Bòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba a’ foillseachadh Plana Nàiseanta Gàidhlig 2023-28
Chaidh Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28 (“am Plana”) fhoillseachadh le Bòrd na Gàidhlig an-diugh (21.12.23), a’ soillseachadh na slighe a dh’ionnsaigh àm ri teachd far am bi leudachadh a ghabhas tomhas san àireimh dhaoine a bhios a’ bruidhinn, ag ionnsachadh, a’ cleachdadh agus a’ toirt taic dhan Ghàidhlig.
Tha am Plana seo a’ cur an cèill far a bheil ceumannan a dhìth gus a’ Ghàidhlig a neartachadh ann an Alba. Tha e mar bhun-stèidh do mhiann Riaghaltas na h-Alba barrachd aithne a bhith aig a’ chànan agus gus fàs is leasachadh a thoirt air àite na Gàidhlig ann an Alba.
Tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 (“Achd 2005”) a’ cur uallach air Bòrd na Gàidhlig Plana Nàiseanta Gàidhlig ullachadh agus a chur a-steach le molaidhean co-cheangailte ri cleachdadh agus adhartachadh na Gàidhlig le fòcas air feumalachdan agus prìomhachasan na Gàidhlig airson a luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh agus luchd-taic.
Ged a tha an Achd a’ toirt air Bòrd na Gàidhlig am Plana ullachadh, tha an t-uallach airson adhartas a dhèanamh leis na h-amasan is targaidean air grunn ùghdarrasan, bhuidhnean agus choimhearsnachdan, agus mar sin tha foillseachadh a’ phlana seo cudromach airson buidhnean Gàidhlig agus oifigearan leasachaidh Gàidhlig agus an cuid obrach thairis air an ath 5 bliadhna.
A’ cur fàilte air a’ phlana, thuirt Jenny Gilruth, Rùnaire a’ Chabineit airson Foghlam agus Sgilean:
“Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur fàilte air foillseachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Tha am Plana seo a’ toirt dhuinn nam prìomhachasan agus targaidean a dh’fheumar gus barrachd adhartais a dhèanamh leis a’ Ghàidhlig ann an Alba.
“Tha sinn ag aithneachadh gum faod agus gu bheil diofar ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach a’ cur gu mòr ri taic dhan Ghàidhlig agus cuidichidh na prìomhachasan sa Phlana seo gus fòcas a thoirt air na geallaidhean co-roinnte sin. Tha am Plana seo cuideachd a’ tighinn aig àm cudromach às dèidh Bile nan Cànan Albannach a bhith air a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba.
“Tha mi misneachail gun cuir am Plana seo ri adhartachadh leantainneach na Gàidhlig ann an Alba oir tha e na dheagh chothrom airson co-obrachadh gus taic a thoirt dhan Ghàidhlig.”
Tha dùbhlain agus cothroman nach beag mu choinneamh na Gàidhlig aig an àm seo. Tha grunn Phrìomh Amasan sa Phlana a bharrachd air Raointean Prìomhachais agus Targaidean nas sònraichte, a tha ag amas air aghaidh a thoirt air na dùbhlain sin, a’ brosnachadh barrachd cleachdadh agus ionnsachadh den Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan, dachaighean, gnìomhachasan cruthachail, gnìomhachasan, ùghdarrasan poblach agus foghlam.
Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:
“Tha am plana còig bliadhna air tighinn às dèidh pròiseas co-chomhairleachaidh farsaing le daoine fa leth, coimhearsnachdan, buidhnean Gàidhlig, buidhnean saor-thoileach, agus ùghdarrasan poblach. Seo an ceathramh plana de a leithid a chaidh a dheasachadh le Bòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann phoblach le uallach airson a bhith a’ brosnachadh agus a’ leasachadh na Gàidhlig ann an Alba, agus tha e a’ mìneachadh mar a bu chòir oifigearan Gàidhlig agus buidhnean Gàidhlig a bhith ag amas air coinneachadh ris na dùbhlain agus na cothroman a tha mu choinneamh a’ chànain san latha an-diugh.”