Freagairt air Co-chomhairleachadh: Achd Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne (Co-chorpachadh) (Alba) 2024

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba air Achd Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne (Co-chorpachadh) (Alba) 2024. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

“Ged a tha farsaingeachd de dh’fhiosrachadh coitcheann ann, chan eil mion-fhiosrachadh gu leòr ann mu mar a bheir an UNCRC deagh bhuaidh air còraichean chloinne is dhaoine òga aig a bheil Gàidhlig agus aig an teaghlaichean.”

Tha am freagairt slàn ri leughadh an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Dreach Stiùireadh agus Co-dhùnadh Coitcheann airson Teisteanas Teagaisg ann am Foghlam Adhartach

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba air an Dreach Stiùireadh agus Co-dhùnadh Coitcheann airson Teisteanas Teagaisg ann am Foghlam Adhartach. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

“Tha raon de chùrsaichean Foghlam Adhartach, an dara cuid tro mheadhan na Gàidhlig no le susbaint co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig, gan tabhann aig an àm seo le UHI agus Colaiste Cheilbhinn, mar eisimpleir. Le FtG a’ leudachadh air feadh na dùthcha agus prògraman ùra gan cruthachadh, tha e cudromach gun dèanar cinnteach gu bheil an Stiùireadh a’ gabhail a-steach lìbhrigeadh gu leòr tron Ghàidhlig agus tron Bheurla airson a bhith iomchaidh thar nan cùrsaichean TQFE gu lèir.”

Tha am freagairt slàn ri leughadh an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Plana Ceangal nan Eilean – Dòigh-obrach Ro-innleachdail agus Plana Soithichean is Puirt

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Còmhdhail Alba air Plana Ceangal nan Eilean – Dòigh-obrach Ro-innleachdail agus Plana Soithichean is Puirt. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

“Is e daoine òga àm ri teachd na Gàidhlig. Tha deagh cheanglaichean còmhdhail a’ toirt cothrom dhaibh coinneachadh/conaltradh ri luchd-labhairt na Gàidhlig ann an àiteachan eile agus eòlas fhaighinn air tachartasan cultarail, spòrs, co-fharpaisean deasbaid is eile. Tha seo a’ toirt barrachd chothroman do dhaoine òga gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile agus ann an suidheachaidhean eadar-dhealaichte.”

Tha am freagairt slàn ri leughadh an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Bile Ciorraman Ionnsachaidh, Òtasam agus Niùro Eug-samhlachd

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba air Bile Ciorraman Ionnsachaidh, Òtasam agus Niùro Eug-samhlachd. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

“Tha e ro-chudromach gum bi a h-uile moladh cocheangailte ri foghlam gu tur co-chòrdail ris a’ phrionnsapal gu bheil foghlaim ann an Alba ga lìbhrigeadh ann an dà chànan, an dàrna cuid tro mheadhan na Gàidhlig no tro mheadhan na Beurla. A thaobh feumalachdan taic a bharrachd agus feumalachdan sònraichte aig clann is daoine òga niùro eug-samhlach tha farsaingeachd de cheistean sònraichte co-cheangailte ri foghlam bogaidh agus dàchànanas air am bu chòir iomradh a thoirt airson gach moladh. Is urrainn Bòrd na Gàidhlig agus buidhnean eile leithid Stòrlann agus Foghlam Alba taic-airgid a thoirt seachad gus taic a chumail ri in-ghabhail an dà chuid a thaobh solar tro Mheadhan na Gàidhlig agus Foghlam tro Mheadhan na Beurla (FtG).

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ moladh cho lèirsinneach ’s a tha nàdar na Sgrìobhainn Co-chomhairleachaidh agus an aithris air td23: “tha a h-uile duine a tha a’ toirt seachad taic no seirbheisean, leithid cùram slàinte, foghlam agus cùram, … soilleir mu na dleastanasan aca fon Bhile agus mu cò dha a tha seo a’ buntainn”.”

Tha am freagairt slàn ri lorg an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Stiùireadh nan Seann is Nuadh-bhailtean aig Làrach Dualchas Cruinne Dhùn Èideann

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chuir a-steach gu co-chomhairle Dhualchas na Cruinne Dhùn Èideann, ann an com-pàirteachas le manaidsearan bailtean eachdraidheil Dhùn Èideann, Àrainneachd Eachdraidheil Alba agus Comhairle Baile Dhùn Èideann, air Riaghladh Seann Bhailtean is Bailtean Ùra Làrach Dhualchas na Cruinne Dhùn Èideann. Am measg nam puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:

“Chan eil iomradh air a’ Ghàidhlig san dà phàipear ged a tha beagan iomraidhean air cànan agus dualchas cultarail dobheantainn.

“Mar cheanna-bhaile na h-Alba, bu chòir do Dhùn Èideann taic a chumail ri cinneas cànan is cultar àraidh na Gàidhlig, oir tha i na pàirt de dh’aithne nàiseanta na dùthcha.”

Tha am freagairt slàn ri leughadh an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Bile Sunnd is Leasachadh Seasmhach (Alba)

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dha cho-chomhairle Riaghaltas na h-Alba air a’ Bhile Sunnd is Leasachadh Seasmhach (Alba). Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

“Bidh cànan is cultar a’ cruthachadh fèin-spèis, ag àrach fèin-mhisneachd, a’ mìneachadh dearbh-aithne agus a’ leasachadh càileachd beatha. Tha e na phrionnsapal air leth cudromach do luchd-labhairt na Gàidhlig gur e còir dhaonna le bunait chànanach a th’ anns a’ chòir an cànan a chleachdadh seach dìreach còir chultarail.”

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Meòrachan Ionmhais Bile nan Cànan Albannach

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dha cho-chomhairle Phàrlamaid na h-Alba air a’ Mheòrachan Ionmhais Bile nan Cànan Albannach. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

“Tha am Meòrachan Ionmhais a’ mìneachadh, ann am paragraf 6, “Is e Bile a tha seo gus dèanamh cinnteach gu bheil structar an sàs air feadh an riaghaltais agus Rianachd na h-Alba san fharsaingeachd gus feumalachdan choimhearsnachdan na Gàidhlig agus na Scots, agus feumalachdan na Gàidhlig is na Scots fhèin a choileanadh san àm ri teachd.”  Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air a’ mhiann seo ach tha sinn teagmhach a bheil e comasach seo a choileanadh tron mhodail ionmhais làithreach.”

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Plana Ro-innleachdail airson Pàirc Thaigh an Ròid

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba mun Gheàrr-chunntas Plana Ro-innleachdail airson Pàirc Thaigh an Ròid. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

“Bidh in-ghabhail na Gàidhlig am broinn na Dreachd Geàrr-chunntas Plana Ro-innleachdail a’ nochdadh a h-inbhe mar chànan nàiseanta ann an co-theacsa Pàirc Thaigh an Ròid mar “àite de luach nàiseanta is eadar-nàiseanta’.”

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security