aca a chur an gnìomh is cuideachd a bhith ag obair leis na buidhnean nach robh e comasach dhuinn taic airgead a thoirt dhaibh gus slighean eile a lorg gus an obair aca a thoirt gu bhuil.”

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun sgeama TFC an seo.

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith diofar sgeamaichean maoineachaidh aig diofar amannan tron bhliadhna. Ma tha moladh agaibh airson pròiseact agus ma tha sibh airson bruidhinn ri Bòrd na Gàidhlig mu dheidhinn, cuiribh post-d gu tabhartas@gaidhlig.scot.

 

Buidhnean a Fhuair Maoineachadh:

Aonghais 

  • Kingoldrum Village Hall: Gaelic in the Glens – £350  

Earra-Ghàidheal 

  • Culture, Heritage and Arts Assembly Argyll and Isles (CHARTS): Ceanglan Chaluim Chille  – £7,000 
  • Comunn Gàidhealach an Òbain: Mòd Acadamaidh An Òbain – £6,000 
  • Air Ghleus: Air Ghleus – £4,500 
  • Comann nam Pàrant Chomhghall: A’ Ceangal Cowal – £3,500 
  • Comunn Gàidhealach Muile: Sharing Gaelic In The Community Through Young People – £3,000 
  • F.A.I.R – Fairness, Acceptance, Inclusion, Respect: Aon Ghuth – £1,000 

Dùn Èideann 

  • Young Scot: Bridging Languages: A Young Scot & Spunout Collaboration In Gaelic And Irish – £6,000 
  • Traditional Dance Forum of Scotland: Tha D Airson Dannsa / D Is For Dance – £3,500 
  • Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann: Cruinn Còmhla – Làithean Coimhearsnachd Dhùn Èideann – £3,075 
  • Bun-sgoil Taobh na Pàirce: A’ Leasachadh Gàidhlig Ann An Dùn Èideann – £2,360 

 Siorrachd Àir an Ear 

  • East Ayrshire Gaelic Forum: Bringing Gaelic To Life – East Ayrshire – £4,500 

Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear 

  • Comann nam Pàrant Bun Sgoil Innis an Uillt: Cnp Meadowburn Events – £2,000 

 Lodainn an Ear 

  • Battle of Prestonpans [1745] Heritage Trust: Celebrating Gaelic Speaking Highlanders Riggonhead Defile March – £3,000 

Siorrachd Rinn Friù 

  • ClannGàidhlig: Expansion Of Gaelic Learning Opportunities – £3,500 

Glaschu 

  • Govanhill Baths Community Trust: Govanhill:100 Years Of Immigration – £10,000 
  • Music Broth: Dè Thuirt Sibh? – £8,400 
  • Comhairle nam Pàrant Bun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dàil: Coisir Bunsgoil Gaidhlig Ghleann Dail – £7,000 
  • Lingo Flamingo: Tha Urram San Aois – £5,000 
  • Hands Up for Trad: Ceilearadh – £5,000 
  • Cabag: Cèilidh Cabag – £3,375 
  • Gàidhlig san Dachaigh (Glaschu): Gabbin In Gaelic – £2,500 
  • Comann Gàidhlig Ghlaschu: Sreath Òraidean – £1,400

A’ Ghàidhealtachd 

  • Kyle & Lochalsh Community Trust: Sgeul Agus Seanchas As Ùr – £7,250 
  • Comann Eachdraidh na Comraich: Geugan – £7,000 
  • Talla Bhreacais: Talla Bhreacais @ 100 – £6,250 
  • Eden Court: Prògram Leudachaidh Gàidhlig Aig Eden Court – £5,000 
  • Ardgour Area SCIO: Freumh Is Fochann: Gàidhlig An Àird Ghobhar (Roots And Shoots: Gaelic In Ardgour – £4,500 
  • Cultarlann Inbhir Nis: Cofaidh, Ceòl Is Cabadaich 2025-2026 – £4,200 
  • FC Sonas: Cuach Nan Gàidheal / The Gaels Cup – £4,000 
  • Fèis na h-Òige: Club Dihaoine – £3,650 
  • West Highland Museum: Gaelic Roots: Community Connections – £3,000 
  • Meur Loch Abar: Meur Loch Abar Mod Club – £3,000 
  • Fèis Lochabair: Fèis Spors Loch Abar – £2,000 
  • Portree and Braes Community Trust: Speak Up For Gaelic/Bruidhinn Gàidhlig! – £1,000 

Na h-Eileanan an Iar 

  • Comann Eachdraidh Eirisgeidh: A’ Clàradh Seann Cleachdaidhean Agus Bàrdachd – £7,250 
  • Taigh Dhonnchaidh: Co-Òrdanaiche Thachartasan – £7,000 
  • Ealain Tìr a’ Mhurain: Co-Òrdanaiche Thachartasan – £6,500 
  • Kinloch Historical Society: Ceann A Loch-Ar Cànan ‘S Ar Ceòl – £5,750 
  • An Taigh Cèilidh: Bùthan-Obrach – £5,520 
  • Urras Oighreachd Ghabhsainn: Misneachadh Gaidhlig Anns A’ Choimhearsnachd – £5,000 
  • Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil: Gàidhlig Aig Grinneabhat – £4,150 
  • Taigh Chearsabhagh: Romhainn  – £4,000 
  • Sruth-mara: Taigh-Chèilidh Ùige – £4,000

Pheairt is Cheann Rois 

  • Comann nam Pàrant Obair Pheallaidh: Siuthad Gàidhlig! – £3,500 
  • The Birks Cinema Trust: Gaelic Culture @ The Birks – £2,500 

Siorrachd Àir a Deas 

  • Friends of the Broadway Prestwick: The Broadway Cinema Phase 0.5 – £750 

Siorrachd Lannraig a Deas 

  • Clydesdale Community Gaelic Initiative: Gaidhlig Ann An Dail Cluaidh – £6,000

Tha Maoin Phlanaichean Gàidhlig a-nis fosgailte do dh’iarrtasan airson 2025/26!

Tha am Maoin Phlanaichean Gàidhlig, air an robh an ainm Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) roimhe, ri fhaighinn airson ùghdarrasan poblach a chuideachadh gus na Planaichean Gàidhlig aca a chur an gnìomh agus taic a chur ris am Plana Nàiseanta Gàidhlig 2023-28. Tha ùghdarrasan poblach cuideachd air taic-airgid fhaighinn tron sgeama gus pròiseactan a thoirt gu buil mus fhaigh iad fios foirmeil Plana Gàidhlig a sgrìobhadh.

Faodar iarrtasan a chur a-steach airson suas ri £25,000 de mhaoineachadh (no suas ri 80% de chosgaisean a’ phròiseict) agus bidh an sgeama fosgailte do dh’iarrtasan gu 3f air Dimàirt 6 Cèitean 2025.

Lorgar barrachd fiosrachaidh tron cheangal seo. Ma tha ceistean sam bith agaibh neo ma tha sibh airson bruidhinn rinn mun phròiseact agaibh ron a chuireas sibh iarrtas a-steach thugainn, cuir fios gu tabhartas@gaidhlig.scot.

Seiseanan-fiosrachaidh Taic Freumhan Coimhearsnachd

Tha Bòrd na Gàidhlig air 4 seiseanan fiosrachaidh a chur air dòigh gus cothrom a thoirt dhuibh barrachd ionnsachadh mun sgeama mhaoineachaidh Taic Fremhan Coimhearsnachd, dhà sa Ghàidhlig agus dhà sa Bheurla.

’S e Taic Freumhan Coimhearsnachd a’ phrìomh mhaoin aig Bòrd na Gàidhlig airson taic a chur ri buidhnean coimhearsnachd ann a bhith a’ lìbhrigeadh phròiseactan a bhios a’ cur air adhart cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd (an dà chuid aghaidh-ri-aghaidh is air-loidhne). Am-bliadhna tha sinn a’ toirt a-steach sgeama Cholmcille còmhla ri Taic Freumhan Coimhearsnachd mar aon mhaoin gus taic a chumail ri Gàidhlig sa choimhearsnachd.

Bidh an sgeama a’ toirt cothrom seachad do bhuidhnean cur a-steach airson suas ri 2 bhliadhna de thaic-airgid, airson phròiseactan nas fhaide no feadhainn a tha a’ ruith gach bliadhna.

Thèid na seiseanan seo a ruith air;

  • Diciadain 11 Dùbhlachd – 11m-12f – Seisean Beurla
  • Diardaoin 12 Dùbhlachd – 7f-8f – Seisean Gàidhlg
  • Diluain 16 Dùbhlachd – 11m-12f – Seisean Gàidhlig
  • Diluain 16 Dùbhlachd – 7f-8f – Seisean Beurla

Bidh Steven Kellow, Manaidsear Maoineachaidh is Phròiseaactan an làthar is e a’ bruidhinn mu;

  • Riaghailtean na sgeama
  • Rudan feumail sna h-Iarrtasan
  • Cleachdadh Fluxx (goireas airson iarrtasan a riaghaladh)
  • Ceistean bhon luchd-frithealaidh

‘S e coinneamh air-loidhne a tha seo agus thèid a lìbhreagadh air Microsoft Teams. Chan eil cunntas teams a dhìth ort airson an coinneamh a fhrithealadh.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mu na seiseanan agus faodar clàradh air an son air Eventbrite an seo.

Sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd 2025-27

Tha Bòrd na Gàidhlig air ath-fhosgladh sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd, a’ tabhann chothroman maoineachaidh do phròiseactan Gàidhlig ann an coimhearsnachdan. Tha taic ri fhaighinn do phròiseactan airson suas ri dà bhliadhna, is airson a’ chiad uair thathar cumail taic ri phròiseactan eadar luchd-labhairt na Gàidhlig is Gaeilge tron sgeama seo mar phàirt den iomairt Cholmcille.

Gheibhear suas ri £10,000 (£5,000 sa bhliadhna) airson taic a chumail ri phròiseactan a tha cumail taic ri:

  • Tachartasan Gàidhlig sa choimhearsnachd agaibh is air-loidhne
  • Pròiseactan is cothroman a tha a’ brosnachadh dhaoine òga a’ Ghàidhlig a chleachdadh còmhla
  • Pròiseactan a tha brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig am measg theaghlaichean is eadar ginealaichean
  • Ionnsachadh inbhich Gàidhlig sa choimhearsnachd
  • Colmcille – Togail cheanglaichean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig is Gaeilge

Thathar an dùil gum bi farpais ann airson na sgeama, le buidseat iomlan aig ìre £100,000 sa bhliadhna (a-rèir dearbhadh air buidseat BnG airson 2025/26).

Airson barrachd ionnsachadh mu sgeama thabhartasan Taic Freumhan Coimhearsnachd agus na cothroman maoineachaidh leudaichte a th’ ann, tadhailibh air duilleag fiosrachaidh an sgeama neo cuir fios thugainn aig tabhartas@gaidhlig.scot.

Lorgar fiosrachadh mu na sgeamaichean maoineachaidh eile againn air ar làrach-lìn cuideachd.

Plana Corporra Bhòrd na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig toilichte an naidheachd a thoirt dhuibh gun deach am Plana Corporra as ùire againn aontachadh le Ministearan na h-Alba o chionn ghoirid agus gun deach fhoillseachadh an-diugh. Tha am Plana Corporra seo a’ mìneachadh obair Bhòrd na Gàidhlig gu 2028 agus an dòigh anns a bheil sinn a’ cur ri lìbhrigeadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig.

Tha am Plana ri leughadh an seo.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair le ar com-pàirtichean agus luchd-ùidh gus ar n-amasan coitcheann a ruigsinn.

BnG a’ Sireadh Manaidsear Com-pàirteachais is Leasachaidh

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Manaidsear Com-pàirteachais is Leasachaidh ùr agus thathar airson daoine a bhrosnachadh gus iarrtasan-cosnaidh a chur a-steach.

‘S e adhbhar na dreuchd cothroman a chomharrachadh agus a chomasachadh airson co-obrachadh le luchd-ùidh san roinn phoblaich, phrìobhaideach agus san treas roinn a thaobh a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig nas fheàrr san àite-obrach, aig an taigh agus sa choimhearsnachd. Tha seo a’ gabhail a-steach cur ri lìbhrigeadh plana corporra Bhòrd na Gàidhlig agus amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Bidh an neach-dreuchd cuideachd na prìomh chomhairliche do choimhearsnachdan ionadail a bhios a’ cruthachadh phlanaichean coimhearsnachd Gàidhlig.

Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro 12f Diluain, 28mh an Dàmhair 2024.

Lorgar tuairisgeul obrach agus barrachd fiosrachaidh mun phròiseas tagraidh an seo.

Rannsachadh air Solar Tràth-bhliadhnaichean na Gàidhlig (0-3)

Tha Bòrd na Gàidhlig air rannsachadh a choimiseanadh air solar tràth-bhliadhnaichean na Gàidhlig (0-3) agus an-diugh chaidh an aithisg fhoillseachadh air ar làrach-lìn.

Chaidh an rannsachadh a dhèanamh le an t-Oll. Wilson MacLeòid agus tha e air raon farsaing de chùisean ann a bheir buaidh air solar tràth-bhliadhnaichean ainmeachadh san aithisg. Tha an t-Oll. MacLeòid cuideachd air grunn mholaidhean airson leasachadh san roinn ainmeachadh, a’ gabhail a-steach na tha san amharc airson dèiligeadh ri cùisean co-cheangailte ri solar Gàidhlig tràth-bhliadhnaichean tro Bhile nan Cànan Albannach.

Thuirt Jennifer MacHarrie, Stiùiriche Foghlam Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air an rannsachadh seo a chaidh a choimiseanadh gus measadh a dhèanamh air na h-iomairtean a tha a’ dol an-dràsta san raon seo. Tha an aithisg a’ toirt a-steach mholaidhean do dh’iomadh bhuidheann a tha an sàs san roinn airson solar nas fheàrr agus nas cunbhalaiche a thoirt gu bith.

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair leis ar com-pàirtichean gus taic a chumail ri fàs na Gàidhlig, gu sònraichte aig ìre nan tràth-bhliadhnaichean. Ma thèid pàiste an sàs leis a’ chànan aig ìre thràth, ’s ann nas dualtaiche a bhios iad na comasan cànain aca a leasachadh gu àrd-ìre agus ùidh fad-beatha a thogail.

Faodar an aithisg a leiughadh an seo.

Tha Sgeama nan Tabhartasan Foghlaim air Fhosgladh do dh’Iarrtasan

Tha Bòrd na Gàidhlig toilichte innse gun deach sgeama nan Tabhartasan Foghlaim fhosgladh do dh’iarrtasan an t-seachdain-sa.

Chaidh an sgeama seo stèidheachadh gus taic a chumail ri daoine a tha ag obair a dh’ionnsaigh dreuchd fhaighinn mar neach-teagaisg Gàidhlig agus taic a thoirt do thidsearan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gus na sgilean aca a leasachadh.

Tha taic ri fhaotainn airson cìsean cùrsaichean freagarrach, mur eil thu airidh air taic bho SAAS airson seo, agus tha tabhartas cosgaisean bith-beò ri fhaighinn cuideachd.

Cò dh’fhaodas iarrtas a chur a-steach?

  • Oileanaich a tha a’ dèanamh PGDE ann am Foghlam Gàidhlig (airson ìre Bun-sgoile agus Àrd-sgoile – an dà chuid Gàidhlig mar chuspair agus cuspairean tron Ghàidhlig)
  • Oileanaich a tha a’ dèanamh Fo-cheum ann am Foghlam Gàidhlig, (BA no MA Foghlam, no MA ann an Gàidhlig le Foghlam)
  • Oileanaich a tha a’ dèanamh HNC no HND ann an tràth-bhliadhnaichean no cùram-chloinne na Gàidhlig
  • Luchd-teagaisg a tha ann an dreuchd co-cheangailte ri foghlam tron Ghàidhlig a tha airson cùrsa a dhèanamh gus na sgilean aca a leasachadh no
  • Luchd-teagaisg le teisteanas a tha airson na sgilean aca leasachadh gus gluasad gu foghlam tron Ghàidhlig

Dùnaidh an sgeama seo aig 3f air Dimàirt 3 Sultain 2024 agus feumaidh iarrtasan a bhith a-steach againn ron ceann-là sin.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun sgeama an seo.

Sgeama Tabhartasan Tràth-bhliadhnaichean air Fhosgladh do dh’Iarrtasan

Tha Bòrd na Gàidhlig air sgeama Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean fhosgladh do dh’iarrtasan airson na bliadhna 2024/25, le taic-airgid ri fhaighinn do bhuidhnean tràth-bhliadhnaichean air feadh na h-Alba a tha airson seiseanan Gàidhlig a’ ruith.

Tha an sgeama fosgailte do bhuidhnean saor-thoileach is treasaibh-roinn is taic suas ri £5,000 ri fhaighinn do bhuidhnean a tha coinneachadh gach seachdain, is suas ri £15,000 ri fhaighinn do bhuidhnean a tha coinneachadh nas trice.

Tha sgeama am bliadhna gu sònraichte ag amas air taic a chur ri bhuidhnean a tha sealltainn mar a bhios iad a’ coileanadh na builean leanas:

  • A’ daingneachadh gu bheil cothrom seasmhach aig clann is teaghlaichean air solar tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig
  • A’ cur ris an àireamh chloinne a tha a’ cumail a’ dol le ionnsachadh tron Ghàidhlig aig ìrean eadar-ghluasaid
  • A’ cuideachadh barrachd theaghlaichean ann an Alba a bhith mothachail air na buannachdan a thig bho dhà-chànanas agus air na cothroman a gheibhear le foghlam tron Ghàidhlig
  • A’ cuideachadh phàrantan gus am bi eòlas nas fheàrr aca air goireasan agus air na cothroman a th’ ann gus taic a chumail is conaltradh a dhèanamh ri an cuid chloinne tron Ghàidhlig san taigh agus sa choimhearsnachd

Thèid dà sheisean fiosrachaidh a lìbhrigeadh gus cothrom a thoirt dhuibh barrachd ionnsachadh mun sgeama, taic fhaighinn le foirmean iarrtas a lìonadh, agus ceistean sam bith a th’ agaibh mun sgeama fhaighneachd air na h-oifigearan a tha ga stiùireadh gu làitheil. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na seiseanan seo agus cothrom clàradh air Eventbrite.

Gheibhear stiùireadh is tuilleadh fiosrachaidh mun sgeama an seo cuideachd.

Aithris a’ Cheannard Chomataidh Foghlaim, Cloinne, is Daoine Òga

Thuig sgioba-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig fianais don Chomataidh Foghlaim, Cloinne, is Daoine Òga madainn an-diugh is iad a’ bruidhinn mu Bhile nan Cànan Albannach. Chaidh an aithris fhosglaidh a thoirt seachad le Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Ealasaid Dhòmhnallach, is teachdaireachd làidir aice.

“’S e àm cudromach a tha seo dhan Ghàidhlig agus bheir na co-dhùnaidhean a nì sinn an-diugh buaidh mhòr air ar cànan san àm ri teachd. Agus nuair a chanas mi ar cànan, tha mi a’ ciallachadh cànan na h-Alba. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air a’ Bhile seo. Tha e na cheum air adhart ann an slighe reachdail na Gàidhlig agus chuireamaid gu làidir an aghaidh moladh sam bith nach bu chòir dha a dhol air adhart.

“Dhan fheadhainn againn a bha an làthair aig cuirm gus 50 bliadhna de Shabhal Mòr Ostaig a chomharrachadh oidhche Ardaoin, chuir e ri sunnd an tachartais gun robh an naidheachd air tighinn am bàrr gum bi ball anns a’ Chaibineat aig a bheil Gàidhlig leis an dleastanas airson a’ chànain. Cuideigin a tha an da-rìribh a’ bruidhinn agus a’ tuigsinn ar cànan. Tha sinn an dòchas gun tèid gu math le Ms Fhoirbeis san dreuchd aice agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla rithe.

“Tha sinn an dòchas gun atharraich seo an dòigh-obrach a thaobh na Gàidhlig taobh a-staigh an Riaghaltais agus gun tèid beachdachadh air a’ Ghàidhlig thairis air portfoliothan, far as urrainn dhan chànan a bhith na pàirt den fhuasgladh, agus gum bi cothrom air dòigh-obrach poileasaidh aonaichte. Dhèanadh seo tòrr gus an cànan a neartachadh.

“Agus, tha am Bile seo na phàirt den obair gus an cànan a neartachadh aig ìre poileasaidh. Bidh prìomh eileamaidean den Bhile, a’ gabhail a-steach atharrachaidhean air gnìomhan Bhòrd na Gàidhlig agus bun-inbhean airson phlanaichean, gar gluasad air adhart gus dèanamh cinnteach gu bheil na siostaman a th’ againn a’ cumail taic ris a’ chànan. Agus tha e deatamach gun tèid na h-eileamaidean foghlaim den Bhile a chur an gnìomh. Tha feum air soilleireachd air a’ phrìomh mholadh, sgìrean cànain sònraichte, agus bidh obair na comataidh ro-chudromach ann a bhith a’ dèanamh seo.

“Ach, cha bhi an reachdas seo na fhuasgladh air na ceistean a tha romhainn aig ìre leasachaidh coimhearsnachd, a dh’fheumas modal tasgaidh ùr agus follaiseach gus na targaidean ann am Plana Nàiseanta ùr na Gàidhlig a lìbhrigeadh.

“Feumaidh mi iomradh a thoirt air ar tagradh a thaobh Meòrachan Ionmhais a’ Bhile, far a bheil sinn a’ daingneachadh cho cudromach ’s a tha e modal ionmhais a bhith mar phrìomh eileamaid ann an soirbheachas an reachdais seo. Mar a thuirt sinn san tagradh sgrìobhte againn “Gus a làn bhuaidh a choileanadh, feumaidh taic a bhith aig a’ Ghàidhlig air feadh an Riaghaltais le maoineachadh cothromach a tha a rèir dleastanasan reachdail Bhòrd na Gàidhlig”.

“Chan e cànan a-mhàin a th’ anns a’ Ghàidhlig. Do mhòran, mi fhìn nam measg, tha i na dhòigh-beatha, aig cridhe mo cheangal ri mo chultar, mo dhualchas agus mo mhiannan airson mo theaghlach agus mo choimhearsnachd. Do dh’Alba, tha i na prìomh eileamaid den chomann-shòisealta anns a bheil sinn beò, de ar n-eachdraidh agus bidh i air leth cudromach dhuinn san àm ri teachd.  Tha i na stòras sòisealta, eaconamach agus cultarail. Tha i gun phrìs is gun samhail. Tha an reachdas seo na cheum air adhart.  Cha toir e dhuinn a h-uile fuasgladh a tha a dhìth oirnn, agus feumar prìomhachas a thoirt ri bhith a’ dèiligeadh ris a’ mhodail maoineachaidh mhì-fhreagarrach, ach bidh e na phrìomh cheum ann a bhith a’ gluasad air adhart solar airson na Gàidhlig.”

Chaidh clàradh a dhèanamh air an t-seisean agus tha e ri coimhead air làrach-lìn Phàrlamaid na h-Alba.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security