Freagairt air Co-chomhairleachadh: Sgìrean-sgoile ann an Comhairle na Gàidhealtachd

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Comhairle na Gàidhealtachd mu sgìrean-sgoile FtG airson Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, Acadamaidh Rìoghail lnbhir Nis, Bun-sgoil Inbhir Pheofharain, Acadamaidh Inbhir Pheofharain, Bun-Sgoil Bruach na Muilne agus Acadamaidh Inbhir Narann. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

Tha Bòrd na Gàidhlig ag aithneachadh cho iom-fhillte ’s a tha an solar anns na Buidhnean Sgoiltean Cho-cheangailte a tha air an liostadh agus a’ moladh na h-obrach a tha oifigearan air a dhèanamh gus fuasglaidhean fhaighinn airson raon farsaing de dhiofar dhùbhlain. Ge b’ e dè an co-dhùnadh a bhios ann a thaobh sgìrean-sgoile, tha Bòrd na Gàidhlig a’ moladh, gun tèid iomairt sanasachd a chruthachadh gus an tuig pàrantan gu furasta far a bheil an t-seirbheis FtG aca suidhichte agus mar a gheibh iad cothrom air taic còmhdhail.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Foghlam DSGP ann an sgoiltean na h-Alba

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba mun dreachd stiùireadh reachdail airson lìbhrigeadh foghlam dhàimhean, slàinte gnèitheasach agus pàrantachd (DSGP) ann an sgoiltean na h-Alba. Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:

Chan eil iomradh sam bith air a’ Ghàidhlig anns an dreachd stiùireadh ùraichte. Gus frithealadh air clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig feumaidh an stiùireadh agus na stòrasan co-cheangailte a bhith rim faighinn sa Ghàidhlig leis a’ bhriathrachas as ùire ann.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Dreachd Ro-innleachd Chorporra CnES

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Comhairle nan Eilean Siar Dreachd Ro-innleachd Chorporra 2024-27. Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:

Tha Poileasaidh Gàidhlig, Ro-innleachd Chorporra 2022-2027 agus Plana Gàidhlig na Comhairle ag adhartachadh agus a’ toirt taic do chleachdadh, ionnsachadh agus adhartachadh na Gàidhlig anns na h-eileanan an Iar. Mar a tha am Poileasaidh Gàidhlig agus Ro-innleachd Chorporra ag ràdh:

Gum bu chòir do Na h-Eileanan an Iar gu bunaiteach na choimhearsnachdan dhà-chànanach far a bheil an aon ùghdarras aig a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla mar mheadhanan conaltraidh.

Ann an com-pàirticheas, tha a’ Chomhairle dealasach gu stèidheachadh seasmhachd dhan Ghàidhlig agus a cultar san àm ri teachd ann an Innse Gall, agus gum bi Innse Gall air an aithneachadh agus taic air a chumail riutha le buidhnean nàiseanta a thaobh buaidh air taic don Ghàidhlig, an dàimh ris a’ chànan agus gu h-eacanomaigeach.”

 

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Cùram-slàinte ann an Sgìrean Iomallach is Dùthchail

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Pàrlamaid na h-Alba Cùram-slàinte ann an Sgìrean Iomallach is Dùthchail. Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:

Bu chòir don Ro-innleachd cuideachd mìneachadh mar a chuireas na gnìomhan aice ri cumail suas agus leasachadh na Gàidhlig. Chan eil an Ro-innleachd Sgioba-obrach Nàiseanta airson Slàinte is Cùram Sòisealta na h-Alba a’ toirt iomradh sam bith air a’ Ghàidhlig. Tha sin a dh’aindeoin gu bheil Planaichean Gàidhlig aig dà Bhòrd Slàinte – NHS nan Eilean Siar agus NHS na Gàidhealtachd.

Cuidichidh deagh sholar cùram slàinte ann an sgìrean iomallach agus dùthchail gus luchd-labhairt na Gàidhlig a thàladh agus a chumail. Agus cuidichidh sin ri seasmhachd a’ chànain.

Tha seo ann an co-theacs far a bheil àireamhan-sluaigh a’ crìonadh mar-thà ann am mòran sgìrean iomallach agus dùthchail. Dh’fhaodadh call sluaigh ann an sgìrean far a bheil àireamhan luchd-cleachdaidh na Gàidhlig àrd droch bhuaidh a thoirt air a’ chànan.

Ma nì luchd-cleachdaidh na Gàidhlig imrich gus obair fhaighinn ann an àiteachan eile, bhiodh dà bhuaidh aig seo. Sa chiad àite, bhiodh lùghdachadh san àireimh de luchdlabhairt na Gàidhlig anns an sgìre air a bheil buaidh. San dàrna àite, faodaidh teaghlaichean air a bheil buaidh gluasad gu sgìre far nach eil a’ Ghàidhlig air a cleachdadh mòran agus thar ùine, is dòcha nach bi iad a’ cleachdadh a’ chànain gu cunbhalach tuilleadh – no dh’fhaodadh iad a call gu tur.

Is e a’ bhuil lùghdachadh ann an cleachdadh na Gàidhlig san fharsaingeachd. Bhiodh sin a’ dol an aghaidh amas Phlana Nàiseanta na Gàidhlig “gun tèid an cànan a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine”.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Ath-sgrùdadh air Plana Nàiseanta nan Eilean

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba mun Ath-sgrùdadh air Plana Nàiseanta nan Eilean.  Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:

Tha e gu math cuideachail Plana Nàiseanta nan Eilean a bhith ann. Tha sinn a’ cur fàilte gu sònraichte air an aithris gu bheil “Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig do dh’iomadh coimhearsnachd eileanach, agus cho cudromach ’s a tha na coimhearsnachdan eileanach far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn do mhaireannachd is sheasmhachd na Gàidhlig ann an Alba”.

Tha e gu math feumail gu bheil iomradh ga thoirt air a’ Ghàidhlig taobh a-staigh a’ mhòr-chuid de dh’Amasan Ro-innleachdail a’ Phlana an àite a bhith air a dhèiligeadh rithe mar chùis leatha fhèin. Tha seo air slighe a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig pàirt a ghabhail – agus ìomhaigh na Gàidhlig a thogail – ann am buidhnean leithid Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Com-pàirteachas Eaconamach Roinneil na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus Fòram Comhairleachaidh Cunnradh nan Eilean.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Bile Còraichean a’ Chinne-daonna airson Alba

Tha BNG air freagairt a chur a-steach gu co-chomhairleachadh poblach Riaghaltas na h-Alba: Bile Còraichean a’ Chinne-daonna airson Alba.  Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:

’S e mion-chànan dùthchasach na h-Alba a th’ ann an Gàidhlig na h-Alba, agus tha i air a bhith ga bruidhinn san dùthaich airson còrr air dusan linn.  Faodar a crìonadh a cheangal gu dìreach ri 400 bliadhna de reachdas a chaidh a dhealbhadh gus a chuir a-mach à comann-sòisealta na h-Alba.  Tha aithne do chòraichean mion-chànanan dùthchasach ann am Bile Còraichean a’ Chinne-daonna na h-Alba riatanach ann a bhith ag ath-stèidheachadh a’ chànain na dùthaich dhachaidh.

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ freagairt ris a’ cho-chomhairleachadh a chionn ’s gu bheil sinn airson barrachd soilleireachd fhaicinn air a’ bhuaidh a bhios aig a’ Bhile a thathar a’ moladh air a’ Ghàidhlig.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Ro-innleachd Turasachd Chunntasach agus Margaideachd Alba a Deas 2023

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dha cho-chomhairleachadh poblach Ro-innleachd Turasachd Chunntasach agus Margaideachd Alba a Deas 2023 le Comhairle Chrìochan na h-Alba.  Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ freagairt ris a’ cho-chomhairleachadh seo a chionn ’s gu bheil sinn ag iarraidh gum bithear a’ beachdachadh air Gàidhlig a ghabhail a-steach mar stòras turasachd anns an ro-innleachd. Mar sin, tha comas aig Gàidhlig a bhith a’ cur ri dualchas agus cultar mar phrìomh fheartan-reic airson na roinne Alba a Deas.

Mar a chithear san ro-ràdh againn, tha àireamh a tha a’ fàs de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus luchd-tadhail bho thall-thairis aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig. Sheall rannsachadh VisitScotland gun robh, bho 2018 gu 2021, àrdachadh de 72% anns an àireimh de luchd-cleachdaidh VisitScotland.com a thadhail air susbaint a bha co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig.

Lorgair am freagairt slàn an-seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Bile Seilbh Fearainn agus Ùidh Poblach (Alba)

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach do cho-chomhairle poblach Bile Seilbh Fearainn agus Ùidh Poblach (Alba) le Pàrlamaid na h-Alba.  San fhreagairt thuirt sinn:

Tha sinn a’ toirt taic do leasachaidhean poileasaidh a chuidicheas le ceannach fearann coimhearsnachd gu sònraichte ann an sgìrean far a bheil a’ Ghàidhlig fhathast an ìre mhath làidir. Tha Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig a’ toirt fa-near “gun toir ath-leasachaidhean, leithid sealbh fearann coimhearsnachd…buaidh air mòran de na coimhearsnachdan aig a bheil Gàidhlig agus air an adhbhar sin tha iad cudromach do…. adhartas na Gàidhlig ann an Alba”. Tha e cuideachd ag ràdh gu bheil fàs ann an sealbh fearann coimhearsnachd a’ toirt chothroman airson Gàidhlig a chleachdadh agus airson luach a’ chànain a chur am meud do luchd-labhairt.

Tha am freagairt slàn ri fhaighinn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Sgrùdadh Buidseit 2024-25 – Maoineachadh airson Cultair

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach don cho-chomhairle Sgrùdadh Buidseit 2024-25: Maoineachadh airson Cultair le Pàrlamaid na h-Alba.  Am measg puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:

A thaobh cultar na Gàidhlig, bu chòir do Phlana Gnìomh Ro-innleachd a’ Cultair beachdachadh air na molaidhean a chaidh a chur air adhart ann am Buidheann-obrach Ghèarr-ùine air Chothroman Eaconamach agus Sòisealta airson na Gàidhlig. Aithisg do Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhais agus na h-Eaconamaidh. Gu sònraichte:

“Bu chòir Ro-innleachd Ealain Ghàidhlig nàiseanta a chruthachadh, a’ cur air adhart dòighean gus taic a thoirt do chothroman eaconamach, agus gus an leasachadh, dhaibhsan a tha ag obair ann an gnìomhachasan nan ealan agus sgrion far a bheil a’ Ghàidhlig mar mheadhan lìbhrigidh no co-cheangailte ris an obair a thathar a’ gabhail dèanamh sa chruth ealain.”

Bu chòir sin a bhith a’ gabhail a-steach aithne gu leòr air buidhnean cultarail aig ìre coimhearsnachd, gu sònraichte ann an sgìrean dùthchail agus iomallach, agus an comas a bhith a’ nochdadh nan seòrsaichean ghnìomhachd a tha na coimhearsnachdan aca ag iarraidh. Bidh na buidhnean sin a’ cuideachadh le bhith a’ toirt choimhearsnachdan còmhla agus a’ toirt sgilean dhaibhsan a tha an sàs ann an cultar a ghabhas cleachdadh ann an gnìomhachdan eile sa choimhearsnachd.

Tha dùbhlain mu choinneamh nam buidhnean sin a thaobh seasmhachd, gu sònraichte an fheadhainn as lugha. Tha feum air maoineachadh gu leòr gus cleasaichean, beul-aithris, sgilean agus eòlas a ghlèidheadh. Dh’fhaodadh gun cuideachadh sealbh coimhearsnachd air ionadan gus slighean fhosgladh gu maoineachadh calpa.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

 

Co-chomhairleachadh Poblach: Dreachd Ùr den Stiùireadh air Deasachadh Phlanaichean Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air dreachd ùr den stiùireadh air deasachadh phlanaichean Gàidhlig ullachadh agus tha sinn airson ur beachdan fhaighinn air an dreachd seo mus tèid fhoillseachadh agus a chur an gnìomh gu h-oifigeil.

Chaidh an stiùireadh seo ullachadh fo earrainn 8 de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 (“An Achd 2005”) agus tha e a’ dol an àite a’ chiad stiùireadh a chaidh fhoillseachadh ann an 2007.

Tha sinn air ceisteachan ullachadh gus beachdan a chruinneachadh air an dreachd den stiùireadh, a tha ri lorg aig bonn an duilleig seo. Fon Achd 2005, feumar co-chomhairleachadh a chumail airson co-dhiù 3 mìosan air an stiùireadh, agus mar sin thèid an co-chomhairleachadh seo a chumail bho Diardaoin 10mh Lùnastal 2023 gu 5f Dihaoine 10mh Samhain 2023.

Aon uair ’s gun tèid na beachdan a chruinneachadh agus gu bheil sinn air ealla a ghabhail riutha, ullaichidh sinn dreachd ùr den stiùireadh a thèid a chur gu Ministearan na h-Alba airson aonta.

Aon uair ’s gun tèid an stiùireadh aontachadh, foillsichidh sinn an stiùireadh ùr.

Bu mhath leinn taing a thoirt dhuibh ro-làimh airson a bhith a’ gabhail pàirt sa cho-chomhairleachadh seo agus airson ur cuideachaidh le bhith a’ dealbh sgrìobhainn a bhios na goireas fìor chudromach, airson iomadh bliadhna, don iomairt gus àrd-amas a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig 2018-23 a choileanadh – gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean.

Faodar an dreachd stiùireadh a leughadh an seo.

Tha an co-chomhairleachadh poblach seo air tighinn gu crìoch.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security