Freagairt air Co-chomhairleachadh: Bile Ciorraman Ionnsachaidh, Òtasam agus Niùro Eug-samhlachd
Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba air Bile Ciorraman Ionnsachaidh, Òtasam agus Niùro Eug-samhlachd. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:
“Tha e ro-chudromach gum bi a h-uile moladh cocheangailte ri foghlam gu tur co-chòrdail ris a’ phrionnsapal gu bheil foghlaim ann an Alba ga lìbhrigeadh ann an dà chànan, an dàrna cuid tro mheadhan na Gàidhlig no tro mheadhan na Beurla. A thaobh feumalachdan taic a bharrachd agus feumalachdan sònraichte aig clann is daoine òga niùro eug-samhlach tha farsaingeachd de cheistean sònraichte co-cheangailte ri foghlam bogaidh agus dàchànanas air am bu chòir iomradh a thoirt airson gach moladh. Is urrainn Bòrd na Gàidhlig agus buidhnean eile leithid Stòrlann agus Foghlam Alba taic-airgid a thoirt seachad gus taic a chumail ri in-ghabhail an dà chuid a thaobh solar tro Mheadhan na Gàidhlig agus Foghlam tro Mheadhan na Beurla (FtG).
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ moladh cho lèirsinneach ’s a tha nàdar na Sgrìobhainn Co-chomhairleachaidh agus an aithris air td23: “tha a h-uile duine a tha a’ toirt seachad taic no seirbheisean, leithid cùram slàinte, foghlam agus cùram, … soilleir mu na dleastanasan aca fon Bhile agus mu cò dha a tha seo a’ buntainn”.”