Co-chomhairleachadh Poblach: Ùrachaidhean don Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ moladh gun tèid an Stiùireadh Reachdail air Foghlam Gàidhlig ùrachadh agus tha e a’ sireadh fios air ais mun dreachd seo mus tèid fhoillseachadh gu h-oifigeil agus mus tèid aontachadh.

Tron cho-chomhairleachadh, cruinnichidh Bòrd na Gàidhlig beachdan luchd-ùidh air an Stiùireadh Reachdail ùraichte airson foghlam Gàidhlig.

Dh’fhaodte gun atharraich an Stiùireadh às dèidh do dh’achdachadh nam Bilean seo a tha Pàrlamaid na h-Alba a’ sgrùdadh an-dràsta:

Dè th’ anns an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig?

Tha an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig air ullachadh le Bòrd na Gàidhlig fo Earrann 9 de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus tha dà phàirt ann.  Ann am Pàirt 1 tha stiùireadh ann a tha gu sònraichte co-cheangailte ri Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 agus mu phròiseas nan tagraidhean airson foghlam bun-sgoile tron Ghàidhlig (FBG) agus an dleastanas a th’ air ùghdarrasan foghlaim gus taic a thoirt do dh’fhoghlam Gàidhlig agus a chur air adhart.  Ann am Pàirt 2 tha stiùireadh a bharrachd ann co-cheangailte ri mar a thèid foghlam Gàidhlig a lìbhrigeadh ann an sgoiltean.

Tha an co-chomhairleachadh seo a’ buntainn ri Pàirt 2 a-mhàin.

Carson a tha an lèirmheas seo a’ tachairt?

Tha an lèirmheas ag amas air an Stiùireadh làithreach a neartachadh, a’ toirt seachad mìneachadh air na diofar eileamaidean ann am foghlam Gàidhlig ann an Alba agus a’ toirt seachad stiùireadh gus dòigh lìbhrigidh chunbhalach a stèidheachadh. Feumar cuideachd dèanamh cinnteach gu bheil an Stiùireadh fhathast buntainneach agus iomchaidh agus gu bheil an t-susbaint farsaing agus soilleir don a h-uile neach-ùidh. Tha e na thargaid foghlaim ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28 gun tèid “an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig ath-sgrùdadh agus an uair sin thèid a bhrosnachadh gu farsaing taobh a-staigh saoghal foghlam na h-Alba gus dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile duine a tha an sàs ann am FtG a’ cumail ris na prionnsabalan ann.”

Com-pàirteachadh ron cho-chomhairleachadh

Chuir Bòrd na Gàidhlig Buidheann Fòcais Nàiseanta air bhonn air an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig agus chaidh coinneamh a chumail san Dùbhlachd 2022  gus beachdachadh air na prìomh chuspairean. Chaidh clàr a chuir ri chèile le geàrr-chunntas air na diofar chuspairean agus de na molaidhean a chaidh a comharrachadh le buidhnean fòcais. Chaidh seo a chuairteachadh gu riochdairean aig Foghlam Alba, Riaghaltas na h-Alba, Comann nam Pàrant agus Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu airson tuilleadh beachdachaidh.

Sgrìobhainnean co-cheangailte ris a’  cho-chomhairle seo;

  1. An tionndadh làithreach den Stiùireadh Reachdail air Foghlam Gàidhlig air fad
  2. An tionndadh ùr a thathar a’ moladh den Stiùireadh Reachdail
  3. An tionndadh ùr a thathar a’ moladh den Stiùireadh Reachdail le atharrachaidhean tracaichte (Beurla a-mhàin)

Tha sinn air suirbhidh a chruthachadh gus beachdan a chruthachadh mu na h-atharrachaidhean a thathar a’ moladh agus gheibhear aig bonn na duilleige seo i.

Às dèidh na co-chomhairle

Nuair a tha sinn air na beachdan uile a chruinneachadh agus air beachdachadh orra, cuiridh sinn crìoch air an dreach sgrìobhainn stiùiridh a thèid a chur gu Ministear na h-Alba airson aonta an uair sin.

Tha sinn ag amas air an fhreagairt againn fhoillseachadh sa Chèitean 2025, a’ gabhail a-steach geàrr-chunntas air na beachdan a fhuaireadh.  Nuair a tha an stiùireadh air aontachadh, foillsichidh Bòrd na Gàidhlig an sgrìobhadh stiùiridh ùr air an làraich-lìn againn.

 

Bidh a’ cho-chomhairle seo fosgailte gu 5f,  air Diluain, 21.04.25.

Cuir freagairt a-steach tro Jotform an seo neo tron fhoirm gu h-ìosal.

Tha na ceistean ri fhaighinn ann an cruth Microsoft Word an seo, ma tha sin a dhìth.

Ma tha ceistean sam bith agaibh mun fhiosrachadh a tha ri lorg air an duilleag seo neo mun cho-chomhairleachadh fhèin, cuir fios gu oifis@gaidhlig.scot.

Taic Maoineachaidh airson Obair Choimhearsnachd

Tha Bòrd na Gàidhlig air leudachadh air an Sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd ainmeachadh, a’ tabhann chothroman maoineachaidh do phròiseactan Gàidhlig. Ann an oidhirp gus taic a thoirt do dh’iomairtean coimhearsnachd air feadh na h-Alba, bheirear maoineachadh seachad airson suas ri dà bhliadhna a-nis – a’ dùblachadh na h-ùine maoineachaidh a bh’ ann roimhe.

Is e an sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd am prìomh mhaoin aig Bòrd na Gàidhlig airson taic a chumail ri buidhnean ann a bhith lìbhrigeadh phròiseactan gus cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus àrdachadh aig ìre coimhearsnachd.

Bheir Bòrd na Gàidhlig seachad mu £100,000 gach bliadhna agus faodaidh tagraichean iarrtasan a chur a-steach airson taic suas ri £10,000 airson nam pròiseactan aca. Fosglaidh uinneag tagraidh an sgeama Dimàirt, 14 Samhain agus dùinidh e san Fhaoilleach 2024.

An-uiridh, bha Bòrd na Gàidhlig moiteil taic a thoirt do 64 pròiseactan tron sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd. Nam measg bha tabhartasan de £5,000 do Chomann Coimhearsnachd nan Eilean Siar, gus ceud bliadhna bho dh’fhalbh 1,500 à Innse Gall a Chanada, à Loch Baghasdail is Steòrnabhagh, agus cuideachd Àrd-sgoil Phort Rìgh airson taic leantainneach do dh’fhoghlam Gàidhlig.

Bha Sabhal Mòr Ostaig, Artsplay Highland, Lingo Flamingo ann an Glaschu, agus Alzheimer Scotland am measg nam buidhnean eile a fhuair buannachd bho mhaoineachadh tron sgeama.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha a’ bhuidheann againn dealasach a thaobh a bhith ag àrach cultar de dh’atharrachadh adhartach agus cumhachd sa choimhearsnachd againn. Tha sinn den bheachd le bhith a’ leudachadh ùine an tabhartais gu dà bhliadhna, gun urrainn dhuinn buaidh a thoirt air cruth-atharrachaidhean eadhon nas brìoghmhoire agus nas maireannach. Tha sinn a’ toirt cuireadh do bhuidhnean coimhearsnachd dìoghrasach an cothrom seo a ghabhail agus a bhith mar phàirt den obair seo còmhla rinn.”

Airson barrachd ionnsachadh mu sgeama thabhartasan Taic Freumhan Coimhearsnachd agus na cothroman maoineachaidh leudaichte a th’ ann, tadhailibh air duilleag fiosrachaidh an sgeama neo cuir fios gu Bòrd na Gàidhlig aig tabhartas@gaidhlig.scot.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security