Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh bhuill ùra
Tha Ministearan na h-Alba ag iarraidh triùir a tha sgileil is dealasach a chur an dreuchd mar bhuill air Bòrd-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig (BnG), a’ phrìomh bhuidheann phoblach ann an Alba airson a’ chànain.
Tha BnG a’ lorg dhaoine aig a bheil na h-aon àrd-amasan ris a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig (PCNG) airson 2018-23 agus a chuireas ri slighe ro-innleachdail na buidhne agus ri bhith a’ cur amasan dùbhlanach fa a chomhair. Cuiridh buill ùra ri amasan a’ cheathraimh eagrain den PCNG, le dùil gun tèid fhoillseachadh ann an 2023.
Tha BnG gu h-àraidh a’ sireadh dhaoine aig a bheil eòlas ann an stiùireadh atharrachadh; riaghladh corporra agus tuigse air stiùireadh ionmhasail; sgilean conaltraidh corporra; planadh ro-innleachdail; a bhith ag obair le daoine eile agus le coimeas luach na buidhne a bhrosnachadh tro dhùbhlain cuideachail.
Thuirt Cathraiche Bòrd-stiùiridh BnG, Màiri NicAonghais: “Bidh na buill ùra a’ tòiseachadh aig àm dùbhlanach agus glè inntinneach leis a’ chothrom a chur ri PCNG ùr.
Bhrosnaichinn daoine aig a bheil an ùine, an t-eòlas agus an ùidh ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig maireannach san àm ri teachd anns gach coimhearsnachd, bho fheadhainn air-loidhne, bailtean no sgìrean dùthchail gus iarrtas a chur a-steach.”
Bithear an dùil gun cur buill a’ Bhùird-stiùiridh seachad trì latha gach mìos air obair BnG. Mairidh na dreuchdan mar bhuill den Bhòrd-stiùiridh airson teirm ceithir bliadhna agus math dh’fhaodte sìneadh gu dara teirm. Bidh na dreuchdan a’ tòiseachadh air 1 Giblean 2021, agus ’s e meadhan oidhche air 18 Dùbhlachd 2020 an latha mu dheireadh airson iarrtasan.
Thèid agallamhan a chumail air 27, 28 agus 29 Faoilleach 2021.
Gheibhear pasgan iarrtais agus fiosrachadh mionaideach air na dreuchdan seo agus dreuchdan poblach eile air an làraich-lìn airson dreuchdan poblach: www.appointed-for-scotland.org