Faotainn Fiosrachadh
Saorsa an Fhiosrachaidh
Tha Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 (an Achd) ag iarraidh air ùghdarrasan poblach ann an Alba sgeama foillseachaidh a dhealbh agus a chur an gnìomh.
Fon lagh tha e an urra ri ùghdarrasan:
- innse dè na seòrsaichean fiosrachaidh a bheir iad seachad gu h-àbhaisteach;
- innse don mhòr-shluagh mar a gheibh iad am fiosrachadh agus mun chosgais a dh’fhaodadh a bhith ann.
Tha Bòrd na Gàidhlig air gabhail ri Sgeama Foillseachaidh Coileanta 2015 a dh’fhoillsich Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba.
Airson tuilleadh fiosrachaidh air an Sgeama Fhoillseachaidh againn, air mar a gheibh sibh fiosrachadh, no air mar a chuireas sibh iarrtas a-steach airson fiosrachaidh, briogaibh air a’ cheangal a leanas:
Stiùireadh a’ Bhùird mu Fhiosrachadh
Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn am PDF seo a leughadh. Ma tha e a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.