Chruthaich Bòrd na Gàidhlig is com-pàirtichean air goireasan a chruthachadh air chor ’s gum faod luchd-labhairt na Gàidhlig air feadh na dùthcha a bhith nas fhaicsinniche ri càch a chèile agus gus cleachdadh na Gàidhlig ann an àitichean poblach a bhrosnachadh.
Tha sinn airson ’s gun tig luchd na Gàidhlig còmhla gus Gàidhlig a bhruidhinn ri chèile aig tachartasan agus ann am beatha làitheil. Tha na goireasan Cleachdi ann gus ar cuideadachadh gus an amas seo a choileanadh.
Òrdaichibh goireasan Cleachdi
Tha bathar Cleachdi ann dha daoine is buidhnean a tha airson sealltainn gu bheil Gàidhlig agaibh agus gu bheil sibh deònach a bhruidhinn. Tha e uile ri fhaighinn an-asgaidh agus faodar suas ri 10 lainneardan, bràistean, no postairean A5 òrdachadh, suas ri 20 steigear beag, agus suas ri 5 steigearan mòra no steigearan uinneige òrdachadh le bhith a’ lìonadh an fhoirm seo.
Airson òrdughan nas motha, no ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios thugainn aig 01463 225454 no aig fios@gaidhlig.scot.
Goireasan air-loidhne
Tha sinn cuideachd air goireasan didseatach Cleachdi a chruthachadh gus faicsinneachd na Gàidhlig a thogail air-loidhne. Faodar iad sin a luchdachadh a-nuas an seo;
Tha fàilte air duine sam bith suaicheantas Cleachdi a chleachdadh! Bhitheamaid nur comainn nan leanadh sibh stiùireadh-bhrannd Cleachdi ge-tà.