Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig: Aithisg do Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas is na h-Eaconamaidh
Anns a’ Mhàrt 2022, ghairm Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas is na h-Eaconamaidh Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha (a’ Bhuidheann) le amas Gàidhlig a neartachadh tro fhòcas air cothroman eaconamach is an eaconamaidh a neartachadh tro bhith a’ dèanamh làn-fheum de na cothroman a th’ ann a thaobh na Gàidhlig. Tha a’ Bhuidheann air aithisg fhoillseachadh madainn an-diugh a tha a’ mìneachadh a’ cho-theacsa anns an do dh’obraich a’ Bhuidheann, cuid de na dùbhlain mu choinneamh na Gàidhlig is cuideachd na deagh chothroman a th’ ann son toraidhean sòisealta, eaconamach, cultarail, is foghlaim maith.
Tha an aithisg slàn ri lorg ann an Gàidhlig agus Beurla air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba agus faodar a leughadh an seo.
Mar phàirt den phròiseas, choinnich Bòrd na Gàidhlig leis a’ bhuidhinn dà thuras agus chuir sinn pàipear a-steach as dèidh làimh, ag aithris agus a’ toirt beachd air cùram-chloinne, slàinte is cùram sòisealta, turasachd, foghlam agus fastadh thidsearan, taigheadas, agus raon de chùisean eile a tha a’ toirt buaidh air a’ Ghàidhlig ann an Alba san latha an-diugh. Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd air am pàipear seo fhoillseachadh airson a leughadh an seo.
Nuair a chaidh an aithisg fhoillseachadh, thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:
“Tha sinn a’ cur fàilte air aithisg na Buidhne-obrach Beatha Ghoirid air Cothroman Eaconamach is Sòisealta airson na Gàidhlig do Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas agus na h-Eaconamaidh. Tha e a’ sealltainn na ceanglaichean gu soilleir eadar cothroman eaconamach a tha an cànan a’ cruthachadh agus na h-atharrachaidhean a tha dhìth gus a’ Ghàidhlig a dhìon agus gus fàs a thoir oirre. Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd a’ cur fàilte air mar a tha a’ bhuidheann ag aithneachadh gu bheil feum air maoineachadh a bharrachd gus iomairtean ùra agus leasachadh poileasaidh Gàidhlig a thoirt air adhart agus gu bheil e na phàirt chudromach den Ro-innleachd Nàiseanta airson Cruth-atharrachadh Eaconamach. Bha sinn toilichte fianais a thoirt dhan Bhuidhinn mu ghrunn diofar raointean poileasaidh.
“Tha an aithisg seo a’ cur an cèill gu làidir gum feumar coimhearsnachdan traidiseanta luchd-labhairt na Gàidhlig a chumail suas agus fàs a thoirt orra. Tha seo a’ co-thaobhadh ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig a tha a’ cur cuideam air na dùbhlain dheamografach a tha mu choinneamh choimhearsnachdan eileanach agus dùthchail. Tha iad sin a’ gabhail a-steach dìth taigheadais, àireamh an t-sluaigh aig aois obrach, droch cheanglaichean còmhdhail agus dùbhlain shòisealta agus tha e a’ tabhann raon de dh’fhuasglaidhean. Tha e cuideachd ag aithneachadh àite nan coimhearsnachdan bailteil, agus cho cudromach ’s a tha iad, ann a bhith a’ cur ri àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig agus ri cleachdadh a’ chànain.
“Tha dealas aig Bòrd na Gàidhlig a bhith a’ co-obrachadh gus cuideachadh le bhith a’ buileachadh nam molaidhean seo agus gus atharrachadh buannachdail a thoirt air adhart.”