Freagairt air Co-chomhairleachadh: Bile Seilbh Fearainn agus Ùidh Poblach (Alba)
Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach do cho-chomhairle poblach Bile Seilbh Fearainn agus Ùidh Poblach (Alba) le Pàrlamaid na h-Alba. San fhreagairt thuirt sinn:
Tha sinn a’ toirt taic do leasachaidhean poileasaidh a chuidicheas le ceannach fearann coimhearsnachd gu sònraichte ann an sgìrean far a bheil a’ Ghàidhlig fhathast an ìre mhath làidir. Tha Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig a’ toirt fa-near “gun toir ath-leasachaidhean, leithid sealbh fearann coimhearsnachd…buaidh air mòran de na coimhearsnachdan aig a bheil Gàidhlig agus air an adhbhar sin tha iad cudromach do…. adhartas na Gàidhlig ann an Alba”. Tha e cuideachd ag ràdh gu bheil fàs ann an sealbh fearann coimhearsnachd a’ toirt chothroman airson Gàidhlig a chleachdadh agus airson luach a’ chànain a chur am meud do luchd-labhairt.