Buill Ùra a’ Bhùird
Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) a’ cur fàilte bhlàth air dithis bhall ùra a chaidh ainmeachadh an-diugh le Riaghaltas na h-Alba.
’S e tidsear Gàidhlig àrd-sgoile ann an Inbhir Nis a th’ ann an Seonaidh Charity, a’ teagasg Gàidhlig mar chànan do sgoilearan Foghlam tron Ghàidhlig is do luchd-ionnsachaidh, a thuilleadh air cuspairean tro mheadhan na Gàidhlig. Agus e fhèin na sheann sgoilear FtG, choisinn Seonaidh ceum Gàidhlig ann an Oilthigh Ghlaschu is PGDE bho Oilthigh Shrath Chluaidh. Bha e ag obair mar thidsear san t-seòmar-sgoile is mar Cheannard Curraicealaim ann an Dùn Èideann. Tha eòlas aige ann a bhith a’ lìbhrigeadh foghlam teagasg ’s e air a bhith na Cheannard Phrògraim is Àrd-òraidiche air ceum BA Gàidhlig is Foghlam Shabhal Mòr Ostaig is cùrsaichean PGDE Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Chaidh Maighstireachd Foghlaim (Med) Rannsachadh Sgrùdach le Àrd-urram a bhuileachadh air bho OGE, ’s e air rannsachadh a dhèanamh air leasachadh sgilean labhairt am measg sgoilearan FtG.
Thogadh Nicola NicThòmais san Eilean Sgitheanach leis a’ Ghàidhlig bhon ghlùn, agus tha i a’ fuireach san eilean fhathast còmhla ris an duine aice agus an trìuir chloinne. Chuir i seachad a’ mhòr-chuid de a beatha-obrach gu ruige seo, aig Sabhal Mòr Ostaig, agus mu dheireadh mar Stiùiriche Corporra. Tha gnìomhachas aice fhèin a-nise, Lasair Ltd, a tha a’ tabhann sheirbheisean taic do ghnìomhachasan aig astar. Tha sgilean aig Nicola ann an sgiobachd, rianachd agus riaghladh corporra. Bha i na stiùiriche air bòrd Fàs Mòr agus tha i na ball air Buidheann Ghàidhlig Eaglais na h-Alba. Tha Nicola cuideachd a’ ruith buidheann-òigridh do dheugairean le Gàidhlig ann an eaglais na sgìre.
Thuirt Mairi NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, “Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air Seonaidh agus Nicola mar bhuill ùra de Bhòrd na Gàidhlig. Tha e cudromach dhuinn, mar bhuidheann, gu bheil deagh mheasgachadh de dh’eòlais agus de choimhearsnachdan againn air a’ Bhòrd-stiùiridh agus cuideachd gun tig ùrachadh air na Buill. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla riutha aig Bòrd na Gàidhlig aig àm a tha cho loma-làn chothroman airson Gàidhlig a leasachadh – bidh fàilte bhlàth orra!”