Bòrd na Gàidhlig a’ tadhal air coimhearsnachdan ann an Earra-Ghàidheal is Bòd agus Loch Abar
Thadhail Bòrd na Gàidhlig air cuid de na coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheal is Bòd agus Loch Abar mar phàirt de choinneamhan a’ Bhùird a chaidh a chumail air an t-seachdain seo chaidh, 4-6 Ògmhios.
Choinnich Bòrd na Gàidhlig ri Comann nam Pàrant san Òban feasgar Dimàirt gus bruidhinn mun iarrtas, agus mun adhartas a rinn iad, airson sgoil Ghàidhlig shònraichte san sgìre. Tha a’ Bhuidheann a’ leantainn air adhart leis an iomairt aca agus rinn pàrantan agus am Bòrd còmhradh air ceuman gus an obair a thoirt air adhart.
Chaidh coinneamh coimhearsnachd neo-fhoirmeil a chumail ann an Talla a’ Chorrain oidhche Chiadain far an robh cothrom aig cuid a tha an sàs ann an Gàidhlig san sgìre coinneachadh ri Buill a’ Bhùird agus luchd-obrach. Dh’fhosgail Cathraiche Eadar-amail a’ Bhùird, Màiri NicAonghais, a’ choinneamh agus chuir i fàilte air a h-uile duine a bha an làthair agus thug Ceannard a’ Bhùird, Shona Niclllinnein, iomradh air mar a tha obair Bhòrd na Gàidhlig a’ cur ri cleachdadh na Gàidhlig san sgìre seo. An-uiridh thug am Bòrd maoineachadh de £261,886 do 23 pròiseactan eadar-dhealaichte ann an Earra-Ghàidheal is Bòd. Tha seo a’ gabhail a-steach taic maoineachaidh a chumail ri Ionad Chaluim Chille Ìle; buidhnean tràth-bhliadhnaichean ann am Bogha Mòr, Tobar Mhoire, Dùn Omhain agus san Òban cuideachd; luchd-dreuchd do dh’Iomairtean le Comunn na Gàidhlig ann an Ìle is Diùra, Muile agus an t-Òban agus cuideachd an t-oifigear ùr aig Comann nam Pàrant Nàiseanta stèidhichte san Òban; Co-òrdanaiche Ciùil is Cultair ann an Tiriodh; clasaichean Gàidhlig aig a’ Chomhairle agus pròiseact Urras Mhuc-mara nan Eilean, stèidhichte ann an Tobar Mhoire airson Oifigear Gàidhlig gus brosnachadh barrachd Gàidhlig a chleachdadh san obair aca.
A bharrachd air taic a chumail ri Ionad Chaluim Chille Ìle, tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd a’ maoineachadh Fèisean nan Gàidheal agus An Comunn Gàidhealach, dà bhuidheann eile a tha a’ cur ri cleachdadh na Gàidhlig san sgìre seo.
Bhuannaich Bun-sgoil Loch Abar an duais Ghàidhlig chliùiteach aig Duaisean Foghlaim na h-Alba am-bliadhna ann an Glaschu, a chaidh a chumail air an t-seachdain seo chaidh. Thug Bòrd na Gàidhlig taic don duais seo agus chuir iad meal-a-naidheachd air a’ Cheannard Iain Iòsaph MacNèill mun t-soirbheachadh aca.
Faodar tuilleadh fiosrachaidh mu obair is sgeamaichean maoineachaidh Bhòrd na Gàidhlig fhaicinn air an làrach-lìn aca, www.gaidhlig.scot