Aithisg bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig a’ sealltainn mar a chaidh taic ro-chudromach a chumail ris a’ Ghàidhlig tro ghalar lèir-sgaoilte COVID-19

Aithisg bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig a’ sealltainn mar a chaidh taic ro-chudromach a chumail ris a’ Ghàidhlig tro ghalar lèir-sgaoilte COVID-19

 

Tha aithisg bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig airson 2020-21 air sealltainn gun d’ rinn a’ bhuidheann cinnteach gun robh taic ris a’ Ghàidhlig agus a cultar, tro cho-chomhairleachadh farsaing agus tro bhith a’ cruthachadh fhuasglaidhean ro-chudromach, gus aghaidh a chur ri dùbhlain a’ ghalair lèir-sgaoilte.

 

Rinn a’ bhuidheann phoblach neo-roinneil cinnteach gun robh an obair aice, còmhla ri obair a com-pàirtichean lìbhrigidh, a’ dol air adhart ann an amannan dùbhlanach agus a’ cur ri cleachdadh, ionnsachadh agus adhartachadh na Gàidhlig.

 

Chaidh taic a bharrachd a chur air dòigh airson teaghlaichean le sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan Gàidhlig tro bhith a’ stèidheachadh na h-iomairt com-pàirteachais #cleachdiaigantaigh/#useitathome. Chaidh seo a chruthachadh às a’ phròiseact shoirbheachail #cleachdi agus thug e còmhla grunn chom-pàirtichean lìbhrigidh gus goireasan a chruthachadh agus a bhrosnachadh a dh’fhaodadh sgoilearan a chleachdadh aig an taigh aig àm a’ ghlasaidh-sìos.

 

Stèidhich Bòrd na Gàidhlig maoin gu luath cuideachd a chaidh a dhealbhadh gu sònraichte gus taic a thoirt do bhuidhnean leis an fhreagairt aca dhan ghalar lèir-sgaoilte, a’ sgaoileadh còrr is £280,000 do 53 pròiseactan.

 

Fhuair coimhearsnachdan anns na h-eileanan taic tro bhith a’ cruthachadh maoin air leth, air a rianachd le Fearann Coimhearsnachd Alba, gus leigeil le urrasan coimhearsnachd na pròiseactan aca fhèin a chruthachadh gus cur ri cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig. Chaidh barrachd maoineachaidh a thoirt seachad gus leigeil le Comunn na Gàidhlig agus Fèisean nan Gàidheal barrachd oifigearan fhastadh gus an obair aca a neartachadh, gu sònraichte anns na h-eileanan.

 

Tron ghalar lèir-sgaoilte air fad, chùm am Bòrd air a’ toirt taic do dhaoine gus na sgilean Gàidhlig aca a thoirt air adhart a dh’aindeoin na buaidh mòire air greisean-gnìomhachais agus air foghlam aghaidh-ri-aghaidh. Bha seo a’ gabhail a-steach maoineachadh airson a’ bhrannd ionnsachaidh ioma-thaobhach ùr SpeakGaelic, a chaidh a chur air bhog am-bliadhna agus a thogas air an àrdachadh mhòr ann an ionnsachadh Gàidhlig air-loidhne a thachair aig àm a’ ghlasaidh-sìos, le còrr is 600,000 neach-ionnsachaidh gnìomhach a’ cleachdadh Duolingo Gàidhlig na h-Alba an-uiridh.

 

Dh’obraich am Bòrd gu dlùth cuideachd ri buidhnean òigridh Gàidhlig Fèisean nan Gàidheal agus Comunn na Gàidhlig gus faighinn a-mach dè bha daoine òga ag iarraidh a thaobh na Gàidhlig agus dè na dòighean anns am faigheadh ​​iad taic gus an cànan a chleachdadh barrachd. Cuiridh seo agus co-chomhairlean farsaing eile air an cumail leis a’ Bhòrd agus feadhainn eile ris an ath Plana Nàiseanta airson na Gàidhlig.

 

Thar nan 12 mìosan a dh’fhalbh, dh’obraich Bòrd na Gàidhlig gu dlùth ri 67 ùghdarrasan poblach air planaichean Gàidhlig a bheir taic dhan Ghàidhlig san àite-obrach agus sa bheatha phoblaich. Gu ruige seo, tha 59 ùghdarrasan poblach Albannach air planaichean Gàidhlig aontachadh, agus tha tòrr aca air na dàrna, treas no ceathramh tionndaidhean aca. A bharrachd air seo, thòisich ochd buidhnean ùra air na planaichean aca a dheasachadh thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh.  Bheir na planaichean seo buaidh dhìreach air faicsinneachd agus àbhaisteachdadh na Gàidhlig air feadh na dùthcha.

 

A rèir na h-aithisg, fhuair am Bòrd Tabhartas-gus-Cuideachadh de bheagan is £5.3 millean uile gu lèir – feumaidh Bòrd na Gàidhlig obrachadh taobh a-staigh an riarachaidh ionmhasail seo a thugadh dhaibh le Ministearan na h-Alba.

 

Às an t-suim sin, bha £1.5 millean airson prìomh chosgaisean ruith, agus chaidh £2.6 millean gu maoinean leasachaidh Gàidhlig san fharsaingeachd – a’ gabhail a-steach maoineachadh coimhearsnachd do dhaoine, pròiseactan agus buidhnean, – agus £1.25 millean a dh’ionnsaigh Maoin Buileachaidh nam Planaichean Gàidhlig.

 

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Bha suidheachadh de sheòrsa nach fhacas riamh roimhe aig Bòrd na Gàidhlig sa bhliadhna 20/21 mar a bha fìor airson Alba air fad. Ach, mar thoradh air an leasachadh a chaidh a leabachadh sa bhuidhinn, bha Bòrd na Gàidhlig comasach air aghaidh a chur air na dùbhlain le misneachd agus tha iomadh soirbheas air a bhith ann mar thoradh air seo.

 

“Tha leasachadh agus cumail taic ris a’ Ghàidhlig air a bhith mar phrìomh adhbhar dhuinn fhad ’s a bha sinn trang a’ freagairt air a’ ghalar lèir-sgaoilte agus a bhuaidh air daoine fa leth agus air teaghlaichean, coimhearsnachdan agus buidhnean poblach. Tha sinn air ùr-ghnàthachaidhean agus co-obrachaidhean dàna a thoirt a-steach a bhios a-nis nam pàirt àbhaisteach de bhith a’ lìbhrigeadh leasachadh na Gàidhlig.

 

“Tha am fàs air leth ann an ionnsachadh na Gàidhlig tron ghlasadh sìos na chomharra shoilleir air a’ chomas a th’ ann gus cur ri àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha sinn a’ cumail oirnn a’ daingneachadh cho cudromach ’s a tha an teachdaireachd gum buin a’ Ghàidhlig ri Alba air fad agus tha sinn mothachail cuideachd air an ùidh eadar-nàiseanta anns a’ chànan agus sa chultar againn.”

 

Thuirt Shirley-Ann Somerville, Rùnaire a’ Chaibineit airson Cànanan na h-Alba: “Tha pàirt deatamach aig Bòrd na Gàidhlig ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ toirt taic dhan Gàidhlig agus a luchd-labhairt.

 

“Tha an aithisg bhliadhnail seo a’ daingneachadh obair ionmholta a’ Bhùird ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun lean foghlam Gàidhlig ann an suidheachadh dùbhlanach a’ ghalair-sgaoilte.”

 

Chaidh aithisg sgrùdaidh bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig a thoirt a-mach cuideachd, leis an aithisg Earrann 22 a’ sealltainn adhartas mòr ann an stiùireadh agus riaghladh na buidhne. Às na gnìomhan a chaidh a mholadh ann an sgrùdadh 2018-29, chaidh 71 dhiubh a choileanadh.

 

Tha an aithisg ag ràdh: “Tha Bòrd an latha an-diugh gu math nas fheàrr na a’ bhuidheann air an deach aithisg sgrùdaidh a dhèanamh ann an 2018/19. Thathar a’ cur fàilte air astar a’ chruth-atharrachaidh air structar riaghlaidh agus Sgioba-stiùiridh na buidhne agus air mar a tha e air cur gu mòr ri a fosgarrachd agus a follaiseachd.

 

Thuirt Màiri NicAonghais: “Tha riaghladh na phròiseas leantainneach agus cumaidh sinn oirnn a’ leantainn an stiùiridh a gheibh sinn gus measadh a dhèanamh gu cunbhalach air far a bheil sinn agus far an urrainn dhuinn adhartas a dhèanamh fhathast. Tha an t-uallach sin air gach ball den bhòrd-stiùiridh agus air gach ball den luchd-obrach gus dèanamh cinnteach gu bheil sgrùdadh daonnan a’ dol air adhart. Tha sinn a’ cur fàilte air co-dhùnaidhean na h-aithisg sgrùdaidh ùir, agus tha sinn a’ tuigsinn gum feum sinn cumail oirnn a’ gluasad air adhart mar bhuidheann gus dèanamh cinnteach gu bheil am Bòrd a’ frithealadh leasachadh na Gàidhlig san dòigh as fheàrr. ”

 

Nòtaichean do luchd-deasachaidh

Bòrd na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig (am Bòrd) na bhuidheann phoblach neo-roinneil a chaidh a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Is e a’ phrìomh bhuidheann ann an Alba a tha an urra ri a bhith a’ cur air adhart leasachadh na Gàidhlig agus a bhith a’ toirt comhairle do Mhinistearan na h-Alba air cùisean Gàidhlig a’ gabhail a-steach foghlam.

 

’S e lèirsinn a’ Bhùird gum faicear is gun cluinnear a’ Ghàidhlig gu làitheil air feadh na h-Alba, agus gun tèid aithneachadh gu farsaing gu bheil i aig cridhe beatha na h-Alba agus gu bheil i na stòras cultarach is eaconomach nàiseanta.  Tha tòrr den obair aig a’ Bhòrd co-cheangailte ri bhith ag ullachadh agus a’ brosnachadh cleachdadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig, cho math ri bhith a’ cuideachadh le ullachadh agus sgrùdadh nam Planaichean Gàidhlig aig ùghdarrasan poblach agus a’ lìbhrigeadh sgeamaichean maoineachaidh gus taic a chumail ri barrachd cleachdadh, ionnsachaidh agus brosnachadh na Gàidhlig.  Is iad seo na trì prìomh amasan ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Bidh Bòrd na Gàidhlig ag obair gus Gàidhlig a chur air adhart ann an com-pàirteachas le Riaghaltas na h-Alba, buidhnean poblach, com-pàirtichean lìbhrigidh, coimhearsnachdan agus daoine fa leth.

 

Tha dleastanasan foghlaim reachdail aig Bòrd na Gàidhlig fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security