Lèirmheas air Toraidhean Nàiseanta 2023

Aig deireadh a’ Chèitein 2023 chur Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle poblach Lèirmheas air Toraidhean Nàiseanta 2023.  Am measg na puingean a chaidh a thogail san fhreagairt, thuirt sinn:

Tha an tabhartas a thig bho chleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig ga shìor-aithneachadh mar thaic do shunnd. Tha sin a chionn ’s gum bi cànan is cultar a’ cruthachadh fèin-mheas, a’ brosnachadh fèin-mhisneachd, a’ mìneachadh fèin-aithne agus a’ leasachadh maitheas na beatha. Bidh seo a’ meudachadh sunnd luchd-cleachdaidh, luchd-ionnsachaidh agus luchd-taice na Gàidhlig – aig a bheil moit mhòr às a’ Ghàidhlig agus a cultar. Bidh a’ Ghàidhlig a’ cur ri, ann an dòigh dheimhinneach, na bhios na daoine seo a’ smaointinn agus a’ faireachdainn mu dheidhinn am beatha. Tha Bòrd na Gàidhlig air rannsachadh a choimiseanadh gus measadh a bharrachd a dhèanamh air na buannachdan agus cothroman a dh’fhaodadh a bhith ann airson Alba agus sunnd bho chànan is cultar.

Lorgar am freagairt slàn an seo.

Aithris air Aithisg Riaghaltas na h-Alba air Co-chomhairle Bile nan Cànan Albannach

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a’ cur fàilte air a’ cheum as ùire seo le Riaghaltas na h-Alba agus iad a’ toirt air adhart Bile nan Cànan Albannach ùr.  Tha tòrr san aithisg a tha co-cheangailte ri leasachaidhean a tha an gnìomh mar-thà agus a dh’fheumar a neartachadh agus a leudachadh.”

“Tha e cuideachd a’ sealltainn gu bheil aonta ann ri molaidhean a chuir Bòrd na Gàidhlig na fhreagairt an-uiridh agus gu bheil feum air reachdas nas treasa gus barrachd adhartais a dhèanamh.”

“Dh’fhiosraich na còmhraidhean a bh’ againn le raon farsaing de choimhearsnachdan tro 2021 agus 2022 ar beachdan air dè na h-atharrachaidhean a tha a dhìth gus suidheachadh na Gàidhlig ann an Alba a neartachadh.  Chuidich na còmhraidhean sin cuideachd le deasachadh an ath Phlana Nàiseanta na Gàidhlig a thèid fhoillseachadh a dh’aithghearr.”

“Chuir sinn fàilte cuideachd air an aithneachadh gu bheil feum aig Bòrd na Gàidhlig air stòrasan a bharrachd gus a’ bhuaidh a th’ againn an-dràsta a mheudachadh. Ma thig dleastanas sam bith a bharrachd bho reachdas ùr, atharraichidh seo na foincseanan agus na structaran againn, a’ fàgail gum bi feum againn air stòrasan gu leòr airson a bhith a’ lìbhrigeadh na thathar an dùil.”

“Bha co-thaobhadh làidir eadar cuid de mholaidhean aig Bòrd na Gàidhlig agus na molaidhean aig daoine eile a ghabh pàirt sa cho-chomhairle, leithid:

–           Bunait reachdail nas treasa airson planaichean Gàidhlig, a’ comasachadh buaidh agus cunntachalachd a bharrachd.

–           Reachdas gus còir a chruthachadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FtG).

–           Stiùireadh nas treasa agus barrachd cunntachalachd airson FtG, a’ toirt air Ùghdarrasan a bhith a’ planadh leasachadh agus a bhith ag aithris air adhartas gach bliadhna.

–           Barrachd taic airson fastadh agus, gu sònraichte, gleidheadh luchd-obrach foghlam tron Ghàidhlig airson solar tràth-bhliadhnaichean, bun-sgoile agus àrd-sgoile.

–           Cho cudromach ’s a tha cùisean eaconamach is sòisealta ann a bhith a’ glèidheadh agus a’ tàladh dhaoine òga do na h-eileanan.”

“Tha an aithisg seo agus a’ cho-chomhairle againn fhìn a’ sealltainn gu bheil ùidh mhòr aig daoine sa Ghàidhlig san àm ri teachd agus air cho cudromach ’s a tha i ann an sgìrean eileanach, dùthchail agus bailteil na h-Alba.”

“Tha miann anns an dà aithisg gum bi Bòrd na Gàidhlig nas fhosgailte agus nas soilleire agus a bhith a’ sealltainn an adhartais againn san obair a tha sinn a’ lìbhrigeadh an-dràsta. Seo rudeigin a tha sinn air a bhith a’ leasachadh sna beagan bhliadhnachan mu dheireadh le tòrr a bharrachd follaiseachd agus cunntachalachd air feadh na buidhne.”

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ leantainn oirnn leis an obair againn leis na com-pàirtichean againn air feadh na roinne poblaich agus ann an coimhearsnachdan gus taic a chumail ri fàs na Gàidhlig.”

Cho-chomhairle: Tairgse Co-Aonadh nan Colaistean Dùthchail is Eileanach

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach don cho-chomhairle: Tairgse Co-Aonadh nan Colaistean Dùthchail is Eileanach. Am measg nam puingean a chaidh a thogail:

Mholamaid gun tèid planaichean a dheasachadh ann am pàirt dhen tairgse co-aonaidh gus am bithear comasach air raon de chuspairean a lìbhrigeadh tron Ghàidhlig, gu h-àraidh mar chulaidh-taice do sgoiltean. Le seo, dh’fhaodar luchd-obrach nan colaistean a chleachdadh gus cùrsaichean Ìre as Àirde a lìbhrigeadh, an dàrna cuid aghaidh ri aghaidh air neo air-loidhne.

Bhiomaid an dùil gun deigheadh Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach a dhèanamh mar phàirt de phròiseas a’ cho-aonaidh. Feumaidh seo buaidhean air a’ Ghàidhlig fhèin a ghabhail a-steach, mar a tha stiùireadh o Riaghaltas na h-Alba a’ moladh.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Co-chomhairle Togail Ionmhas Coimhearsnachd

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach do cho-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba air Togail Ionmhas Coimhearsnachd. Am measg nam puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

Tha sinn a’ freagairt na co-chomhairle seo a chionn ’s gu bheil comas obrachaidh na Gàidhlig a’ crochadh air seasmhachd nan coimhearsnachdan Gàidhlig: gu sònraichte an fheadhainn ann an sgìrean eileanach agus dùthchail air a’ Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan.

Tha sinn a’ creidsinn gum faodadh Togail Ionmhas Coimhearsnachd a bhith na inneal cumhachdach airson taic a chumail ri seasmhachd na Gàidhlig. Tha sinn a’ cur ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba beachdachadh air mar a tha na feumalachdan agus comas coimhearsnachdan na Gàidhlig air an filleadh a-staigh agus air an dèanamh follaiseach ann an Togail Ionmhas Coimhearsnachd.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Ro-innleachd Cultair Eadar-nàiseanta

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach do cho-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba air Ro-innleachd Cultair Eadar-nàiseanta. Am measg nam puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

Bhiodh sinn an dùil iomradh fhaicinn air àite agus tabhartas na Gàidhlig agus a cultar mar sho-mhaoin shònraichte ann an tabhartas cultarail eadar-nàiseanta na h-Alba.  Leanaidh Bòrd na Gàidhlig ag obair gu dlùth le com-pàirtichean eile gus dèanamh cinnteach gu bheil cànan is cultar na Gàidhlig fillte gu h-iomlan san ro-innleachd gus dèanamh cinnteach gun tèid a comas a thoirt gu buil. 

Leugh am freagairt slàn an seo.

Co-chomhairle air Sgìrean Mara Fìor Ghlèidhte

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach do cho-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba air Sgìrean Mara Fìor Ghlèidhte.

Anns an fhreagairt bha an teacsa a leanas:

Tha sinn a’ cur beachd a-steach dhan cho-chomhairle seo a chionn ’s gu bheil seasmhachd na Gàidhlig an crochadh air seasmhachd nan coimhearsnachdan Gàidhlig: gu sònraichte an fheadhainn ann an sgìrean eileanach agus dùthchail air a’ Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan. Tha na coimhearsnachdan seo cuideachd a’ giùlan traidiseanan a’ chànain agus bhiodh an call a’ toirt droch bhuaidh nach gabhadh a leasachadh air a’ chultar dùthchasach a tha air mairsinn ceudan de bhliadhnaichean.

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Cultar ann an Coimhearsnachdan – Rannsachadh

Tha Pàrlamaid na h-Alba an-dràsta a’ sireadh fiosrachaidh mu na tha a’ tachairt nar coimhearsnachdan ionadail. Dè tha ag obair gu math? Agus dè na cnapan-starra a th’ ann a thaobh a bhith a’ cur air adhart no a’ gabhail pàirt ann an gnìomhan cultarail?  Chur Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach ann air 29 Màrt.  Am measg na thuirt sinn:

Tha cànan is cultar na Gàidhlig ann airson a h-uile duine a bhith a’ mealadh agus a’ gabhail pàirt ann.  Tha Bòrd na Gàidhlig agus an luchd-pàirt againn an geall air taic a thoirt do choimhearsnachdan air feadh Alba a tha airson cothrom fhaighinn air cànan is cultar na Gàidhlig.  Tha sinn ag aithneachadh, ge-tà, gu bheil mòran obrach ri dhèanamh fhathast gus dèanamh cinnteach gu bheil coimhearsnachdan is buidhnean eòlach air a’ chultar Ghàidhlig againn agus a’ faireachdainn comasach air conaltradh ri luchd-bruidhinn is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.  Cumaidh sinn oirnn a’ brosnachadh conaltradh coimhearsnachd ri cultar na Gàidhlig tro na sruthan maoineachaidh is com-pàirtichean lìbhrigidh againn. 

Faodar am freagairt slàn a lorg an seo.

Co-chomhairle Ath-leasachadh Taghaidh Riaghaltas na h-Alba

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh co-chomhairle air ath-leasachadh taghaidh.  Chur Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach ann agus am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:

Tha Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba ag ràdh “airson gum bi a’ Ghàidhlig seasmhach san àm ri teachd, tha feum ann airson oidhirp còmhla” bho raon de bhuidhnean agus luchd-labhairt fa-leth na Gàidhlig – a’ gabhail a-steach “riaghaltas” – gus:

• Cleachdadh na Gàidhlig a chomasachadh ann an raon de shuidheachaidhean sòisealta, foirmeil agus obrach.
• Meudaich spèis agus faicsinneachd, cluinntinn agus aithne don Ghàidhlig.

Mar sin, chuidicheadh leudachadh cleachdadh na Gàidhlig gu stuthan taghaidh gus poileasaidhean Riaghaltas na h-Alba fhèin airson a’ chànain a thoirt gu buil. Le bhith ag àrdachadh cleachdadh na Gàidhlig, chuidicheadh e cuideachd ri bhith a’ coileanadh amasan Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig.

Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach cleachdadh na Gàidhlig air pàipearan baileat taghaidh ann an taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba agus ùghdarrasan ionadail.

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Co-chomhairle air Sgìre-sgoile ann an Obar Dheathain

Air 3 Màrt 2023, chur Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steacj don cho-chomhairleachadh air sgìre-sgoile airson foghlam tron Ghàidhlig ann an Comhairle Baile Obar Dheathain.

Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt Bòrd na Gàidhlig:

Tha an t-ùghdarras foghlaim air beachdachadh air clann is teaghlaichean air am faodadh buaidh a bhith leis na molaidhean ùra. Mar eisimpleir, dhaibhsan a tha taobh a-muigh crìochan a’ bhaile, agus tha iad air soilleireachadh gum bi e comasachadh dhaibh leantainn air adhart le FtG.

Tha an t-ùghdarras foghlaim air soilleireachadh ciamar a gheibh clann is teaghlaichean a tha a’ fuireach taobh a-muigh a’ bhaile, àite ann am FtG ma tha iad ga iarraidh.

Leis a sin, tha Bòrd na Gàidhlig a’ cumail taic ris a’ mholadh gun tèid sgìre-sgoile a chruthachadh an dà chuid airson Acadamaidh Hazlehead agus Bun-sgoil Gilcomstoun, far a bheil solar FtG.

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Freagairt a-steach air Ro-innleachd 5 bliadhna aig IGE

Chur Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach do cho-chomhairle aig Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean air an Ro-innleachd 5 bliadhna ùr aca.  ‘S e suirbhidh leanmhainn a th’ ann.

Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt Bòrd na Gàidhlig:

Mun SWOT: Chan eil iomradh sam bith air na dùbhlain shònraichte a tha mu choinneamh eileanan. Tha seo ann an co-theacs Plana Nàiseanta nan Eilean. Anns a’ Phlana, tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig do iomadh coimhearsnachd eileanach, agus cho cudromach ’s a tha coimhearsnachdan eileanach Gàidhlig a thaobh mairsinn is seasmhachd na Gàidhlig ann an Alba. Tha gealltanasan air feadh a’ Phlana a thaobh taic do dhaoine fa leth, do choimhearsnachdan, agus do bhuidhnean ann an coimhearsnachdan eileanach le Gàidhlig ann an cleachdadh na Gàidhlig.

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security