Luchd-obrach
Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.
Structar na Buidhne
Gheibhar leth-bhreac PDF an seo.
Ceannard
Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard
Tha Ealasaid Dòmhnallach, na Ceannard air Bòrd na Gàidhlig agus thòisich i san dreuchd san t-Sultain 2023.
Tha eòlas farsaing aig Ealasaid, a bhuineas do na h-Eileanan Siar agus a tha a’ fuireach ann an Steòrnabhagh, air a bhith ag obair an dà chuid air tìr-mòr agus sna h-eileanan. Anns an dreuchd mu dheireadh aice mar Stiùiriche Ro-innleachd agus Chùisean Taobh A-muigh le MG ALBA, bha i os cionn conaltradh corporra agus luchd-ùidh. Le eòlas air a bhith ag obair san roinn phoblaich agus mar chomhairliche poileasaidh is cùisean poblach air a ceann fhèin, tha Ealasaid air a bhith aig fìor thoiseach iomadh iomairt is leasachadh gus feumalachdan luchd-labhairt na Gàidhlig a bhrosnachadh fad a cùrsa-obrach.
Stèidhichte ann an Steòrnabhagh, bidh Ealasaid ag obair gu dlùth le buill a’ Bhùird agus leis an àrd sgioba-stiùiridh, agus cuideachd le Riaghaltas na h-Alba, buidhnean poblach agus coimhearsnachdan Gàidhlig.
Sgioba Stiùiridh
Ceann an Ionmhas is Cùisean Corporra – Nicola Pearson
Mar Cheann an Ionmhais is Cùisean Corporra, tha uallach aig Nicola Pearson aig a’ cheann thall airson ionmhas, agus airson gnothaichean agus gnìomhan corporra. Mar bhall den Sgioba-stiùiridh, tha dleastanas cudromach aig Nicola a bhith a’ planadh agus a’ cumail sùil air ro-innleachd Bhòrd na Gàidhlig, tron Phlana Ionmhais Meadhan-ùine, pròiseasan buidseataidh, tro aithris agus ro-aithris ionmhasail agus tha i ag obair gus dèanamh cinnteach gum faighear an luach as fheàrr bhon Tabhartas gus Cuideachadh againn. Tha i a’ cumail taic ris an Rianadair Ionmhais ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun tèid na gnìomhan làitheil uile a chur an gnìomh le smachd ionmhasail iomchaidh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil ionmhas mar as còir agus gu bheilear a’ dealbhadh agus a’ lìbhrigeadh leasachaidhean air na siostaman agus pròiseasan far a bheil sin a dhìth; agus tha an dleastanas oirre cuideachd a bhith a’ stiùireadh pròiseas deireadh na bliadhna leis an luchd-sgrùdaidh a-muigh againn.
Tha Nicola ag obair gu dlùth le co-obraichen gus na pròiseasan ceann-gu-ceann aig coinneamhan comataidhean agus Bùird a stiùireadh gus taic a chumail ri deagh riaghladh. Tha e cuideachd na phàirt cudromach den obair aice a bhith a’ stiùireadh nan dàimhean obrach làitheil le In-sgrùdadh agus Sgrùdadh a-Muigh, a’ dèanamh cinnteach gun tèid gach moladh a chur an gnìomh mar as iomchaidh; agus a’ stiùireadh cur an gnìomh nan gnìomhan air plana leasachaidh leantainneach Bhòrd na Gàidhlig. Tha Nicola cuideachd a’ cumail taic ris a’ Mhanaidsear Ghnìomhan, aig a bheil uallach airson foincseanan corporra, a’ gabhail a-steach solar, IT agus HR.
Post-d:nicola@gaidhlig.scot
Stiùiriche Foghlaim – Jennifer McHarrie
Mar phàirt den sgioba Stiùiridh, tha Jennifer a’ cur ri ceannardas, stiùireadh ro-innleachdail, agus stiùireadh èifeachdach Bhòrd na Gàidhlig.
A’ stiùireadh raointean Foghlaim, Ionnsachadh agus Dealbhadh Cànain agus ag obair ann an com-pàirteachas le raon de luchd-ùidh a’ gabhail a-steach buidhnean nàiseanta, ùghdarrasan ionadail agus Riaghaltas na h-Alba gus na geallaidhean ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig a choileanadh.
Post-d – jennifer@gaidhlig.scot
Iain Mac a’ Mhaoilein, Stiùiriche Leasachaidh
Tha Stiùiriche Leasachaidh a’ dealbh agus a’ toirt buaidh air ro-innleachdan iomchaidh, agus a’ togail chom-pàirteachasan le daoine is buidhnean eile gus cànan is cultar na Gàidhlig a thoirt air adhart ann an coimhearsnachdan.
Post-d: iain@gaidhlig.scot
Luchd-Obrach
Manaidsear Gnìomhan – Karen nic a’ Ghobhinn
Tha aig Karen nic a’ Ghobhinn ri stiùireadh agus sùil a chumail air gnìomhan agus ri dèanamh cinnteach gu bheil gach taobh de dh’obair-gnìomh a rèir nan riaghailtean. Tha dleastanasan aice cuideachd a thaobh obair rianachd gnothachais, seirbhisean daonna, conaltradh taobh a-staigh na buidhne agus teicneòlas.
Post-d: karen@gaidhlig.scot
Manaidsear Maoineachaidh is Phròiseactan – Steven Kellow
Tha Steven Kellow a’ stiùireadh rianachd is lìbhrigeadh nan
sgeamaichean maoineachaidh is cuid de phròiseactan leasachaidh eile aig Bòrd na Gàidhlig. Tha e an sàs ann a bhith conaltradh le measgachadh de bhuidhnean Gàidhlig, buidhnean coimhearsnachd is ùghdarrasan poblaich gus taic a chumail riutha ann a bhith lìbhrigeadh phròiseactan gus Gàidhlig a chur air adhart.
Post-d:stevenk@gaidhlig.scot
Manaidsear Rannsachaidh is Planadh Corpais – Dr Peadar Morgan
Tha Dr Peadar Morgan an tùs poileasaidh is co-obrachaidh is mholaidhean a’ Bhùird air planadh corpais; ‘s e sin, cùisean a’ chànain fhèin mar chainnt, leithid briathrachas is gràmar is litreachadh is ainmean.
‘S e pàirt mòr dhen t‑saothair aige, dàta air sluagh is foghlam is eile a tharraing ri chèile agus a thaisbeanadh ann an clàir is grafaichean is mapaichean gus an suidheachadh aig a’ Ghàidhlig a chur an cèill dhan phoball agus – ann am mionaideachd – do luchd poileasaidh is riaghlaidh.
Airson eòlas ceart air cor na Gàidhlig, bidh luchd-rannsachaidh a’ dèanamh sgrùdadh do Bhòrd na Gàidhlig an conaltradh ri Peadar. Ach a bharrachd air sin, tha tòrr ri ionnsachadh bho rannsachadh is bho chànanan eile, agus tha Peadar a’ cumail sùil air eòlas ùr eadar-nàiseanta a tha a’ nochdadh cuideachadh no cunnart dhan Ghàidhlig.
Post-d: peadar@gaidhlig.scot
Manaidsear Foghlaim – Joanne NicCoinnich
Tha uallach air a’ Mhanaidsear Foghlaim againn, Joanne NicChoinnich, a bhith a’ cuideachadh le bhith a’ dealbh agus a’ coileanadh Planaichean Corporra is Gnìomh a’ Bhùird agus a bhith a’ dèanamh cinnteach gun tèid na prìomhachasan is gnìomhan co-cheangailte ri ionnsachadh a thoirt gu buil gu h-èifeachdach.
Bidh i ag obair còmhla ri Ùghdarrasan Ionadail agus luchd-ùidh eile a tha an sàs ann am foghlam tron Ghàidhlig agus foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig gus taic a chumail ri bhith a’ toirt leasachadh is leudachadh air na raointean foghlaim sin.
Post-d: joanne@gaidhlig.scot
Oifigear Conaltraidh – Ruairidh Hamilton
Bidh Ruairidh a’ coimhead às dèidh conaltradh taobh a-staigh agus taobh a-muigh na buidhne, a’ gabhail a-steach nam meadhanan sòisealta, iarrtasan bho na meadhanan, brathan-naidheachd, tachartasan, taic do phròiseactan agus iomadh rud eile. Bidh e ag obair gu dlùthleis a’ bhuidheann air fad gus taic a thoirt seachad le iomairtean conaltraidh agus a leithid.
Post-d: ruairidh@gaidhlig.scot
Oifigear Leasachaidh Foghlam – Màiri NicIlleMhoire
‘S e Mairi Nic ‘ille Mhòire an Oifigear Foghlam agus Leasachadh againn agus tha I cumail taic le le bhith toirt gu buil ghnìomhan air ainmeachadh anns a’ phlana obrachaidh againn.
Tha Mairi ag obair comhla le iomadach neach-ùidhe airson taic a’ chumail gu h-àirigh anns an roinn Ghàidhlig Tràth bhliadhnaichean 0-3 bhliadhna. Tha Mairi a’ toirt seachad comhairle agus taic do bhuidheanan Tràth bhliadhnaichean air feadh Alba, agus a’ cumail taic do h- àireamhan cloinne a cumail a dol do Foghlam tron Ghàidhlig.
Post-d:mairit@gaidhlig.scot
Oifigear Gèillidh – Carol NicIain
Bidh Carol NicIain a’ coimhead às dèidh rianachd air siostaman fàidhlidh dealanach agus fiosaigeach, a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad nua-aimsireil agus air an cumail suas a rèir dleastanasan fon Phlana Rianachd Chlàran, Dìon Dàta, Saorsa Fhiosrachaidh agus GDPR.
Post-d: carol@gaidhlig.scot
Oifigear Phlanaichean – Anna Walker
Mar aon de na h-Oifigearan Phlanaichean Cànain aig Bòrd na Gàidhlig, tha uallach air Anna Walker a bhith a’ toirt taice, comhairle agus iùil d’ ùghdarrasan poblach tron phròiseas reachdail ann a bhith a’ leasachadh agus a’ foillseachadh nam planaichean Gàidhlig aca.
Bidh i cuideachda’ toirt taice do phròiseas Bòrd na Gàidhlig airson sgrùdadh a dhèanamh air buileachadh planaichean Gàidhlig agus tha iad a’ toirt comhairle do na h-ùghdarrasan poblach a tha a’ cur na planaichean Gàidhlig aca ann an gniomh.
Post-d: anna@gaidhlig.scot
Oifigear Phlanaichean – Christy Ghreumach
Tha uallach air Oifigear Planaichean Cànain, Chirsty Ghreumach, a bhith a’ comhairleachadh agus a’ toirt stiùireadh gu ùghdarrasan poblach tron phròiseas reachdail ann a bhith a’ leasachadh nam planaichean Gàidhlig aca. A bharrachd air sin, tha uallach air an oifigear airson sgrudadh a dhèanamh air an adhartas a tha ùghdarrasan poblach air a dhèanamh gus na planaichean Gàidhlig aca a chur an gnìomh.
Post-d:chirsty@gaidhlig.scot
Oifigear Rianachd Ionmhais – Helen Walker
Tha Helen Walker os cionn chunntasan agus obraichean ceangailte ri agus a’ cuideachadh ceann an ionmhais.
Post-d: helen@gaidhlig.scot
Oifigear Ruigsinneachd – Sian Baldwin
Bidh Sian taic a chumail ri deagh chonaltradh taobh a-staigh na buidhne agus leis a’ mhòr-shluagh mu dheidhinn obair a’ Bhùird agus leasachadh na Gàidhlig anns an fharsaingeachd.
Bidh i cuideachd a’ brosnachadh dhaoine gu bhith a’ roghnachadh dreuchdan far an cleachd iad Gàidhlig mar na bhuannachd.
Post-d:sian@gaidhlig.scot
Rianadair Gnothachais – Orla NicDhòmhnaill
Tha an Rianadair Gnothachais againn, Orla NicDhòmhnaill, a’ toirt taic don Mhanaidsear Gnìomhan le bhith a’ cuideachadh le stiùireadh agus a’ co-òrdanachadh gach taobh de dh’obair rianachd na buidhne.
Post-d: orla@gaidhlig.scot
Rianaire Thabhartasan – Theresa NicAmhlaigh
A’ toirt taic don obair taobh a-staigh sgeamaichean maoineachaidh Bhòrd na Gàidhlig, tha uallach aig Theresa NicAmhlaigh airson rianachd thabhartasan agus a’ toirt taic do luchd-iarrtais leis na pròiseactan aca.
Post-d:theresa@gaidhlig.scot
Com-pàirtean an Sgioba Stiùiridh
Com-pàirtean an Sgioba Stiùiridh 22/10/2024
Fiosrachadh air Àrd-thuarastalan
A rèir stiùiridhean Riaghaltas na h-Alba, bidh Bòrd na Gàidhlig a’ foillseachadh ainm, tiotal obrach agus tuarastal àrd luchd-obrach (co-ionann ri Ìre 2 agus nas àirde airson àrd-Sheirbheisich Chatharra) air an làraich-lìn againn.
Aig an àm seo chan eil oifigear sam bith aig Bòrd na Gàidhlig san roinn-seòrsa seo, ach tha dàta bhon Àrd Sgioba-stiùiridh ri fhaighinn san aithisg bhliadhnail as ùire againn an seo.
Bha am fiosrachadh air an duilleag seo ceart nuair a chaidh ùrachadh sa Ghiblean 2024.