52 Pròiseactan a’ faighinn taic tro Sgeama Maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig
Tha e air a bhith na thoileachas do Bhòrd na Gàidhlig taic maoineachaidh a thoirt seachad do 52 pròiseact bho air feadh na h-Alba tro Mhaoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig 2019/20.
Chaidh Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) a stèidheachadh airson ùghdarrasan poblach a chuideachadh gus na Planaichean Gàidhlig aca a chur an gnìomh agus taic a chur ris a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig. Tha ùghdarrasan poblach cuideachd air taic-airgid fhaighinn tron sgeama seo gus pròiseactan a thoirt gu buil mus fhaigh iad fios foirmeil Plana Gàidhlig a sgrìobhadh.
Am measg nam pròiseactan a bha soirbheachail, chaidh taic a thoirt seachad do Chomhairlean sgìreil agus buidhnean poblach gus cumail orra le dreuchdan Gàidhlig làitheil no gus dreuchdan Gàidhlig ùra a stèidheachadh, tachartasan agus clasaichean Gàidhlig a chur air dòigh airson luchd-obrach agus inbhich, sna Sgoiltean, agus aig ìre coimhearsnachd. Tha liosta iomlan de phròiseactan a fhuair maoineachadh ri lorg an seo.
Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith sgeamaichean taic-airgid tron bhliadhna. Lorgar barrachd fiosrachaidh mu na sgeamaichean maoineachaidh againn an seo.