Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2023-28
Co-chomhairleachadh Poblach ga Chur air Bhog airson Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig
Chaidh dreach den ath Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig fhoillseachadh an-diugh (27 Giblean 2022) gus beachdan fhaighinn air riochd a’ phlana mar phàirt de dh’ùine co-chomhairleachaidh phoblach a mhaireas trì mìosan. Thèid agaibh air a’ Phlana a leughadh an seo.
Gheibh muinntir Alba an cothrom na beachdan, prìomhachasan agus molaidhean aca a thoirt seachad must tèid plana deireannach a chuir air beulaibh Riaghaltas na h-Alba nas fhaide dhan bhliadhna.
Thèid seachd-deug tachartas a chumail air feadh na dùthcha tron Chèitean, an t-Ògmhìos agus an t-Iuchair gus fiosrachadh a thoirt seachad mu dreach a’ phlana agus gus beachdan a chlàradh.
Thathar a’ moladh gun toir daoine seachad am beachdan tron t-suirbhidh aig: smartsurvey.co.uk/s/planagaidhlig, le cothrom ann cuideachd post-dealain no litir a sgrìobhadh.
Bidh an ùine Co-chomhairleachaidh Phoblach fosgailte gu 5f air 26 Iuchair 2022.
A rèir amasan a’ Phlana Nàiseanta Gàidhlig làithrich, tha ùghdar an dreach phlana seo, Bòrd na Gàidhlig, a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gum bi an cothrom as motha a ghabhas aig a bhith a’ toirt taic do chothroman gus an cànan a chleachdadh, ionnsachadh agus a bhrosnachadh.
’S e fear de na prìomh dhleastanasan a th’ aig Bòrd na Gàidhlig fo Achd na Gàidhlig 2005 a bhith a’ cruthachadh a’ Phlana Nàiseanta Ghàidhlig gach còig bliadhna, mus tèid a chur gu Ministearan na h-Alba airson aontachadh ris.
Bidh buill agus luchd-obrach a’ riochdachadh Bòrd na Gàidhlig aig gach tachartas poblach, far am faigh am poball cothrom ionnsachadh mu na tha air a thairgse san dreach phlana ùr.
Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bòrd na Gàidhlig: “Tha an co-chomhairleachadh seo a’ toirt dhuinn cothrom beachdan a chruinneachadh bho air feadh Alba gus dreach deireannach èifeachdach fhaighinn den Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2023-2028.
“Tha sinn ag iarraidh gun gabh a h-uile duine an cothrom, ann an dòigh a choireigin, gus leigeil dhuinn raon-farsaing de bheachdan fhaighinn airson lèirsinn a thogail mu shlighe na Gàidhlig sna bliadhnaichean a tha romhainn.”
Thuirt Shirley-Anne Somerville, Rùnaire a’ Chaibineid airson Cànain:
“Tha Riaghaltas na h-Alba a’ strì gus taic a chumail ri coimhearsnachdan Gàidhlig agus tha am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a’ toirt seachad prìomhachasan agus cothroman gus an obraich ùghdarrasan poblach còmhla airson seo a choileanadh.
“Tha Co-chomhairleachadh poblach uabhasach cudromach sa phròiseas agus tha mi moladh duine sam bith le ùidh sa Ghàidhlig gun toir iad seachad am beachdan.”
Tha tachartasan a’ tachairt air feadh Alba bhon Chèitean chun Iuchair agus iad fosgailte do dhuine sam bith:
11 Cèitean | Air-loidhne (Zoom), 7f |
18 Cèitean | Eilean Leòdhais, 12f |
18 Cèitean | Na Hearadh, 7f |
19 Cèitean | Eilean Leòdhais, 7f |
25 Cèitean | Dùn Èideann, 7f |
26 Cèitean | Glaschu, 12f |
26 Cèitean | Glaschu, 7f |
31 Cèitean | An t-Eilean Sgitheanach, 12f |
31 Cèitean | An t-Eilean Sgitheanach, 7f |
1 Ògmhìos | Uibhist a Tuath, 7f |
2 Ògmhìos | Uibhist a Deas, 7f |
14 Ògmhìos | Inbhir Nis, 7f |
15 Ògmhìos | Obar Dheathain, 7f |
16 Ògmhìos | Air-loidhne (Zoom), 7f |
28 Ògmhìos | An Gearasdan, 7f |
29 Ògmhìos | An t-Òban, 7f |
13 Iuchair | Air-loidhne (Zoom), 7f |
Thathar an dùil gu mair gach coinneamh mu uair a thìde, le fàilte air a chur air freagairtean ann an Gàidhlig no ann am Beurla (bithidh eadar-theangachadh beò gu Beurla ri fhaotainn aig gach tachartas).
Thèid gu EventBrite: Gàidhlig 2023-28 gus clàradh airson an tachartais.
Gheibhear tuilleadh mu dheidhinn a’ cho-chomhairle aig www.smartsurvey.co.uk/s/planagaidhlig no air post-dealain: plana@astarmedia.scot.