Freagairt air Co-chomhairleachadh: Meòrachan Ionmhais Bile nan Cànan Albannach
Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dha cho-chomhairle Phàrlamaid na h-Alba air a’ Mheòrachan Ionmhais Bile nan Cànan Albannach. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:
“Tha am Meòrachan Ionmhais a’ mìneachadh, ann am paragraf 6, “Is e Bile a tha seo gus dèanamh cinnteach gu bheil structar an sàs air feadh an riaghaltais agus Rianachd na h-Alba san fharsaingeachd gus feumalachdan choimhearsnachdan na Gàidhlig agus na Scots, agus feumalachdan na Gàidhlig is na Scots fhèin a choileanadh san àm ri teachd.” Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air a’ mhiann seo ach tha sinn teagmhach a bheil e comasach seo a choileanadh tron mhodail ionmhais làithreach.”
Gheibhear am freagairt slàn an seo.