Dàta Thabhartasan

Tha Bòrd na Gàidhlig dealasach mu dheidhinn follaiseachd is tha sinn ag obair le 360Giving gus fiosrachadh fhoillseachadh mu na tabhartasan a tha sinn a’ toirt seachad.

A’ cleachdadh an fhoirm dàta 360Giving, tha na tabhartasan tha sinn air tabhann bho 2016/17 ri fhaighinn an seo ann an cruth OpenDocument Spreadsheet agus gabhaidh an dàta a rannsachadh tron làrach-lìn GrantNav an seo air no an clàr aig bonn na duilleig seo.

Tha an liosta seo a’ gabhail a-steach tabhartasan a chaidh a thoirt seachad le sgeama Maoin Coimhearsnachdan Gàidhlig aig Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, sgeama Maoin Tabhartasan Beaga aig Seachdain na Gàidhlig ann an 2023 agus 2024 is Maoin nan Ealain Gàidhlig 2023/24 aig Fèisean nan Gàidheal, uile a chaidh a mhaoineachadh no pàirt-maoineachadh le Bhòrd na Gàidhlig.

Airson fiosrachadh, air sgàth adhbharan dìon dàta chan eil an dàta seo a’ gabhail a-steach tabhartasan air an toirt seachad do dhaoine fa-leth airson cuid de thabhartasan, mar eisimpleir tron sgeama Tabhartasan Foghlaim againn.

Tha an obair seo air a cheadachadh fon Cheadachas Riaghaltas Fosgailte 3.0.  Airson lethbhreac den cheadachas seo fhaighinn, tadhail air http://www.nationalarchives.gov.uk/doc/open-government-licence/version/3/.  Tha seo a’ ciallachadh gum faodar an dàta a chleachdadh is a sgaoileadh mar a thogras sibh, ach feumar Bòrd na Gàidhlig aithneachadh mar an tùs.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn 360Giving, tadhail air https://www.threesixtygiving.org/

Tabhartasan uile bho 2016/17 air adhart (suas gu 31 Màrt 2024)

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security