Coinneamh a’ Bhùird-Stiùiridh – 16 An t-Ògmhios 2021
Naidheachd mhath do phrìomh bhuidhnean Gàidhlig maoinichte le Bòrd na Gàidhlig agus adhartas drùidhteach le leasachadh na buidhne.
Aig coinneamh ràitheil bòrd-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig (BnG) an-dè, dh’aontaich iad na leanas:
Leudachadh air aontaidhean maoineachaidh 3-bliadhnaichean
Mar iomadh buidheann phoblach eile, tha am Bòrd-stiùiridh air aontachadh na h-aontaidhean maoineachaidh 3-bliadhnaichean le com-pàirtichean lìbhrigidh a shìneadh airson bliadhna a bharrachd. Tha caochladh adhbharan air cùl an leudachaidh seo, nam measg, ath-shlànachadh ChOVID, leasachadh an ath Phlana Nàiseanta Gàidhlig, agus measadh air modalan com-pàirteachadh coimhearsnachd.
A’ toirt a’ Phlana Leasachaidh gu crìch
As dèidh co-chomhairleachaidh fharsaing le luchd-obrach, Riaghaltas na h-Alba agus luchd-sgrùdaidh on taobh a-muigh, agus ceangailte ris an t-sealladh glè dheimhinneach o Deloitte san Fhaoilleach 2021 gun robh BnG air leasachaidhean mòra a dhèanamh, chuala am bòrd nach robh ach seachd gnìomhan ri choileanadh o phlana na bliadhna seo. Às an fheadhainn seo, cha robh ach aonan às an aithisg thùsail le Deloitte ’s e le tomhas-ùine tùsail de 3 bliadhnaichean.
Bha iad den bheachd gun robh an t-adhartas ann a bhith a’ cur atharrachadh an gnìomh glè riarachail agus dh’aontaich iad gun gabhadh an siostam a th’ ann an-dràsta a thoirt gu crìch.
Cuideachd, thug am Bòrd-stiùiridh fa-near do raon de dh’aithisgean, nam measg:
Aithisg Bhliadhnail air Cur an gnìomh Phlanaichean Gàidhlig
Thug an dara Aithisg Bhliadhnail Dhearcnachadh air Planaichean Gàidhlig tar-shealladh coileanta air an adhartas a tha ga dhèanamh le gach ùghdarras air na planaichean Gàidhlig aca. Tha an aithisg dhearcnachaidh seo na pàirt phrìseil de lìbhrigeadh dhleastanasan BhnG.
Maoineachadh a Bharrachd a’ dol gu Com-pàirtichean Lìbhrigidh
Tha an aithisg seo a’ taisbeanadh gun robh maoineachadh a bharrachd de £569k ga thoirt seachad airson iomairtean agus pròiseactan eile a ghabh com-pàirtichean os làimh anns an trì bliadhnaichean a chaidh seachad, a bharrachd air a’ mhaoineachadh de £1.6m a chaidh a thoirt dha na prìomh chom-pàirtichean lìbhrigidh ann an 20/21.
Anns an dealachadh, thug am Bòrd-stiùiridh moladh mòr air obair an luchd-obrach, ag ràdh gun robh iad moiteil à obair na sgioba agus gam brosnachadh gu mòr leatha.