Am Bòrd-stiùiridh

Air a’ Bhòrd-stiùiridh tha an Cathraiche agus seachdnar Bhall agus bidh iad a’ coinneachadh gu cunbhalach tron bhliadhna.

Thèid Buill a’ Bhùird-stiùiridh a chur an dreuchd le Ministearan na h-Alba. Mar as trice bidh buill neo-dhreuchdail a’ Bhùird-stiùiridh air a’ Bhòrd-stiùiridh airson ceithir bliadhna, ach dh’fhaoidte nach bithear a’ cumail ri seo gus dèanamh cinnteach gum bi leantalachd ann am ballrachd a’ Bhùird-stiùiridh.

Tha uallach air a’ Bhòrd-stiùiridh airson àrd-stiùireadh, iùl ro-innleachdail, rian air cunnartan agus siostaman in-smachd, planadh co-arbais, agus coileanadh na buidhne. Bidh am Bòrd-stiùiridh a’ coileanadh an dleastanasan le coinneamhan cunbhalach agus coinneamhan sònraichte, ma bhios feum orra. Tha am Bòrd-stiùiridh air cuid a chùisean a ghleidheadh fo an ùghdarras fhèin airson beachdachadh orra agus an aontachadh. Nam measg tha cùisean ro-innleachdail, cunnartan don bhuidhinn, aontachadh ris a’ bhuidseat bhliadhnail, aontachadh ri cùmhnantan tàbhachdach agus planadh airson leantalachd luchd-dreuchd an sgioba stiùiridh.

Buill a’ Bhùird-stiùiridh

Picture: A headshot of Màiri MacInnes, Chair of Bòrd na Gàidhlig.

Màiri NicAonghais (Cathraiche)

Tha Màiri NicAonghais an sàs ann an grunn dhreuchdan is cùisean co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig agus foghlam na Gàidhlig sa choimhearsnachd aice: a’ gabhail a-steach na tràth-bhliadhnaichean, foghlam bun-sgoile agus ionnsachadh do dh’inbhich. Tha Màiri na ceannard air Sgoil an Ìochdair, cuideachd tha i na ball de Bhuidheann nan Eilean Siar airson na Dòigh-ionnsachaidh 1+2 Chànan. Tha Màiri na Cathraiche air Ceòlas Uibhist Earranta, buidheann ealain Ghàidhlig chliùiteach. Tha i cuideachd air a bhith na ball de ghrunn bhùird roimhe airson buidhnean nàiseanta, leithid Comhairle Ealain na h-Alba agus Comataidh Craoladh Gàidhlig. B’ i aon de na buill a stèidhich Cothrom agus bha i am measg nan daoine a stèidhich Fèis Tìr a’ Mhurain agus bha i na h-oifigear-leasachaidh airson na fèise.

Picture: A headshot of Jennifer Gilmore, Board member.

Jennifer NicGilleMhoire

Às dèidh dhi a bhith ag obair ann an Dàimh Phoblach aig Bòrd Turasachd Dhùn Èideann is Lodainn, ghabh Jennifer fois-dreuchd gus a cuid chloinne a thogail. Bha i riamh airson Gàidhlig ionnsachadh, agus nuair a thòisich a cuid chloinne ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig dh’ionnsaich Jennifer Gàidhlig còmhla riutha, a’ dèanamh ceum ann an Gàidhlig agus Leasachadh le Sabhal Mòr Ostaig. Dhaingnich seo a h-ùidh sa chànan, agus chuir i seachad 10 bliadhna ag obair ann an leasachadh na Gàidhlig. Tha Jennifer ag obair ann am poileasaidh slàinte aig Riaghaltas na h-Alba aig an àm seo.

Picture: A headshot of Stewart MacLeod, Board Member.

Stewart MacLeòid

’S ann à Leòdhas a tha an Dr Stewart MacLeòid agus chaidh e gu Sgoil a’ Bhac agus gu Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Rinn e Ceum ann an Cànan agus Litreachas na Beurla ann an Oilthigh Obar Dheathain agus fhuair e PhD stèidhichte air rannsachadh mu mhion-chànanan na h-Alba – a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla-Ghallta. Tha e teisteanaichte mar chunntasair agus tha e na bhall den Institiud Cairte airson Ionmhas Poblach agus Cunntasachd (Chartered Institute of Public Finance and Accountancy – CIPFA).  Tha a chùrsa-obrach air a bhith co-cheangailte ri ionmhas poblach: tha e air obrachadh ann an riaghaltas ionadail ann an Alba, tha dreuchdan àrd-ìre air a bhith aige le CIPFA agus sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, tha e air obrachadh air pròiseactan leasachaidh eadar-nàiseanta air am maoineachadh le DFID, Banca na Cruinne agus an t-AE, a’ toirt taic theignigeach agus trèanadh ionmhasail do riaghaltasan agus buidhnean poblach eile ann an còrr is 25 dùthchannan fo leasachadh. Tha e air a bhith a’ seinn ann an Còisir Ghàidhlig Lodainn bho 1998 agus tha e air a bhith na Oide Gàidhlig dhan chòisir bho 2018. Tha e na Chathraiche air a’ Chomataidh Sgrùdadh agus Dearbhaidh.

 

Picture: A headshot of Seonaidh Charity, Board Member.

Seonaidh Charity

’S e tidsear Gàidhlig àrd-sgoile ann an Inbhir Nis a th’ ann an Seonaidh Charity, a’ teagasg Gàidhlig mar chànan do sgoilearan Foghlam tron Ghàidhlig is do luchd-ionnsachaidh, a thuilleadh air cuspairean tro mheadhan na Gàidhlig. Agus e fhèin na sheann sgoilear FtG, choisinn Seonaidh ceum Gàidhlig ann an Oilthigh Ghlaschu is PGDE bho Oilthigh Shrath Chluaidh.   Bha e ag obair mar thidsear san t-seòmar-sgoile is mar Cheannard Curraicealaim ann an Dùn Èideann. Tha eòlas aige ann a bhith a’ lìbhrigeadh foghlam teagasg ’s e air a bhith na Cheannard Phrògraim is Àrd-òraidiche air ceum BA Gàidhlig is Foghlam Shabhal Mòr Ostaig is cùrsaichean PGDE Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Chaidh Maighstireachd Foghlaim (Med) Rannsachadh Sgrùdach le Àrd-urram a bhuileachadh air bho OGE, ’s e air rannsachadh a dhèanamh air leasachadh sgilean labhairt am measg sgoilearan FtG.

Picture: A headshot of Robert Dunbar, Board Member.

Raibeart Dunbar

Tha Raibeart Dunbar air a bhith na Ollamh Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann bhon Ògmhìos 2013. ’S e aon de phrìomh eòlaichean na cruinne air lagh is poileasaidh shluaghan mion-chànain. Tha e na eòlaiche air Comhairle na h-Eòrpa a thaobh chùisean mion-chànain agus, bhon Ghearran 2023, tha e air a bhith na bhall de Chomataidh Eòlaichean na Cairte Eòrpaich son Cànain Sgìreil is Mion-chànain, cùmhnant le Comhairle na h-Eòrpa. Cuideachd tha e air obrachadh còmhla ri Coimisean Venicena Comhairle Eòrpaich a thaobh lagh cànain is poileasaidh cànain. Gu tric tha e air stiùireadh a thoirt do riaghaltasan, buidhnean poileasaidh cànain is NGOan mu reachdas mhion-chànain. Am measg iad seo tha Acadaimidh na Cuimrigh a thaobh Ceum na Cuimris (A’ Chuimrigh) 2011. Choisinn Raibeart PhD bho Oilthigh Dhùn Èideann mu bheatha is dàin shaoghalta Iain MhicIlleathain (1787-1848), am bàrd à Tiriodh is Alba Nuadh, a thuilleadh air LL.M bho Sgoil Eaconamais Lunnainn, LL.B bho Sgoil Lagha Thalla Osgoode, Toronto is BA bho Oilthigh Thoronto

Picture: A headshot of John MacDonald, Board Member.

Iain Dòmhnallach

’S e Iain Dòmhnallach fear le Gàidhlig bhon ghlùn, à Uibhist a Deas o thùs, a tha a’ fuireach ann an Dùn Èideann. Às dèidh ceum a choisinn ann an gnothachas, dh’obraich e anns a’ ghnìomhachas IT tràth na dhreuchd is chur e seachad còrr air 30 bliadhna den bheatha obrach aige ann an roinn shaor-thoileach is coimhearsnachd na h-Alba mus do leig e seachad a dhreuchd ann an 2022. Anns an roinn ud dh’obraich e dreuchdan leithid Oifigear Leasachaidh is a bhith na Stiùiriche is Àrd-cheannard aig carthannasan nàiseanta. Thug seo tuigse dha air leasachadh coimhearsnachd èifeachdach, stiùireadh glic is comasach de mhaoinean poblach is deagh riaghladh. Fhrithilich e seirbheis air bùird urrasair grunn bhuidheann saor-thoileach thar nam bliadhnaichean is tha e an-dràsta na chomhairliche saor-thoileach do Chomhairle Shaoranach na h-Alba a thuilleadh air a bhith a’ ruith chlasaichean còmhraidh air-loidhne do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Picture: A headshot of Michelle MacLeod, Board Member.

Michelle NicLeòid

Buinidh Michelle NicLeòid a Leòdhas bho thùs is tha i na h-Ollamh Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain. Tha Michelle air Gàidhlig is cuspairean ceangailte ris a’ chànan a theagasg aig oilthighean ann an Alba is Èirinn son còrr air 25 bliadhna. Tha i cuideachd air cùrsaichean sòiseo-chànanachais ghnìomhaich a theagasg is PhDan ann am planadh cànain a stiùireadh. ’S iomadach suidheachadh ceannais a th’ air a bhith aice do chànain ann am foghlam àrd-ìre – nam measg a bhith mar aon de thriùir Cho-eòlaichean Rannaschaidh Chànain a chaidh a mhaoineachadh le Comhairle Rannsachaidh nan Ealainean is Daonnachdan far na bheachdaich an obair aice air mar a b’ urrainn rannsachadh taic a chur ri amasan poileasaidh chànain tùsanach na Rìoghachd Aonaichte. Tha i cuideachd an-dràsta a’ suidhe air a’ Chomataidh Ro-innleachdail son Cànain ann am Foghlam Àrd-ìre aig Acadaimidh Bhreatainn/Comhairle Chànain nan Oilthigh. Rinn Michelle rannsachadh air litreachas is tèatar na Gàidhlig, togail dara chànain is planadh cànain coimhearsnachd. Tharraing a cuid rannsachaidh air planadh cànain misneachd bhon trì bliadhna aice mar Oifigear Phròiseact is an uair sin Stiùiriche le Ionad Chaluim Chille Ìle is o chionn greis dh’obraich i le Comann na Gàidhlig is Sabhal Mòr Ostaig air pròiseact a’ Bhùird gus lìonra a stèidheachadh son oifigearan Gàidhlig. Tha i an-dràsta na Cathraiche aig Theatre Gu Leòr is Urras NicCuaig.

Picture: A headshot of Donald Kenneth (DK) MacPhee, Board Member.

Dòmhnall Coinneach (DK) Mac a’ Phì

’S e Dòmhnall Coinneach (DK) Mac a’ Phì neach-labhairt na Gàidhlig bhon ghlùn a rugadh is a thogadh ann an coimhearsnachd Ghàidhlig làidir Uibhist a Deas far an robh athair nach maireann, Iain, na thidsear Ghàidhlig fad 40 bliadhna. Chaidh luachan, eòlas is sgilean DK buileach a leasachadh thairis naoi bliadhna ann an sgoiltean-diadhaireachd, trì dhiubh sin ann am Valladolid san Spàinn. Ann an 1983, an trup seo a’ teagasg Beurla san Spàinn mar phàirt de cheum aig Oilthigh Ghlaschu, thàinig fìor atharrachadh air slìghe a bheatha nuair a chaidh a dhearbhadh le diostònia na h-amhaich. Às dèidh dha ceumnachadh le MA (Urr) ann an Eòlas Iospàinnteach ann an 1985, is an uair sin bho Cholaiste Napier (a-nis Oilthigh Napier), Dùn Èideann ann an 1986 le Dioplòma Iar-cheumnach ann am Margaidheachd is Cànain Eòrpach, thòisich e a bheatha obrach le carthannas a bha a’ toirt taic do dhaoine gun obair a bhith a’ faighinn obair. Bhon uair sin, bhiodh e na phrìomh phàirt de a bheatha a bhith a’ brosnachadh sgilean is ionnsachadh do dhaoine uile gu lèir, gu h-àraid iadsan as motha a tha a’ fulang às-dùnadh agus ana-cothrom. Lean obair shaor-thoileach tro na bliadhnaichean ud cuideachd – na measg a bhith a’ stèidheachadh na ciad buidhne fèin-chuideachaidh do dhaoine le diostònia ann an Alba is an uair sin a bhith air a shuidheachadh mar a’ chiad oifigear aig Dystonia UK taobh muigh Lunnainn.

Às dèidh fichead bliadhna de dhreuchdan leasachaidh le carthannasan is iomairtean na roinne poblaich, ann an 2009 chaidh DK fhastadh mar a’ chiad phrìomh oifigear poileasaidh is leasachadh ro-innleachdail son planadh corporra is leasachadh na Gàidhlig am broinn Comhairle Baile Ghlaschu le uallach son a h-uile pàirt de Phlanaichean Gàidhlig na Comhairle. ’S e leudachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig is buileachadh a’ Phlana Ghàidhlig cuideachd gealltanasan ann am Plana Ro-innleachdail Comhairle Baile Glaschu son 2022-2027. Tha cuideachd feadhainn de theaghlach DK a tha ag obair, no aig a bheil clann, ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha ùidh shònraichte aig DK ann an spòrs, gu h-àraid ball-coise, is tha e air beachdan a thoirt seachad mu bhall-coise, diostònia is sgeulachdan farsaing eile air prògraman radio is teilidh na Gàidhlig thairis deichean de bhliadhnaichean. Rinn BBC Alba prògram aithris mu a bheatha le diostònia – Dystonia: Beatha air Fhiaradh / Life at an Angle – is bhuannaich seo aon de Dhuaisean na Gàidhlig ann an 2021. ’S e cuideachd aon de dh’iomadh guth na Gàidhlig aig DuoLingo is tha e air a bhith na bhall-bhùird de Chomann na Gàidhlig bho 2018 is FC Sonas bho 2022.

Còd-giùlain

 

Com-pàirtean, Dùbhlachd 2024

 

Gnàth-riaghailtean, Ògmhios 2024

 

Aithisg Riochdachadh Gnè, An Giblean 2023 

 

Fiosrachadh air tuarastalan

Bithear a’ foillseachadh fiosrachadh air tuarastalan Buill Bhòrd na Gàidhlig ann an Aithisg is Cunntasan Bliadhnail a’ Bhùird.

 

Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security