Co-chomhairleachadh Poblach ga Chur air Bhog airson Plana Nàiseanta na Gàidhlig
Co-chomhairleachadh Poblach ga Chur air Bhog airson Plana Nàiseanta na Gàidhlig
Chaidh dreachd den ath Phlana Nàiseanta na Gàidhlig fhoillseachadh an-diugh (27 Giblean 2022) gus beachdan fhaighinn air riochd a’ phlana mar phàirt de dh’ùine co-chomhairleachaidh phoblach a mhaireas trì mìosan. Gheibhear lorg air a’ Phlana an seo.
Gheibh muinntir Alba an cothrom na beachdan, prìomhachasan agus molaidhean aca a thoirt seachad must tèid plana deireannach a chuir air beulaibh Riaghaltas na h-Alba nas fhaide dhan bhliadhna.
Thèid seachd-deug tachartas a chumail air feadh na dùthcha tron Chèitean, an t-Ògmhìos agus an t-Iuchair gus fiosrachadh a thoirt seachad mu dreachd a’ phlana agus gus beachdan a chlàradh.
Thathar a’ moladh gun toir daoine seachad am beachdan tron t-suirbhidh aig: smartsurvey.co.uk/s/planagaidhlig, le cothrom ann cuideachd post-dealain no litir a sgrìobhadh.
Bidh an ùine Co-chomhairleachaidh Phoblach fosgailte gu 5f air 26 Iuchair 2022.
A rèir amasan a’ Phlana Nàiseanta Gàidhlig làithrich, tha ùghdar an d phlana seo, Bòrd na Gàidhlig, a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gum bi an cothrom as motha a ghabhas aig a bhith a’ toirt taic do chothroman gus an cànan a chleachdadh, ionnsachadh agus a bhrosnachadh.
’S e fear de na prìomh dhleastanasan a th’ aig Bòrd na Gàidhlig fo Achd na Gàidhlig 2005 a bhith a’ cruthachadh a’ Phlana Nàiseanta Ghàidhlig gach còig bliadhna, mus tèid a chur gu Ministearan na h-Alba airson aontachadh ris.
Bidh buill agus luchd-obrach a’ riochdachadh Bòrd na Gàidhlig aig gach tachartas poblach, far am faigh am poball cothrom ionnsachadh mu na tha air a thairgse san dreachd phlana ùr.
Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bòrd na Gàidhlig: “Tha an co-chomhairleachadh seo a’ toirt dhuinn cothrom beachdan a chruinneachadh bho air feadh Alba gus dreachd deireannach èifeachdach fhaighinn den Phlana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-2028.
“Tha sinn ag iarraidh gun gabh a h-uile duine an cothrom, ann an dòigh a choireigin, gus leigeil dhuinn raon-farsaing de bheachdan fhaighinn airson lèirsinn a thogail mu shlighe na Gàidhlig sna bliadhnaichean a tha romhainn.”
Thuirt Shirley-Anne Somerville, Rùnaire a’ Chaibineid airson Cànain:
“Tha Riaghaltas na h-Alba a’ strì gus taic a chumail ri coimhearsnachdan Gàidhlig agus tha am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a’ toirt seachad prìomhachasan agus cothroman gus an obraich ùghdarrasan poblach còmhla airson seo a choileanadh.
“Tha Co-chomhairleachadh poblach uabhasach cudromach sa phròiseas agus tha mi moladh duine sam bith le ùidh sa Ghàidhlig gun toir iad seachad am beachdan.”
Notaichean:
Tha tachartasan a’ tachairt air feadh Alba bhon Chèitean chun Iuchair agus iad fosgailte do dhuine sam bith:
11 Cèitean | Air-loidhne (Zoom), 7f |
18 Cèitean | Eilean Leòdhais, 12f |
18 Cèitean | Na Hearadh, 7f |
19 Cèitean | Eilean Leòdhais, 7f |
25 Cèitean | Dùn Èideann, 7f |
26 Cèitean | Glaschu, 12f |
26 Cèitean | Glaschu, 7f |
31 Cèitean | An t-Eilean Sgitheanach, 12f |
31 Cèitean | An t-Eilean Sgitheanach, 7f |
1 Ògmhìos | Uibhist a Tuath, 7f |
2 Ògmhìos | Uibhist a Deas, 7f |
14 Ògmhìos | Inbhir Nis, 7f |
15 Ògmhìos | Obar Dheathain, 7f |
16 Ògmhìos | Air-loidhne (Zoom), 7f |
28 Ògmhìos | An Gearasdan, 7f |
29 Ògmhìos | An t-Òban, 7f |
13 Iuchair | Air-loidhne (Zoom), 7f |
Thathar an dùil gu mair gach coinneamh mu uair a thìde, le fàilte air a chur air freagairtean ann an Gàidhlig no ann am Beurla (bithidh eadar-theangachadh beò gu Beurla ri fhaotainn aig gach tachartas).
Thèid gu EventBrite: Gàidhlig 2023-28 gus clàradh airson an tachartais.
Gheibhear tuilleadh mu dheidhinn a’ cho-chomhairle aig www.smartsurvey.co.uk/s/planagaidhlig no air post-dealain: plana@astarmedia.scot.