Bòrd na Gàidhlig a’ toirt freagairt air mapa-slighe na h-Alba
Thug Bòrd na Gàidhlig fiosrachadh cudromach do Riaghaltas na h-Alba an-diugh (Dihaoine 22 Cèitean) air na dh’fheumar dèanamh gus a’ Ghàidhlig a dhìon ann an suidheachadh COVID-19 agus mu na cothroman a bheir an cànan is cultar do dh’Alba agus an dùthaich a’ tighinn a-mach à glasadh-sìos. Tha na beachdan stèidhichte air còmhraidhean le buidhnean Gàidhlig eadar-dhealaichte, ag obair ann an com-pàirteachas.
Tha an fhreagairt a’ mìneachadh nam prìomh dùbhlan a tha mu choinneamh na Gàidhlig an-dràsta agus cuideachd na buannachdan is cothroman a bheir an cànan do dh’Alba agus sinn ag obair a dh’ionnsaigh ‘an àbhaistich ùir’.
Tha dòighean-lìbhrigidh foghlam tron Ghàidhlig (FtG) air aon de na puingean as cudromaiche, le iarrtas airson aithne shònraichte airson FtG sna mìosan a tha romhainn. Cuideachd, a’ togail air rannsachadh aig Oilthigh Chill Rìmhinn, tha am Bòrd a’ sireadh dìon airson nan coimhearsnachdan far a bheil a’ Ghàidhlig na cànan làitheil.
Cuideachd, tha iomradh air an iomadh buannachd a tha a’ Ghàidhlig a’ toirt do dh’Alba is air na cothroman a tha na lùib. Tha an fhreagairt a’ togail air a’ bheairteas chultarail aig a’ Ghàidhlig, mar a tha i a’ cur ri ionnsachadh is leasachadh sgilean, a’ neartachadh choimhearsnachdan agus a’ cur ris an eaconamaidh. Tha cothroman ùra ann le leasachaidhean turasachd agus an eaconamaidh dhidseatach a bhiodh gu sònraichte iomchaidh do na h-eileanan is do sgìrean dùthchail.
Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, “Tha sinn air a bhith ann an conaltradh le iomadh buidheann mu dheidhinn an t-suidheachaidh aca an-dràsta agus tha sinn cuideachd mothachail air na h-iomairtean a tha an Riaghaltas is eile a’ cur air dòigh. Tha e deatamach gun tèid aithne a thoirt dhan Ghàidhlig nuair a tha sinn a’ gluasad air adhart agus tha sinn toilichte taic sam bith a bharrachd a thoirt dhan Riaghaltas leis na h-iomairtean aca.”
Thuirt Art MacCarmaig, Ceannard Fèisean nan Gàidheal, “Tha luchd-ealain na Gàidhlig air togail a thoirt do dhaoine aig àm a th’ air a bhith fìor dhùbhlanach le duilgheadasan aig gu leòr aca cosnadh a dhèanamh. Tha oidhirpean air a bhith ann taic a chumail riutha rè na h-ama seo, ach bidh ùine ann fhathast mus faigh iad cothroman cosnaidh cunbhalach a-rithist. Tha dualchas na Gàidhlig cudromach don eaconamaidh. Tha cosnaidhean na lùib agus ‘s e a tha a’ brosnachadh ùidh mhòr a-measg luchd-turais, mar eisimpleir, tadhal air Alba.”
Thuirt Ailean Dòmhnullach, Cathraiche MG Alba, ““Tha ar taic ri Bòrd na Gàidhlig agus iad a’ cur aghaidh air prìomh cheistean a thaobh ath-shlànachadh bho shuidheachadh Covid-19 agus an dùthaich a’ tighinn a-mach às a’ ghlasadh-sìos. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun lean leasachadh eaconamach didseatach nan coimhearsnachdan againn. Tha sinn air innleachdas agus sgilean fhaicinn a tha brosnachail agus a tha ga dhèanamh soilleir gu bheil na coimhearsnachdan againn an sàs le cùisean didseatach agus gu bheil comas aca a bhith a’ lìbhrigeadh air astar. Tha seo na deagh chomharra airson fàs seasmhach ann an gnìomhachasan Gàidhlig san àm ri teachd, gu h-àraid ann an raon nam meadhanan, agus feumaidh sinn togail air seo.”
Gheibhear am fiosrachadh a chaidh do Riaghaltas na h-Alba an-seo.