Freagairt air Co-chomhairleachadh: Dreachd Ro-innleachd Chorporra CnES
![Picture: Boats at pontoons in the Western Isles with text over picture. Text reads 'Consultation Response: CnES Draft Corporate Strategy'](https://www.gaidhlig.scot/wp-content/uploads/2023/10/BNG-Posts-Thumbnails-2.jpg)
Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Comhairle nan Eilean Siar Dreachd Ro-innleachd Chorporra 2024-27. Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:
“Tha Poileasaidh Gàidhlig, Ro-innleachd Chorporra 2022-2027 agus Plana Gàidhlig na Comhairle ag adhartachadh agus a’ toirt taic do chleachdadh, ionnsachadh agus adhartachadh na Gàidhlig anns na h-eileanan an Iar. Mar a tha am Poileasaidh Gàidhlig agus Ro-innleachd Chorporra ag ràdh:
Gum bu chòir do Na h-Eileanan an Iar gu bunaiteach na choimhearsnachdan dhà-chànanach far a bheil an aon ùghdarras aig a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla mar mheadhanan conaltraidh.
Ann an com-pàirticheas, tha a’ Chomhairle dealasach gu stèidheachadh seasmhachd dhan Ghàidhlig agus a cultar san àm ri teachd ann an Innse Gall, agus gum bi Innse Gall air an aithneachadh agus taic air a chumail riutha le buidhnean nàiseanta a thaobh buaidh air taic don Ghàidhlig, an dàimh ris a’ chànan agus gu h-eacanomaigeach.”
Gheibhear am freagairt slàn an seo.