Pìleat coimhearsnachd a’ tighinn air adhart gu math
Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) agus Fearann Coimhearsnachd na h-Alba (CLS) air leth toilichte innse gu bheil oifigear ùr air fhastadh gus tòiseachadh air conaltradh coimhearsnachd a mheudachadh airson a’ Ghàidhlig a neartachadh anns na h-Eileanan an Iar agus na h-eileanan ann an Comhairle na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal is Bòd.
Tha seo a’ leantainn air naidheachd sa Mhàrt 2021 gum biodh com-pàirteachas ùr ann gus maoineachadh a thoirt seachad agus co-dhùnaidhean stèidhichte sa choimhearsnachd a lìbhrigeadh airson leasachadh Gàidhlig le uachdarain coimhearsnachd, urrasan dualchais is eile.
Bidh an tagraiche soirbheachail, Criosaidh NicGillÌosa à Ratharsair, ag obair le CLS airson a’ Ghàidhlig a neartachadh ann an obair agus ballrachd CLS fhèin, agus taic a thoirt do thagraichean gus pròiseactan leasachaidh Gàidhlig a leasachadh agus a lìbhrigeadh.
A’ bruidhinn air an dreuchd ùr Agnes Rennie de CLS “Bidh fastadh Chriosaidh agus cur air bhog a’ phìleit na cheum cudromach ann a bhith a’ comasachadh agus a’ toirt taic do bhuidhnean freagarrach anns na sgìrean a chaidh a shònrachadh, gus pròiseactan ùra a thoirt air adhart a neartaicheas cànan is cultar na Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd.”
Thuirt an t-oifigear ùr Criosaidh NicGillÌosa, “Tha mi air bhioran mun chothrom seo a bhith ag obair le coimhearsnachdan gus pròiseactan làidir a leasachadh a tha gan stiùireadh leis na coimhearsnachdan fhèin. Tha mi cinnteach gum bi fìor dheagh thagraidhean againn anns na mìosan a tha romhainn.
Thuirt Shona Niclllinnein, Ceannard Bòrd na Gàidhlig, “Tha an dòigh ùr seo a’ togail air neart an raoin fharsaing de dh’urrasan coimhearsnachd a tha stèidhichte mar-thà anns na h-eileanan a bhios a’ lìbhrigeadh raon farsaing de bhuannachdan eaconamach is sòisealta. Leanaidh e gu barrachd chothroman a bhith a’ cleachdadh agus ag ionnsachadh na Gàidhlig ann am mòran thaobhan de bheatha nan eilean agus tha e stèidhichte air aithneachadh anns a’ Phlana Nàiseanta Gàidhlig gu feum coimhearsnachdan eileanach ro-innleachdan eadar-dhealaichte a tha a’ freagairt air na feumalachdan agus na miannan sònraichte aca fhèin.”
Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim Shirley-Anne Somerville, “’S e seo iomairt air a bheil deagh fhàilte agus a tha a’ leasachadh na farsaingeachd de phròiseactan mu thràth an sàs gus taic a thoirt do Ghàidhlig anns a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan.
“Tha mi a’ moladh Bòrd na Gàidhlig agus Fearann Coimhearsnachd na h-Alba airson a thoirt air adhart agus tha mi a’ cur meal a naidheachd air Chrissie NicGilleÌosa is a’ guidhe gach soirbheachas dhi leis an obair luachmhor seo.”
Aig an ath cheum den phròiseact thèid sgeama maoineachaidh a chur air bhog. Thèid deitichean cudromach fhoillseachadh air làrach-lìn Fearann Coimhearsnachd na h-Alba dh’aithghearr.
Lìbhrigidh seo maoineachadh aig trì ìrean – suas ri £5,000, suas ri £15,000 agus suas ri £30,000, le maoineachadh de £125,000 uile gu lèir. Bidh an sgeama fosgailte do dh’urrasan coimhearsnachd, chan e a-mhàin urrasan fearainn, anns na h-Eileanan an Iar agus eileanan Comhairle na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal is Bhòid. Feumaidh gach urras plana sìmplidh a chruthachadh a sheallas mar a mheudaicheas an obair aca cleachdadh, ionnsachadh agus adhartachadh na Gàidhlig anns na sgìrean aca.
Thèid co-dhùnaidhean mu mhaoineachadh a dhèanamh le panail de riochdairean bho dhiofar raointean agus roinnean. San dòigh seo, nì an sgeama cinnteach gum bi co-dhùnaidhean stèidhichte sa choimhearsnachd.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun sgeama maoineachaidh, cùmaibh sùil air: https://www.communitylandscotland.org.uk/.