Bòrd na Gàidhlig moiteil a bhith a’ foillseachadh suaicheantas ùr dhan Ghàidhlig – #cleachdi – aig Mòd Ghlaschu 2019
Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ foillseachadh iomairt ùr aig Mhòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2019 an-diugh gus luchd na Gàidhlig a bhrosnachadh gus sealltainn dhan t-saoghal gu bheil iad moiteil gu bheil a’ Ghàidhlig aca.
Thathar a’ brosnachadh luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig gus an taga-hais #cleachdi – no #useit a cleachdadh nuair a tha iad a’ conaltradh le daoine eile gu pearsanta, air na meadhanan sòisealta, air eàrr-sgrìobhaidhean puist-d no air na làraichean-lìn aca.
Faodaidh iad taic a chumail ris an iomairt cuideachd le bhith a’ cur nan samhlaidhean orra fhèin air lainneardan, baidsean no stiocairean, no le bhith a’ cur postair suas san taigh no àite-obrach gus sealltainn gu bheil iad moiteil gu bheil a’ Ghàidhlig aca.
Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig “Tha Bòrd na Gàidhlig fìor thoilichte a bhith a’ cur na h-iomairt ùir seo air adhart aig a’ Mhòd. Tha barrachd is barrachd dhaoine airson Gàidhlig a chleachdadh is ionnsachadh agus tha an iomairt seo na dhòigh mhath fhurasta gus barrachd dhaoine a bhrosnachadh gus Gàidhlig a chleachdadh ann am barrachd shuidheachaidhean.
“Bidh sinne aig Bòrd na Gàidhlig am measg na feadhainn aig a bheil an cànan a nochdas ri càch gu moiteil gu bheil Gàidhlig againn. Tha sinn a’ smaoineachadh gur e #cleachdi an dòigh as fheàrr gus seo a dhèanamh. Mar sin, canaidh sinn #cleachdi agus cuiridh sinn a’ Ghàidhlig air a’ mhapa gu soilleir.
Tha an iomairt ùr #cleachdi coltach ris an sgeama ‘Iaith Gwaith’ (Cuimris san Àite-obrach) anns a’ Chuimrigh a tha ga chleachdadh sa Chuimris gus sealltainn gu bheil seirbheis ri faighinn sa chànan. Gus an taic a nochdadh airson #cleachdi, tha Coimiseanair na Cuimris Aled Roberts air tighinn dhan Talla Consairt Rìoghail ann an Glaschu gus a thaic phearsanta a nochdadh.
Thuirt Mgr Roberts: “tha Iaith Gwaith gu math stèidhichte anns a’ Chuimrigh a-nis agus tha e na dheagh ghoireas airson luchd-ionnsachaidh, gnìomhachasan agus carthannasan. Anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, tha e air fàs agus thathar ga chleachdadh ann an dòighean nas fharsainge ann an dòighean bho chompanaidh einnseanaireachd a chruthaich stiocairean vinyl air adan-dìona gu magnatan airson leapannan ann an osbadalan airson sealltainn dè na h-euslaintich a tha ag iarraidh cùram tron Chuimris.
“Tha e sìor fhàs nas treasa sa Chuimrigh agus tha mi a’ dèanamh fiughar ri cur air bhog sgeama na h-Alba aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Tha mi cinnteach gum bi an aon deagh bhuannachd aig #cleachdi air a’ Ghàidhlig agus luchd na Gàidhlig.”
Tha Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HIE) agus Visit Scotland, com-pàirtichean aig Bòrd na Gàidhlig a’ cumail taic ris an iomairt cuideachd agus bha Stiùiriche Leasachaidh Gnìomhachas agus Àiteachan VisitScotland, Riddell Graham an làthair aig an Talla Consairt Rìoghail.
A rèir Mgr Graham: “Tha ar làn taic ri iomairt sgoinneil #cleachdi agus bidh sinn a’ gabhail pàirt gnìomhach ann far an urrainn dhuinn. ’S e a’ Ghàidhlig cànan stèidheachaidh na h-Alba agus chan urrainn cuideam gu leòr a chur air cho cudromach ’s a tha i dhan chànan agus fèin-aithne againn.
“Tha e ro-chudromach gum bi tursan air leth aig daoine ann an Alba agus gum bi seo a rèir nan iarrtasan aig consiumairean, a tha a’ daonnan ag atharrachadh, agus dh’fhaodadh Gàidhlig a bhith na prìomh eileamaid ann an turasachd na h-Alba.”
“Mar a tha am Mòd a’ sealltainn cho soilleir, tha Gàidhlig air a fighe a-steach dhan dualchas chiùil againn, agus tha i air tighinn a-steach dhan phop-chultar againn mar thoradh air an t-sreath TBh fìor shoirbheachail Outlander. Tha sinn a’ creidsinn gun lean i oirre mar stòras airson dearbh-aithne na h-Alba agus gun glac i mac-meanmna nan Albannach aig baile agus air feadh an t-saoghail.”
A rèir Raghnaid NicCoinnich aig HIE, “Tha sinn air ar dòigh glan gun deach an suaicheantas ‘#cleachdi’ agus an iomairt cheangailte a chur air bhog. Tha taic dhan Ghàidhlig aig cridhe an raoin-ùghdarrais againn airson leasachadh sòisealta is eaconomach air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan agus tha e ro chudromach mar phàirt de seo gun tog sinn air mar a thathar a’ cleachdadh na Gàidhlig gus cur ri a luach eaconomach agus sòisealta, an dà chuid sna coimhearsnachdan agus sna h-àiteachan-obrach againn.
Tha sinn a’ dèanamh fiughar ri bhith ag obair còmhla ri Bòrd na Gàidhlig agus com-pàirtichean eile gus faighinn a-mach mar as urrainn dhuinn an suaicheantas seo a chleachdadh barrachd anns na cothroman eaconamach is sòisealta againn. Cuidichidh an iomairt chumhachdach seo gus a’ choimhearsnachd againn aonachadh agus bi e na lòchran cuideachd airson daoine a tha airson com-pàirteachadh leis a’ chànan.
Nuair a tha an sgaoileadh tòiseachail den t-suaicheantas a’ dol air adhart, faodaidh buidheann sam bith san roinn phoblaich aig a bheil luchd-obrach Gàidhlig foirm-òrduigh a luchdadh a-nuas bho Bhòrd na Gàidhlig airson suas ri 10 lainneardan, 10 baidsean, 10 postairean A5 agus 20 stiocair. Airson òrdughan nas motha, faodaidh iad fios a chur gu Bòrd na Gàidhlig gu dìreach air on 01463 225454 no tron phost-d aig fios@gaidhlig.scot.
Faodar lethbhreac den phostair, suaicheantas agus eàrr-sgrìobhadh puist-d a luchdadh a-nuas aig a’ cheangal seo https://gaidhlig.scot/the-cleachdi-initiative/ Cùm sùil a-mach airson na h-iomairt #cleachdi tro Mhòd na bliadhna seo, a bhios air a chraoladh air BBC Alba agus BBC Scotland.