An Companaidh Dràma Gàidhlig Theatre Gu Leòr am measg aon bhuidheann deug a gheibh maoineachadh luach £5m bho Bhòrd na Gàidhlig

Picture: Six performers on stage in period clothing. The stage is dark with blue light projected onto them

10/06/2019

Dealbh: Mihaela Bodlovic

Tha Bòrd na Gàidhlig air còrr is £5 millean a ghealltainn thairis air an ath thrì bliadhna do dh’aon bhuidheann deug a tha an sàs ann a bhith a’ toirt na Gàidhlig air adhart tro na h-ealain, foghlam agus seirbheisean didseatach.

Tha Theatre Gu Leòr airson a’ chiad uair am measg nam prìomh bhuidhnean a gheibh maoineachadh. Bidh an companaidh a’ taisbeanadh dràma Gàidhlig do luchd-amhairc air feadh Alba agus a’ toirt taic do sgrìobhadh dràma agus do phròiseactan gus dràma Gàidhlig ùr is lèirsinneach a chruthachadh.

Mar thoradh air an airgead luach £165,000 a gheibh iad thairis air trì bliadhna, bidh dachaigh stèidhichte aig a’ bhuidhinn dràma a-nis ann am Partaig, Glaschu, far an urrainn dhaibh am prògram ionnsachaidh chruthachail aca a thoirt air adhart, a’ gabhail a-steach leithid Staran, iomairt ùr far a bheilear gu bhith a’ leasachadh nan sgilean proifeiseanta aig sgrìobhadairean, cleasaichean agus stiùirichean aig a bheil Gàidhlig.

Tha na tabhartasan taic-airgid seo a tha air am maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba – agus a tha air an toirt seachad do bhuidhnean a tha a’ toirt taic do phlana corporra Bhòrd na Gàidhlig leis an amas cànan is cultar na Gàidhlig a thoirt air adhart – gu bhith air an aontachadh airson trì bliadhna a-nis an àite dìreach aon bhliadhna.

’S e a tha fa-near do Bhòrd na Gàidhlig le seo gum bi cothrom aig buidhnean planaichean a stèidheachadh thar ùine nas fhaide, leasachadh air an deach fàilte mhòr a chur.

Am measg nam buidhnean eile a bhios a’ faotainn taic-airgid tha Comunn na Gàidhlig (£1.36 millean), An Comunn Gàidhealach, a bhios a’ cur a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus Mhòdan ionadail air dòigh, (£300,000) agus Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig (£930,000) a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh.

Tha Comunn na Gàidhlig a’ stiùireadh prògram nan Iomairtean Gàidhlig ann an 15 coimhearsnachdan air feadh Alba. Tha e mar amas dhaibh daoine òga agus am pàrantan a bhrosnachadh, agus cothroman a thoirt dhaibh, gus an cànan a chleachdadh nas trice, agus iad a’ toirt chothroman dhaibh air grunn dhiofar chur-seachadan is tachartasan spòrsail taobh a-muigh na sgoile.

Am measg nan amasan aca, tha e san amharc dhaibh prògram leudachaidh a chur an sàs thairis air còig bliadhna gus na tachartasan is cur-seachadan aca a thabhann ann an coimhearsnachdan ùra agus tha iad airson fàs a thoirt air an àireamh dhaoine òga a tha a’ bruidhinn a’ chànain.

Cuiridh Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig an cuid maoineachaidh gu feum gus cumail orra le bhith a’ toirt taic do chultar is foghlam na Gàidhlig agus iad a’ cruthachadh ghoireasan is stuthan taice airson sgoilearan, luchd-teagaisg agus pàrantan a tha an sàs ann am foghlam Gàidhlig.

Tha e mar amas don Chomunn Ghàidhealach, a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis, tuilleadh leasachaidh is leudachaidh a thoirt air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus na 18 Mòdan ionadail a thèid a chumail gach bliadhna, agus mu 10,000 farpaiseach òg is tàlantach a’ dol gu na Mòdan sin gach bliadhna.

Thuirt Muireann Kelly, an Stiùiriche Ealain aig Theatre Gu Leòr: “Chan e a-mhàin gu bheil sinn a’ dèanamh toileachas ris a’ mhaoineachadh fhèin bho Bhòrd na Gàidhlig, ach cuideachd ris mar a chaidh aonta trì-bliadhna a thoirt dhuinn. Tha sin a’ toirt seasmhachd is bunait dhuinn a leigeas leinn planadh a dhèanamh airson na h-ùine air thoiseach.

“Tha e a’ ciallachadh gu bheil dachaigh againn a-nis ann am Partaig far a bheil àite againn san urrainn dhuinn cothroman ionnsachaidh chruthachail is dràma Gàidhlig a thoirt air adhart. San àite-obrach ùr againn tha sinn a’ cleachdadh Gàidhlig a h-uile latha, tha deasgaichean ann a dh’fhaodas luchd-ealain Gàidhlig a chleachdadh, tha sinn a’ tabhann trèanadh is greisean gnìomhachais, agus tha sinn air an iomairt ùr againn, Staran, a thòiseachadh a tha gus a bhith mar mheadhan gus leasachadh a thoirt air an roinn seo.

“Tha sinn cho toilichte a bhith stèidhichte ann am Partaig, fìor sgìre Ghàidhealach ann an Glaschu, ach bidh sinn fhathast a’ siubhal air feadh na dùthcha leis an obair againn. Tha sinn fortanach gu bheil an t-àite-obrach againn, as urrainn a bhith againn air sgàth na taic-airgid seo, ri taobh trì buidhnean cultarach Gàidhlig eile. Thoradh, thèid againn air obrachadh còmhla air cùisean cruthachail agus sinn a’ neartachadh na sgìre mar thobar chultarach airson nan Gàidheal ann an Glaschu.”

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig: “Tha a h-uile duine is buidheann a gheibh maoineachadh bhuainn a’ dèanamh obair ionmholta gus a’ Ghàidhlig a thoirt air adhart. Tha Theatre Gu Leòr gu math airidh air an taic-airgid seo air sàillibh na taice a bhios iad a’ toirt do sgrìobhadairean is cleasaichean.

“Tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn aig Bòrd na Gàidhlig gun urrainn dhuinn taic a thoirt dhaibh agus tha mi cinnteach gun dèan iad feum fìor mhath den airgead.

“Tha sinn cuideachd an dòchas gum bi e glè fheumail do na buidhnean uile gun do dh’atharraich sinn na h-aontaidhean maoineachaidh bho aon bhliadhna gu trì bliadhna, oir bheir sin cothrom prìseil dhaibh planaichean leasachaidh is ionmhasail a dhealbh airson ùine nas fhaide.”

Thuirt an Leas Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney: “’S e ceum cudromach a tha seo airson na Gàidhlig agus tha mar a thathar a’ tabhann taic-airgid do na buidhnean seo thairis air trì bliadhna a’ toirt cothrom dhaibh an obair aca a phlanadh airson na h-ùine air thoiseach orra agus tha e a’ toirt barrachd cinnt don luchd-obrach aca. Tha Riaghaltas na h-Alba air cur roimhe dèanamh cinnteach gun tèid a’ Ghàidhlig a ghleidheadh air stèidh dhaingeann agus tha am maoineachadh seo a’ cuideachadh le bhith a’ coileanadh ar n-amasan airson a’ chànain agus airson nan daoine a tha ag iarraidh Gàidhlig a chleachdadh.”

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard Chomunn na Gàidhlig: “Tha sinn a’ cur fàilte mhòr air an aonta mhaoineachaidh ùir seo, agus mar a tha e airson trì bliadhna. Bidh e comasach dhuinn a-nis coimhead air cothroman ùra a dh’fhaodadh a bhith ann; bheir e barrachd cinnt dhan luchd-obrach againn a tha ag obair cho cruaidh, agus bidh sin uile gu buannachd nan Gàidheal òga a tha aig cridhe ar n-obrach.”

Thuirt Dòmhnall Uilleam MacGilleMhoire, Ceannard Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig: “Tha Stòrlann a’ dèanamh toileachas ris a’ mhaoineachadh trì-bliadhna seo. Tha e gu math feumail dhuinn a thaobh a bhith a’ planadh airson nan goireasan is seirbheisean a bhios Stòrlann a’ toirt seachad do sgoilearan, pàrantan is tidsearan, an dà chuid airson luchd-ionnsachaidh agus fileantaich.

“Cuideachd, tha an taic-airgid seo a’ cur ri eaconamaidh na Gàidhlig, a’ toirt taic do dh’obair a bhios a’ tarraing aire dhaoine chun a’ chànain agus cuidichidh e le bhith a’ toirt àrdachadh air an àireimh de luchd-ionnsachaidh is luchd-cleachdaidh na Gàidhlig ann an Alba.”

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha e na thoileachas dhan Chomunn Ghàidhealach gu bheil sinn gu bhith a’ faighinn taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig thairis air trì bliadhna. Tha an gealladh seo airson maoineachaidh a’ toirt bunait nas cinntiche dhan obair againn agus bidh e nas fhasa planadh airson na h-ùine ri thighinn. Tha sinn an dòchas gun tèid aig buidhnean maoineachaidh eile air aon rud ’s a rinn Bòrd na Gàidhlig a dhèanamh, feuch an urrainn dhuinn leudachadh ceum air cheum a thoirt air an obair leasachaidh chudromach a bhios sinn a’ dèanamh airson na Gàidhlig. Bu thoigh leinn taing a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig airson a’ chinnt seo a thoirt dhuinn aig àm nuair a tha cùisean co-cheangailte ri maoineachadh caran doirbh.”

Am measg nam buidhnean eile a fhuair maoineachadh bha Ionad Chaluim Chille Ìle, £310,500 gus prògram de thachartasan is clasaichean a lìbhrigeadh airson Gàidhlig a chur air adhart am measg muinntir Ìle is Dhiùra; Comhairle nan Leabhraichean, Glaschu, £537,000 gus àrdachadh a thoirt, gach bliadhna, air an àireamh dhaoine a bhios a’ leughadh leabhraichean Gàidhlig; Fèisean nan Gàidheal, £430,000 gus taic a thoirt do roinn nan ealain traidiseanta Gàidhlig agus an roinn sin a leasachadh; Ceòlas Uibhist, £207,000 gus cultar na Gàidhlig a chur air adhart agus airson cuideachadh le bhith a’ toirt a’ phròiseict lèirsinnich aca gu buil gus ionad airson ceòl, dannsa agus cultar na Gàidhlig a stèidheachadh ann an Uibhist a Deas ann an com-pàirt ri Colaiste a’ Chaisteil OGE; An Lòchran, Glaschu, £105,000 gus co-òrdanachadh a dhèanamh air tachartasan ealain Gàidhlig sa bhaile as motha ann an Alba; Ainmean-Àite na h-Alba, £240,000 gus leantainn orra leis an rannsachadh aca airson an làraich-lìn agus an stòr-dàta de dh’ainmean-àite Gàidhlig; Faclair na Gàidhlig, £225,000 gus faclair eachdraidheil na Gàidhlig a chruthachadh; agus Acair, Leòdhas, £171,000 gus leabhraichean Gàidhlig fìor mhath fhoillseachadh.

 

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security