Bòrd na Gàidhlig ag obair ann an com-pàirt gus Bliadhna na h-Òigridh a chomharrachadh
Tha e air a bhith na thoileachas do Bhòrd na Gàidhlig, mar phàirt de Bhliadhna na h-Òigridh 2018 ann an Alba, cothroman a ghabhail airson a bhith ag obair air feadh na bliadhna còmhla ri grunn bhuidhnean nàiseanta agus coimhearsnachd gus cur ri cleachdadh na Gàidhlig gu nàiseanta. Mar thoradh air a’ cho-obrachadh sin, chaidh luchd-labhairt òga na Gàidhlig fhastadh ann an dreuchdan aig diofar bhuidhnean nàiseanta is coimhearsnachd gus cur ris an obair a nì na buidhnean sin leis a’ Ghàidhlig agus gus ìomhaigh a’ chànain a thogail gu nàiseanta agus ann an coimhearsnachdan ionadail.
Am measg nan daoine òga sin tha Shona Nic a’ Mhaoilein, a chaidh fhastadh mar Oifigear Leasachaidh Gàidhlig san t-Sultain aig Urras Oighreachd Ghabhsainn, a tha fo shealbh na coimhearsnachd agus a tha stèidhichte ann an Nis ann an Leòdhas sna h-Eileanan an Iar. Tha Shona, a bhuineas do Chàrlabhagh ann an Leòdhas, ag obair còmhla ri buidhnean is gnothachasan ionadail gus an cuideachadh le bhith a’ cleachdadh Gàidhlig san obair làitheil aca agus gus an cànan a neartachadh is a thoirt air adhart agus airson cothroman a chomharrachadh gus obair chom-pàirteach a chur air dhòigh.
Thuirt Agnes Rennie Cathraiche Urras Oighreachd Ghabhsainn “Chan eil teagamh nach e fìor dheagh naigheachd a th’ann samhail Shona tighinn air bòrd an sgioba againn aig UOG. Tha an dreuchd seo co-mhaoinichte le Bòrd na Gàidhlig, HIE agus Urras Oighreachd Ghabhsann agus tha e na phàirt chudromach dhan fheallsanachd aig an Urrais a thaobh cuir luach anns a chànan agus cultar sgìre an oighreachd”
Thuirt Shona Nic a’ Mhaoilean “ Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri gnìomhachasan agus buidhnean anns an coimhearsnachd ionadail airson ìomhaigh na Gàidhlig a thogail”
Tha Ruairidh Hamilton, à Dùn Èideann ag obair aig Young Scot, a’ bhuidheann-charthannais òigridh nàiseanta a bhios a’ toirt seachad fiosrachadh agus a’ cur iomairtean air dòigh a thaobh chùisean saoranachd. Bidh a’ bhuidheann a’ toirt fiosrachadh is molaidhean do dh’òigridh, aois 11-26, agus a’ cur iomairtean air dòigh gus an cuideachadh a bhith nan saoranaich mhisneachail, fhiosraichte agus ghnìomhach.
Tha Steaphanaidh Chaimbeul, à Caol Loch Aillse, ag obair airson a’ phròiseict, An Àirigh, ann an Gleann Srath Farair, faisg air a’ Mhanachainn air Gàidhealtachd na h-Alba. Tha An Àirigh a’ tabhann thurasan do sgoiltean agus greisean-còmhnaidh, làithean-saora, cothroman gus obair shaor-thoileach a dhèanamh agus sgoil-àraich a-muigh do chloinn aois 3 gu 5, agus bidh Steaphanaidh a’ toirt seachad cothroman ionnsachaidh a-muigh ann an Gàidhlig agus a’ cuideachadh leis na cothroman ionnsachaidh Gàidhlig san fharsaingeachd a gheibhear aig An Àirigh.
As t-samhradh, bha Coinneach MacFhraing air fhastadh aig Urras Mhuc-mara nan Eilean buidheann-charthannais glèidhteachas mara stèidhichte ann am Muile a bhios a’ toirt na h-obrach aca gu buil tro phrògram de rannsachadh is foghlam, aig a bheil cliù eadar-nàiseanta, san Ionad Fhiosrachaidh air bòrd a’ bhàta aca, Silurian, agus tro bhith a’ tadhal air sgoiltean air feadh nan Eileanan A-muigh is A-staigh. Mar phàirt den obair aig Coinneach, bha aige ri leudachadh a dhèanamh air prògram foghlaim an Urrais gus an ghabhadh a lìbhrigeadh do sgoilearan ann am foghlam tron Ghàidhlig, agus bha e cuideachd a’ toirt bhùithtean-obrach seachad aig muir agus a’ stiùireadh obair-faire air tìr agus a’ cur thachartasan coimhearsnachd air dòigh.
Ann an co-bhuinn ri Alba Chruthachail, tha am Bòrd air taic a thoirt do ghreisean-trèanaidh do dhaoine ann an dreuchdan cruthachail aig An Lanntair ann an Steòrnabhagh agus Taigh Chearsabhagh ann an Uibhist a Tuath. Tha na dreuchdan sin ann gus taic a thoirt do bhuidhnean ealain/cruthachail le bhith cur ris an obair chruthachail a nì iad ann an Gàidhlig.
’S e Calum Friseal (24) an neach-trèanaidh aig An Lanntair. Tha Calum air fhastadh mar Neach-obrach Prògram nan Ealain Cleasachd fo Thrèanadh agus mar phàirt den dreuchd aige bidh e ag obair leis a’ Bhòrd Òigridh ùr aig An Lanntair agus sgioba a’ phrògraim gus cuideachadh le prògram cruthachail An Lanntair.
Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn fìor thoilichte gum b’ urrainn dhuinn cuideachadh le bhith a’ comharrachadh Bliadhna na h-Òigridh ann an Alba agus gum b’ urrainn dhuinn taic mhath a thoirt do dhiofar phròiseactan a tha a’ fastadh dhaoine òga le Gàidhlig. Tha sinn gu làidir den bheachd, gum faigh na daoine òga uile, na fastaichean aca agus na coimhearsnachdan far a bheil iad ag obair buannachdan às an taic bhon Bhòrd sa gheàrr-ùine agus thar ùine nas fhaide agus gun dèan e feum dhan Ghàidhlig fhèin airson nam bliadhnaichean ri thighinn.”