Taic Freumhan Coimhearsnachd

Tha sgeama 2025-27 a-nise fosgailte gus 3f air Dimàirt 28 Faoilleach 2025.

Gheibhear fiosrachadh air pròiseactan a fhuair taic tron sgeama bho 2018/19 air adhart tro GrantNav.

’S e Taic Freumhan Coimhearsnachd a’ phrìomh mhaoin aig Bòrd na Gàidhlig airson taic a chur ri buidhnean coimhearsnachd ann a bhith a’ lìbhrigeadh phròiseactan a bhios a’ cur air adhart cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd. Am-bliadhna tha sinn a’ toirt a-steach sgeama Cholmcille còmhla ri Taic Freumhan Coimhearsnachd mar aon mhaoin gus taic a chumail ri Gàidhlig sa choimhearsnachd.

Bidh an sgeama a’ toirt cothrom seachad do bhuidhnean cur a-steach airson suas ri 2 bhliadhna de thaic-airgid, airson phròiseactan nas fhaide no feadhainn a tha a’ ruith gach bliadhna. ‘S e £200,000 am buidseat ris a bheil dùil airson an sgeama, ach tha seo ri dhearbhadh a rèir buidseat Bòrd na Gàidhlig 2025/26. Tha sinn an dùil gum bi co-fharpais ann airson na sgeama am-bliadhna, fhuair 39 iarrtasan taic an uiridh a-mach a 100 iarrtasan.

Am-bliadhna tha sinn gu sònraichte airson taic a chumail ri pròiseactan a bhios cur taic ri:

  • Tachartasan Gàidhlig sa choimhearsnachd agaibh is air-loidhne
  • Pròiseactan is cothroman a tha a’ brosnachadh dhaoine òga a’ Ghàidhlig a chleachdadh còmhla
  • Pròiseactan a tha brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig am measg theaghlaichean is eadar ginealaichean
  • Ionnsachadh inbhich Gàidhlig sa choimhearsnachd
  • Colmcille – Togail cheanglaichean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig is Gaeilge

Bu chòir dhuibh cuideachd a bhith mothachail air mar a bhios am pròiseact agaibh a’ cur ri Plana Corporra Bòrd na Gàidhlig 2023-28 agus ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28.

Gheibhear ceangal gu stiùireadh do thagraichean agus foirm-iarrtais gu h-ìosal. Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh post-dealain gu tabhartas@gaidhlig.scot.

Ceann-latha airson Iarrtasan

Bu chòir iarrtas a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig cho luath ’s as urrainn agus gun a bhith nas anmoiche na 3f air Dimàirt 28 Faoilleach 2025. Cha bhi e comasach iarrtas a chur a-steach an dèidh sin ach ma fhuaras sibh cead ro-làimh bho oifigearan Bhòrd na Gàidhlig.

Stiùireadh 2024-26 (Duilleag làrach-lìn) / (PDF)

Foirm-iarrtais (air Portal iarrtasan maoineachaidh Bhòrd na Gàidhlig)

Taic le bhith lìonadh am foirm-iarrtais

Stiùireadh-measaidh

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd

Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security