Ceistean Cumanta – Fluxx
Tha sinn a’ cleachdadh Fluxx mar siostam air-loidhne airson rianachd a dhèanamh air na diofar sgeamaichean taic-airgid againn, is tron a seo tha e comasach iarrtasan is aithisgean a chur a-steach thugainn is cuideachd fiosrachadh fhaighinn a thaobh na h-iarrtasan, tabhartasan is aithisgean agaibh.
Tha freagairtean ri cheistean cumanta a thaobh Flux ri fhaighinn gu h-ìosal.
Tha sinn a’ cleachdadh Fluxx mar siostam rianachd tabhartasan, is faodaidh sibh iarrtasan is aithisgean a chur a-steach tron a seo is fiosrachadh fhaighinn ri linn iarrtasan, tabhartasan no aithisgean agaibh,
Gheibh sibh freagairtean gu h-ìosal air ceistean chumanta ri linn Fluxx, is ma tha taic sam bith eile a dhìth faodaidh sibh fios a chur thugainn aig tabhartas@gaidhlig.scot.
Dhìochuimhnich mi m’ ainm-cleachdaidh/facal-faire, ciamar a gheibh mi a-steach dhan chunntas?
Is e ur n-ainm-cleachdaidh am post-dealain agaibh, mar sin, feuchaibh seo mar ainm-cleachdaidh, no faodaidh sibh an ceangal cuimhne facail-fhaire aig https://bng.fluxx.io/forgot_password a chleachdadh. Cuiribh a-steach ur seòladh puist-d an sin is gheibh thu ceangal tro phost-d gus ur facal-faire ath-shuidheachadh.
Mur eil seo ag obair dhut cuiribh fios thugainn aig tabhartas@gaidhlig.scot is faodaidh sinn ur chuideachadh.
Chaidh mo ghlasadh a-mach às mo chunntas, dè nì mi?
Ma dh’fheuchas sibh logadh a-steach còrr is 5 uairean gun bhuaidh, glasaidh an siostam ur cunntas (gus bacadh a chur air daoine nach bu chòir faighinn a-steach dhan chunntas agad).
San t-suidheachadh seo cuiribh fios thugainn agus thèid againn air ur cunntas fhosgladh, agus faodaidh sibh ceangal an fhacail-fhaire à cuimhne a chleachdadh aig https://bng.fluxx.io/forgot_password airson ur seòladh puist-d a chur ann agus ceangal fhaighinn tron phost-d gus ur facal-faire ath-shuidheachadh.
Tha mi a’ feuchainn ri aithisg/iarrtas a dheasachadh ach chan urrainn dhomh
Dèanaibh cinnteach gu bheil an aithisg/tabhartas ceart air a thaghadh agaibh san liosta de dh’aithisgean/tabhartasan air an làimh chlì. Ma chì sibh fosgailte e air an làimh dheis, briogaibh air a’ phutan “Edit” aig mullach an sgrìn air an làimh dheis.
Mur faic sibh putan “Edit” ann, dh’fhaoidte gur ann air sgàth ’s gun do chuir sibh an aithisg/tabhartas a-steach a-cheana agus gu bheil sinn ga sgrùdadh a tha seo – mas ann mar sin a tha, feumaidh sibh fios a chur thugainn agus leigeil fhaicinn na dh’fheumas sibh atharrachadh.
Mas e seo aithisg/tabhartas ùr ge-tà agus mur h-eil putan “Edit” ann fhathast, cuiribh fios thugainn gus an ceartaich sinn seo dhuibh.
Tha mi ag obair air an iarrtais/aithisg ach cha do shàbhail i rudeigin a sgrìobh mi roimhe
Cha bhi an siostam a’ sàbhaladh gu fèin-obrachail, mar sin, ma dh’fhàgas sibh iarrtas no aithisg gun a shàbhaladh thèid am fiosrachadh sin a dhìth. Feuch gun cleachd sibh am putan “Sàbhail” gorm aig bonn an sgrìn gu tric airson dèanamh cinnteach gun sàbhail an siostam ur cuid obrach.
Chuir mi crìoch air an iarrtas/aithisg agam, ach chan aithne dhomh mar a chuireas mi a-steach e
Ma tha an t-iarrtas/tabhartas fosgailte agaibh, cleachd am putan “Save and Close” aig bonn an sgrìn. Bu chòir gum faic sibh an uair sin putan “Submit” aig bonn an sgrìn, a dh’fhaodas sibh cleachdadh.
B’ fheàrr leam m’ aithisg a chur a-steach ann an cruth eile/obair oirre ann an cruth eile mus cuir mi a-steach i
Leigibh fhaicinn dhuinn aig tabhartas@gaidhlig.scot ma bhios sibh a’ falbh agus thèid againn air cunntas ùr a chur air bhonn do neach-aithne ùr agus/no luchd-aithne a cheangal ris na tabhartasan agaibh.
Tha mi a’ fàgail a’ bhuidhinn agus feumaidh cuideigin eile faighinn a-steach don chunntas, ciamar a nithear seo?
Leigibh fhaicinn dhuinn aig tabhartas@gaidhlig.scot ma bhios sibh a’ falbh agus thèid againn air cunntas ùr a chur air bhonn do neach-aithne ùr agus/no luchd-aithne a cheangal ris na tabhartasan agaibh.
Am faod mi cuideigin eile a chur ris mar neach-aithne airson an tabhartais?
Faodaidh, leigibh fhaicinn dhuinn cò a bu toigh leibh cuir ris mar neach-aithne agus am bu chòir dhaibh a bhith mar phrìomh neach-aithne no neach-aithne ionmhais agus cuiridh sinn sin air dòigh.
Bu toigh leam mo chunntas a dhubhadh às, ciamar a nithear seo?
Cuiribh fios thugainn nam bu toigh leibh ur cunntas a dhubhadh às. Tha dleastanas oirnn beagan fiosrachaidh a thaobh tabhartasan is iarrtasan a ghleidheadh air adbharan clàraidh ionmhasail ann an co-chòrdadh ri ar poileasaidh dìomhaireachd, ach bruidhnidh sinn ribh mur feumalachdan sònraichte fhèin.