Tha Bòrd na Gàidhlig a’ moladh gun tèid an Stiùireadh Reachdail air Foghlam Gàidhlig ùrachadh agus tha e a’ sireadh fios air ais mun dreachd seo mus tèid fhoillseachadh gu h-oifigeil agus mus tèid aontachadh.
Tron cho-chomhairleachadh, cruinnichidh Bòrd na Gàidhlig beachdan luchd-ùidh air an Stiùireadh Reachdail ùraichte airson foghlam Gàidhlig.
Dh’fhaodte gun atharraich an Stiùireadh às dèidh do dh’achdachadh nam Bilean seo a tha Pàrlamaid na h-Alba a’ sgrùdadh an-dràsta:
Dè th’ anns an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig?
Tha an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig air ullachadh le Bòrd na Gàidhlig fo Earrann 9 de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus tha dà phàirt ann. Ann am Pàirt 1 tha stiùireadh ann a tha gu sònraichte co-cheangailte ri Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 agus mu phròiseas nan tagraidhean airson foghlam bun-sgoile tron Ghàidhlig (FBG) agus an dleastanas a th’ air ùghdarrasan foghlaim gus taic a thoirt do dh’fhoghlam Gàidhlig agus a chur air adhart. Ann am Pàirt 2 tha stiùireadh a bharrachd ann co-cheangailte ri mar a thèid foghlam Gàidhlig a lìbhrigeadh ann an sgoiltean.
Tha an co-chomhairleachadh seo a’ buntainn ri Pàirt 2 a-mhàin.
Carson a tha an lèirmheas seo a’ tachairt?
Tha an lèirmheas ag amas air an Stiùireadh làithreach a neartachadh, a’ toirt seachad mìneachadh air na diofar eileamaidean ann am foghlam Gàidhlig ann an Alba agus a’ toirt seachad stiùireadh gus dòigh lìbhrigidh chunbhalach a stèidheachadh. Feumar cuideachd dèanamh cinnteach gu bheil an Stiùireadh fhathast buntainneach agus iomchaidh agus gu bheil an t-susbaint farsaing agus soilleir don a h-uile neach-ùidh. Tha e na thargaid foghlaim ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28 gun tèid “an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig ath-sgrùdadh agus an uair sin thèid a bhrosnachadh gu farsaing taobh a-staigh saoghal foghlam na h-Alba gus dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile duine a tha an sàs ann am FtG a’ cumail ris na prionnsabalan ann.”
Com-pàirteachadh ron cho-chomhairleachadh
Chuir Bòrd na Gàidhlig Buidheann Fòcais Nàiseanta air bhonn air an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig agus chaidh coinneamh a chumail san Dùbhlachd 2022 gus beachdachadh air na prìomh chuspairean. Chaidh clàr a chuir ri chèile le geàrr-chunntas air na diofar chuspairean agus de na molaidhean a chaidh a comharrachadh le buidhnean fòcais. Chaidh seo a chuairteachadh gu riochdairean aig Foghlam Alba, Riaghaltas na h-Alba, Comann nam Pàrant agus Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu airson tuilleadh beachdachaidh.
Sgrìobhainnean co-cheangailte ris a’ cho-chomhairle seo;
- An tionndadh làithreach den Stiùireadh Reachdail air Foghlam Gàidhlig air fad
- An tionndadh ùr a thathar a’ moladh den Stiùireadh Reachdail
- An tionndadh ùr a thathar a’ moladh den Stiùireadh Reachdail le atharrachaidhean tracaichte (Beurla a-mhàin)
Tha sinn air suirbhidh a chruthachadh gus beachdan a chruthachadh mu na h-atharrachaidhean a thathar a’ moladh agus gheibhear aig bonn na duilleige seo i.
Às dèidh na co-chomhairle
Nuair a tha sinn air na beachdan uile a chruinneachadh agus air beachdachadh orra, cuiridh sinn crìoch air an dreach sgrìobhainn stiùiridh a thèid a chur gu Ministear na h-Alba airson aonta an uair sin.
Tha sinn ag amas air an fhreagairt againn fhoillseachadh sa Chèitean 2025, a’ gabhail a-steach geàrr-chunntas air na beachdan a fhuaireadh. Nuair a tha an stiùireadh air aontachadh, foillsichidh Bòrd na Gàidhlig an sgrìobhadh stiùiridh ùr air an làraich-lìn againn.
Bidh a’ cho-chomhairle seo fosgailte gu 5f, air Diluain, 21.04.25.
Cuir freagairt a-steach tro Jotform an seo neo tron fhoirm gu h-ìosal.
Tha na ceistean ri fhaighinn ann an cruth Microsoft Word an seo, ma tha sin a dhìth.
Ma tha ceistean sam bith agaibh mun fhiosrachadh a tha ri lorg air an duilleag seo neo mun cho-chomhairleachadh fhèin, cuir fios gu oifis@gaidhlig.scot.