Freagairt Bhòrd na Gàidhlig ri aithisg Earrann 22 aig Sgrùdadh Alba

Tha aithisg Earrann 22 seo mu Bhòrd na Gàidhlig stèidhichte air Aithisg Ceannardas is Riaghladh, a chaidh a thoirt dhan Chomataidh Sgrùdaidh is Rianachd Chunnartan na bu thràithe am-bliadhna. Is e seo an sgrùdadh as mionaidiche a rinneadh air a’ bhuidhinn riamh. Tha an aithisg seo a’ tighinn às dèidh trì bliadhna air leth trang do Bhòrd na Gàidhlig, le mòran atharrachaidhean ann an structar agus modhan-obrach. Chuir am bòrd-stiùiridh an t-uallach air a’ Cheannard gus na h-atharrachaidhean seo a dhèanamh.

 

Tha bòrd-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig ag aithneachadh nach robh na co-dhùnaidhean, a bha a’ cuimseachadh air riaghladh, ceannardas agus stiùireadh a bharrachd air fosgarrachd agus follaiseachd, uile a’ tighinn mar dheagh naidheachd dhan bhuidhinn.

 

Tha bòrd-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig ag aithneachadh gum feumar dòighean-obrach ùra a chruthachadh agus tha iad air tòiseachadh air prògram atharrachaidh farsaing. Tha na h-atharrachaidhean seo tron bhuidhinn air fad a’ gabhail a-steach:

 

  • Lèirmheas a dhèanamh air raon ùghdarrais agus riaghladh a’ bhùird-stiùiridh
  • Lèirmheas a dhèanamh air structar stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig
  • Lèirmheas a dhèanamh air conaltradh agus co-obrachadh le daoine/buidhnean eile an dà chuid air an taobh a-staigh agus an taobh a-muigh
  • A’ cur ri sgilean agus eòlas a’ bhùird-stiùiridh agus aig na h-àrd-mhanaidsearan
  • A’ cruthachadh plana trèanaidh dhan bhòrd-stiùiridh, dhan àrd-sgioba stiùiridh agus dhan luchd-obrach
  • A’ cruthachadh cultar le barrachd fosgarrachd agus follaiseachd

 

Tha am prògram seo ga chur an gnìomh mar-thà, le còrr is 50% de na gnìomhan a chaidh a mholadh air an cur an sàs taobh a-staigh ceithir mìosan bho fhuaireadh an aithisg, leis an dùil gun tèid an còrr a chrìochnachadh ro dheireadh na bliadhna ionmhais seo.

 

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig: “Tha amannan atharrachaidh duilich do bhuidheann sam bith, is mar sin chan eil Bòrd na Gàidhlig leis fhèin san dòigh seo. Tha an aithisg seo air mòran de na dùbhlain a bha romhainn anns na trì bliadhna a dh’fhalbh a nochdadh, gu sònraichte a thaobh na th’ ann de dh’obair ri dhèanamh gach latha, na dùbhlain fastaidh agus na goireasan cuibhrichte againn.

 

“Gus am fàs a’ bhuidheann agus gus an tèid na geallaidhean anns a’ Phlana Chorporra againn airson 2018-23 a choileanadh, feumaidh sinn cumail oirnn a bhith ag ath-sgrùdadh na h-obrach gu lèir againn agus atharrachaidhean a dhèanamh far a bheil sin riatanach. Tha sinn fhathast gu mòr airson crìoch a chur air a’ phrògram atharrachaidh againn, gus cuideachadh le soirbheas na Gàidhlig ann an Alba agus gus an lean na coimhearsnachdan Gàidhlig orra a’ fàs agus a’ soirbheachadh.

 

“Tha a h-uile duine a tha an sàs ann am Bòrd na Gàidhlig ag aithneachadh gu bheil feum air slighe air adhart agus tha iad gu mòr airson ’s gun tachair seo gus am bi na molaidhean a chaidh a dhèanamh san aithisg air an cur an gnìomh agus bhiomaid toilichte mìneachadh a thoirt dhan Chomataidh Sgrùdadh Poblach agus Iar-reachdail mun bhuidhinn agus mu na co-dhùnaidhean againn ma bhios feum air seo.

 

“Ach, tha e cudromach cuideachd a bhith a’ cur fòcas air a’ phrògram-obrach chudromach agus lèirsinneach a tha sinn air a lìbhrigeadh thar nam bliadhnachan mu dheireadh.

 

“Am measg nan coileanaidhean as cudromaiche againn, bha a bhith a’ faighinn aonta ministreil airson Plana Cànan Nàiseanta Gàidhlig 2018-23, air an deach fàilte mhòr a chur, agus a fhuair taic thar-phàrtaidh nach bu bheag a bharrachd air moladh bho luchd-planadh cànain a tha ag obair le mion-chànanan eile.

 

“Chùm sinn ris an aon bhuidseat bhliadhnail ann an àrainneachd fiosgail a tha a’ sìor fhàs dùbhlanach, a bharrachd air a bhith a’ cur ris an dà chuid cleachdadh, ionnsachadh agus adhartachadh na Gàidhlig ann an Alba agus cuideachd ris an àireamh de dh’ùghdarrasan poblach a tha an sàs gu gnìomhach sa Ghàidhlig.

 

“Chruthaich sinn iomairtean nàiseanta ùra, leithid Adhartas nas Luaithe, air a stiùireadh leis an Leas Phrìomh Mhinistear is Rùnaire an Fhoghlaim Iain Swinney gus farsaingeachd de phrìomh gheallaidhean anns a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a chur an gnìomh.

 

“Ann an 2017 fhuair sinn aonta Ministreil airson an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig tro cho-bhuidheann-obrach a chaidh a stiùireadh le Bòrd na Gàidhlig.

 

“Mu dheireadh, a bharrachd air iarrtas a tha a’ sìor fhàs air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba, dh’ullaich sinn aontaidhean maoineachaidh trì-bliadhna ùra a bheir comas do na prìomh bhuidhnean coimhearsnachdan a tha an sàs ann an cleachdadh agus brosnachadh na Gàidhlig a bhith a’ dèanamh obair dealbhadh is leasachaidh a bharrachd agus a bhith nas èifeachdaiche.

 

“Tha sinn uile ag iarraidh gum bi Bòrd na Gàidhlig na sgeulachd shoirbheachais – le bhith a’ gabhail ri co-dhùnaidhean na h-aithisge seo cuidichidh sin sinn le bhith ag obair a dh’ionnsaigh an amais sin.”

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security