Aithris air Aithisg Riaghaltas na h-Alba air Co-chomhairle Bile nan Cànan Albannach
Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a’ cur fàilte air a’ cheum as ùire seo le Riaghaltas na h-Alba agus iad a’ toirt air adhart Bile nan Cànan Albannach ùr. Tha tòrr san aithisg a tha co-cheangailte ri leasachaidhean a tha an gnìomh mar-thà agus a dh’fheumar a neartachadh agus a leudachadh.”
“Tha e cuideachd a’ sealltainn gu bheil aonta ann ri molaidhean a chuir Bòrd na Gàidhlig na fhreagairt an-uiridh agus gu bheil feum air reachdas nas treasa gus barrachd adhartais a dhèanamh.”
“Dh’fhiosraich na còmhraidhean a bh’ againn le raon farsaing de choimhearsnachdan tro 2021 agus 2022 ar beachdan air dè na h-atharrachaidhean a tha a dhìth gus suidheachadh na Gàidhlig ann an Alba a neartachadh. Chuidich na còmhraidhean sin cuideachd le deasachadh an ath Phlana Nàiseanta na Gàidhlig a thèid fhoillseachadh a dh’aithghearr.”
“Chuir sinn fàilte cuideachd air an aithneachadh gu bheil feum aig Bòrd na Gàidhlig air stòrasan a bharrachd gus a’ bhuaidh a th’ againn an-dràsta a mheudachadh. Ma thig dleastanas sam bith a bharrachd bho reachdas ùr, atharraichidh seo na foincseanan agus na structaran againn, a’ fàgail gum bi feum againn air stòrasan gu leòr airson a bhith a’ lìbhrigeadh na thathar an dùil.”
“Bha co-thaobhadh làidir eadar cuid de mholaidhean aig Bòrd na Gàidhlig agus na molaidhean aig daoine eile a ghabh pàirt sa cho-chomhairle, leithid:
– Bunait reachdail nas treasa airson planaichean Gàidhlig, a’ comasachadh buaidh agus cunntachalachd a bharrachd.
– Reachdas gus còir a chruthachadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FtG).
– Stiùireadh nas treasa agus barrachd cunntachalachd airson FtG, a’ toirt air Ùghdarrasan a bhith a’ planadh leasachadh agus a bhith ag aithris air adhartas gach bliadhna.
– Barrachd taic airson fastadh agus, gu sònraichte, gleidheadh luchd-obrach foghlam tron Ghàidhlig airson solar tràth-bhliadhnaichean, bun-sgoile agus àrd-sgoile.
– Cho cudromach ’s a tha cùisean eaconamach is sòisealta ann a bhith a’ glèidheadh agus a’ tàladh dhaoine òga do na h-eileanan.”
“Tha an aithisg seo agus a’ cho-chomhairle againn fhìn a’ sealltainn gu bheil ùidh mhòr aig daoine sa Ghàidhlig san àm ri teachd agus air cho cudromach ’s a tha i ann an sgìrean eileanach, dùthchail agus bailteil na h-Alba.”
“Tha miann anns an dà aithisg gum bi Bòrd na Gàidhlig nas fhosgailte agus nas soilleire agus a bhith a’ sealltainn an adhartais againn san obair a tha sinn a’ lìbhrigeadh an-dràsta. Seo rudeigin a tha sinn air a bhith a’ leasachadh sna beagan bhliadhnachan mu dheireadh le tòrr a bharrachd follaiseachd agus cunntachalachd air feadh na buidhne.”
“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ leantainn oirnn leis an obair againn leis na com-pàirtichean againn air feadh na roinne poblaich agus ann an coimhearsnachdan gus taic a chumail ri fàs na Gàidhlig.”