Freagairt Bhòrd na Gàidhlig air Co-Chomhairleachadh Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a cur fàilte air Co-Chomhairleachadh Riaghaltais na h-Alba agus na geallaidhean leantainneach aca ris a’ Ghàidhlig, a tha a cur ri na h-amasan a th’againne airson a’ chànan. Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach ‘s a tha cànanan dùthchasail na h-Alba air fad agus na tha iad a’ cur ri cultur na dùthcha agus sinn cuideachd a’ cur taic ri na molaidhean mu Albais sa cho-chomhairleachadh seo.” 

“Tha an fhianais bho Shuirbhidh Beachdan Sòisealta na h-Alba o chionn ghoirid a’ sealltainn gu bheil taic agus iarrtas airson na Gàidhlig a’ fàs, gu h-àraid a-measg dhaoin’ òga agus ‘s e ceum cudromach a tha seo a dh’ionnsaidh a bhith ag àbhaisteachadh a’ chànain.” 

“Tha barrachd is barrachd theaghlaichean a’ sireadh Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus a mhòr chuid de dh’Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba a nis a’ tabhann, no a’ tòiseachadh air Foghlam to mheadhan na Gàidhlig a thabhann. Tha na fìgearan às ùire a’ sealltainn gu bheil àrdachadh 21% anns na h-àireamhan de dh’òigridh ann am Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig aois bun-sgoile agus àrdachadh 16% aig aois àrd-sgoile thar na còig bliadhna a dh’fhalbh. Tha sinne gu mòr den bheachd gum feum an ro-innleachd nàiseanta ùr a bhith air a stiùireadh bho ìre mhinistearan gus stiùireadh nàiseanta agus buileachadh a sholarachadh, le Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gu mòr an sàs anns na buidhnean foghlaim ùra. Bu chòir leudachadh air còirichean phàrantan airson Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gus an cothrom Gàidhlig ionnsachadh a bhith aig gach sgoilear ann an Alba tro phrògram 1 + 2 mar phàirt den làn-chòir aca a dh’ionnsachadh mu dualchas cultarach beairteach na h-Alba agus a’ Ghàidhlig mar phàirt dhe.”  

 “Tha sinn a’ moladh gun lean Plana Nàiseanta na Gàidhlig air adhart mar ro-innleachd airson a’ Ghàidhlig a leasachadh ann an Alba. Tha sinn cuideachd a’ moladh gun tèid inbhe laghail na Gàidhlig a neartachadh tro Bhile nan Cànan Albannach ùr. Bidh iad seo air leth cudromach gus a bhith cinnteach gun lean Alba air adhart le bhith a’ leudachadh air cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig gu nàiseanta.”  

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair le Riaghaltas na h-Alba agus na luchd-ùidh air fad gus fiosrachadh fhaighinn mu na h-ath cheumannan sa phròiseas pàrlamaid seo gus dreachd bile a leasachadh.  Cuideachd, bhitheamaid a’ brosnachadh dhaoine eile gus freagairt a chur a-steach.”  

Leugh am freagairt an seo

Sgrùdadh air ionnsachadh is cùram-chloinne tràth-bhliadhnaichean agus seirbheisean cùram-chloinne aois sgoile ann an Alba

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chuir a-steach don cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba air: Sgrùdadh air tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne agus seirbheisean cùram-chloinne aois sgoile ann an Alba.

Anns an fhreagairt bha na puingean a leanas:

Tha sinn gu math iomagaineach nach eil an lèirsinn a thathar a’ moladh ag aithneachadh taobh bhunaiteach de dh’fhoghlam na h-Alba – gum bi lìbhrigeadh foghlaim ann an Alba a’ tachairt tro mheadhan na Beurla no tro mheadhan na Gàidhlig. Tha an dearmad bunaiteach seo a’ toirt buaidh air gach taobh den cho-chomhairle seo agus mar thoradh air seo, tha grunn bheàrnan anns na molaidhean.

Tha sinn a’ toirt fa-near do na h-iomraidhean air Putting Children at the Centre, rud air a bheil sinn a’ cur fàilte mhòr, ach tha sinn diombach nach eil na beachdan agus na molaidhean a thaobh Gàidhlig agus FtG ann an aithisg an Àrd-ollaimh Muir, a rèir coltais, air buaidh a thoirt air na dreachd mholaidhean airson sgrùdadh air Tràth-ionnsachadh agus Cùram-chloinne.

Tha e soilleir gu bheil barrachd obrach a dhìth gus dèanamh cinnteach gu bheil na molaidhean air a bheilear a’ beachdachadh sa cho-chomhairle seo a’ coinneachadh gu h-iomlan ri feumalachdan roinn ELC na h-Alba a tha a’ toirt seachad foghlam ann an dà chànan, an dàrna cuid Gàidhlig no Beurla. Ged a bhios dùbhlan fhathast ann le bhith ag ath-sgrìobhadh cuid de na raointean, tha sinn làn chinnteach gun gabh seo a dhèanamh le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus buidhnean nàiseanta eile.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Ath-leasachadh fearainn ann an Nàisean Net Zero

Tha cleachdadh agus sealbhachadh fearann na h-Alba air aon de na prìomh cheistean airson na n-àrainneachd, comann-sòisealta agus eaconamaidh againn san àm ri teachd.

Nì an ath Bhile Ath-leasachadh Fearainn atharrachaidhean cudromach air frèam an lagha agus a’ phoileasaidh a tha a’ riaghladh siostam sealbhachd, stiùireadh agus cleachdadh fearainn ann an Alba.

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach don phàipear co-chomhairleachaidh: Ath-leasachadh fearainn ann an Nàisean Net Zero.

Tha am freagairt a’ toirt a-steach na puingean:

Ma tha a’ Ghàidhlig gu bhith beò, agus a’ soirbheachadh, anns na coimhearsnachdan traidiseanta aice feumaidh na coimhearsnachdan fhèin soirbheachadh. Tha seo air aithneachadh ann am Plana Nàiseanta nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba.

Bu chòir toirt air uachdarain ann an sgìrean Ùghdarrasan Ionadail Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, agus Comhairle nan Eilean Siar gu sònraichte a dhol an sàs gus an coimhearsnachdan a leasachadh gu sòisealta, gu h-eaconamach agus gu cultarail. Bidh sin a’ gabhail a-steach taic agus brosnachadh a thoirt do leasachadh na Gàidhlig agus an cultar co-cheangailte rithe a dh’fhaodadh a bhith air a shònrachadh ann an am Planaichean Riaghladh Fearainn.

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Co-chomhairle Aonadh Colaistean Dùthchail is Eileanan OGE

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean a’ sireadh bheachdan air mar a thèid na colaistean dùthchail is eileanach aca còmhla mar aon. Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach le na puingean a leanas:

Tha sinn gu mòr a’ cur fàilte air na diofar aithrisean agus geallaidhean don Ghàidhlig anns a’ mholadh aonaidh agus sgrìobhainn cùis-gnothaich.

Tha sinn cuideachd toilichte gum bi na molaidhean “a’ daingneachadh ar prìomh àite ann an leasachadh curraicealam na Gàidhlig agus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eileanan Siar”.

Mar sin, san fharsaingeachd, tha sinn an dùil gum bi àitean Gàidhlig, ann an teagasg is rannsachadh, agus cleachdadh na Gàidhlig, air a neartachadh taobh a-staigh an structair ùir.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Stèidheachadh Foghlam Bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig aig Bun-sgoil Thornliebank

Tha Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear air co-chomhairleachadh poblach a chur air bhog airson daoine fa leth agus buidhnean aig a bheil ùidh ann am beachdan a thoirt seachad mu stèidheachadh Foghlam Bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig aig Bun-sgoil Thornliebank bhon Lùnastal 2023 is air adhart.

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach anns a bheil na puingean:

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air stèidheachadh Foghlam Bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig (FBMG) ann an Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear, mar thoradh air iarrtas soirbheachail le pàrantan a’ cleachdadh na solaraichean ann an Achd Foghlam Alba (2016), mar a chaidh mìneachadh anns an Stiùireadh Reachdail mu Fhoghlam Gàidhlig.

Tha Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear air beachdachadh gu h-iomchaidh chan ann a-mhàin air solarachadh a stèidheachadh ach air an t-solarachadh a dhìon san àm ri teachd gus dèanamh cinnteach gum bi leudachadh comasach. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ creidsinn gum bi FBMG ann an comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear na roinn tarraingeach airson pàrantan agus gu bheil coltas ann gum fàs na h-àireamhan san àm ri teachd.

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Co-chomhairle air Dreachd Phlana Ro-innleachdail 2022-27 Comhairle Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach don cho-chomhairleachadh Dreachd Phlana Ro-innleachdail 2022-27 aig Comhairle Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar.

Am measg cuid de na puingean a chaidh a thogail tha:

Chan eil iomradh sam bith air cànan is cultar na Gàidhlig san Dreachd Phlana Ro-innleachdail no anns a’ Mheasadh Fheumalachdan Ro-innleachdail na chois. (Chì sinn cuideachd nach eil iomradh sam bith air a’ Ghàidhlig san dreachd Ro-innleachd Leasachadh Eaconamach aig Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar 2022 – 2027).  Tha seo a dh’aindeoin gu bheil Plana Gàidhlig aig a’ Chomhairle anns a bheil diofar ghealltanasan.

Feumar dèiligeadh ri seo anns an dreachd mu dheireadh den Dreachd Phlana Ro-innleachdail.

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Comhairle Siorrachd Lannraig a Deas – Ro-innleachd Eaconamach 2022-2027 – Co-chomhairle

Tha Ro-innleachd Eaconamach 2022-2027 aig Comhairle Shiorrachd Lannraig a Deas air ullachadh agus tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach mu na prìomh chuspairean agus phrìomhachasan san ro-innleachd.

Am measg cuid de na puingean a chaidh a thogail:

Tha Plana Gàidhlig aig Comhairle Siorrachd Lannraig a Deas (SLC) anns a bheil diofar ghealltanasan airson cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig a chur am meud. Tha am Plana ag ràdh gu bheil “SLC ag adhartachadh buannachdan eaconamach cànan is cultar na Gàidhlig mar phàirt de na h-iomairtean leasachaidh eaconamach coitcheann aca”. Tha e cuideachd ag ràdh gu bheil iad a’ dèanamh cinnteach gu bheil “luach ga chur air a’ Ghàidhlig agus gu bheilear ag aithneachadh na tha i a’ cur ri beatha shòisealta, chultarail is eaconamach na dùthcha”.

Chan eil na geallaidhean seo air an nochdadh anns an Dreachd Ro-innleachd Eaconamach. Feumar dèiligeadh ri seo san dreachd mu dheireadh, tro ghrunn iomraidhean sònraichte air a’ Ghàidhlig agus tha tuilleadh mholaidhean air seo gan dèanamh gu h-ìosal.

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Ro-innleachd air Fianais Co-ionannachd

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ co-chomhairleachadh air dreachd phlana gus bunait fianais co-ionannachd na h-Alba a leasachadh agus a neartachadh. Cuidichidh na freagairtean a gheibh iad tron cho-chomhairle seo mar bhunait airson Ro-innleachd Fianais Co-ionannachd ùr na h-Alba.

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach don cho-chomhairle seo anns a bheil na puingean a leanas.

Tha sinn a’ toirt fa-near nach eil na buidhnean le feartan dìonta agus na caochladairean co-ionannachd a’ gabhail a-steach luchd-labhairt na Gàidhlig. Mar sin, chan eil beachdachadh air a bheil neo-ionannachdan sònraichte mu choinneamh luchd-labhairt na Gàidhlig.

Tha leth-bhreith air a bhith mu choinneamh luchd-labhairt na Gàidhlig gu h-eachdraidheil agus, gu ìre, tha e fhathast mun coinneamh an latha an-diugh. Tha beachdan air a bhith ann san àm a dh’fhalbh agus tha fhathast an latha an-diugh – an dà chuid anns na meadhanan sòisealta agus anns na meadhanan clò gu sònraichte – anns a bheil nàimhdeas dhan chànan agus a luchd-labhairt ga chur an cèill. Mar sin, tha leth-bhreith an aghaidh na Gàidhlig agus a luchd-labhairt ann fhathast.

Le seo, tha sinn a’ meas gu bheil an Ro-innleachd air Fianais Co-ionannachd a’ toirt seachad cothrom airson barrachd cunbhalachadh/seasmhachd de dhòighean-obrach. Gu sònraichte, bu chòir  beachdachadh a dhèanamh air a’ chùis gum bi a’ Ghàidhlig ann an lùib a’ mheasaidh air co-ionannachdan.

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Ro-innleachd Slàinte Inntinn agus Sunnd

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach do cho-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba air Ro-innleachd ùr air Slàinte is Sunnd.

Tha am freagairt a’ toirt a-steach na puingean a leanas:

“Tha sinn ag aontachadh leis an t-sealladh “Slàinte inntinn agus sunnd nas fheàrr dhan a h-uile” a thathar a’ moladh. Tha “dhan a h-uile” a’ ciallachadh gum bu chòir dhan t-sealladh agus an Ro-innleachd a bhith in-ghabhalach. Mar sin, bhiodh am pàipear Ro-innleachd deireannach a’ faighinn buannachd mhòr bho iomradh sònraichte air a’ Ghàidhlig agus mar a chuireas i ri slàinte inntinn agus sunnd.”

“Tha cànan agus cultar a’ cruthachadh fhèin-mhiadh, a’ brosnachadh fhèin-mhisneachd, a’ mìneachadh fhèin-aithne agus a’ leasachadh maitheas na beatha. Tha a’ Ghàidhlig na pàirt de dhualchas na h-Alba. Tha i a’ meudachadh sunnd airson luchd-cleachdaidh, luchd-ionnsachaidh agus luchd-taic na Gàidhlig. Tha a’ Ghàidhlig a’ cur ris, ann an dòigh dheimhinneach, na bhios na daoine seo a’ smaointinn agus a’ faireachdainn mu dheidhinn am beathannan.”

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Comataidh Ath-shlànachaidh COVID-19 – Sgrùdadh ron Bhuidseat

Tha dùil gum foillsich Riaghaltas na h-Alba am Buidseat 2023-24 aca san Dùbhlachd 2022. Ron àm seo, tha Comataidh Ath-shlànachaidh COVID-19 a’ dèanamh sgrùdadh ro-bhuidseit leis an amas buaidh a thoirt air beachdan Riaghaltas na h-Alba nuair a bhios iad ag ullachadh a’ bhuidseit a tha ri thighinn.

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach anns a bheil na puingean:

“Chan eil an Lèirmheas Caiteachas Stòrais agus na sgrìobhainnean co-cheangailte ris a’ dèanamh iomradh sam bith air a’ Ghàidhlig, an dreuchd a tha i a’ cluiche mar stòras eaconamach agus mar a dh’fhaodas i cur ris an ath-shlànachadh.

’S e dearmad cudromach a tha seo. Mar thoradh air sin, tha dìth soilleireachd is trìd-shoilleireachd ann air an ìre de phrìomhachas – agus de mhaoineachadh – a bhios ann airson na Gàidhlig san àm ri teachd.

Chan eil cùis sam bith ann airson maoineachadh na Gàidhlig a lùghdachadh. Gu dearbh, tha cùis ann airson barrachd maoineachaidh a thoirt seachad, a’ co-fhreagairt ri poileasaidh Riaghaltas na h-Alba, ris an iarrtas a tha a’ sìor-fhàs airson cànan is cultar na Gàidhlig agus ri na tha a’ Ghàidhlig a’ cur ri eaconamaidh na h-Alba.”

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security